Bha na mìltean de shaighdearan a' dèanamh air tìr fad an latha - còrr is 75,000 Breatannach agus Canàidianach air na tràighean air an tugadh na h-ainmean Gold, Juno agus Sword, agus mu 57,000 Ameireaganach aig tràighean air an tugadh Utah agus Omaha.

©Franklin D. Roosevelt Presidential Library
Mu mheadhan-oidhche bha feachdan a' Chaidreachais air smachd fhaighinn air na tràighean ach cha b' ann gun chall. Bha iad air 5,000 duine a chall, àireamh a bha tòrr na b' ìsle na bha dùil. Ach bha an obair aca fada bho bhith deiseil.
Dh' fheumadh iad a-nis brath a ghabhail air an t-suidheachadh agus cumail a' dol. Taobh a-staigh seachdain, bha iad air smachd fhaighinn air cha mhòr leth-cheud mìle den chosta. As dèidh iomairt shoirbheachail D-Day bha an slighe tro cheann a-tuath na Frainge gu math slaodach is an dùthaich còmhdaichte le coilltean dlùth. Ach a dh'aindeoin sin chùm feachdan a' Chaidreachais a' dol.
Ro dheireadh an Ògmhios, bha baile Cherbourg, fear de phrìomh phuirt Normandy aca agus thàinig an iomairt ann an Normandy gu crìch anns an Lùnastal 1944 nuair a chaidh cur às de fheachd mhòr Ghearmailteach ann an sgìre Falaise. Air 25 Lùnastal, chaidh Paris a shaoradh agus chaidh ruaig a chur air na Nàsaich le taic bho mhuinntir a' bhaile.

