BBC HomeExplore the BBC
This page has been archived and is no longer updated. Find out more about page archiving.

DILUAIN
19 Faoilteach 2015
Accessibility help
Teacsa a-mhàin
Strì gu Sìth : 1939 - 1945

BBC Homepage
Alba

Cuspairean

Fios thugainn

An toil leat an duilleag-sa?
Cuir gu caraid i!

 
An darna cogadh
Aig an DachaighBomaichean

Postair "Britain shall not burn"Cha b’ e Lunnainn a-mhàin a dh’fhuiling bho bhomaichean nan Gearmailteach. Rinn iad sgrios ann an iomadh ceàrnaidh agus gu h-àraidh ann am bailtean puirt agus bailtean anns an robh factaraidhean is leaghadairean. Bha Glaschu na phrìomh phort agus bhathar a’ dèanamh barrachd iarainn an Glaschu na bhathar a’ dèanamh am baile sam bith eile san rìoghachd agus bha fios aig an nàmhaid air an seo. Air 13 Màrt 1941 rinn an Luftwaffe air Glaschu.

Chaidh còrr is mìle boma a leagail air sgìre Chluaidh an oidhche sin agus mhair an ionnsaigh còrr air ochd uairean a thìde. Chaill faisg air 550 neach am beatha agus bha còrr air 4,000 dachaigh ri talamh. Thug 200 itealan ionnsaigh a mhair 15 uair a thìde is cha robh ach seachd taighean slàn nuair a dh’fhalbh iad.

Air ais

Dealbh ©The National Archives: ref.INF13/281(10)

Èist ri na h-Eòlaichean
"Bha sinne 'lucky'..."

Bha Anna Mhàrtainn ann an Glaschu nuair a chaidh ionnsaigh le bomaichean a thoirt air Bruaichean Chluaidh. Chunnaic i seallaidhean nach do dhìochuimhnich i an ath mhadainn.
"Thuirt iad rinn gu robh an air-raid air tòiseachadh ann an Glaschu..."
Bha Raghnall MacIlliosa air fòrladh às an airm nuair a thuit na bomaichean air Glaschu.
"Tha cuimhne agam èirigh agus am baile fhaicinn na smàl..."
Cha robh Fionnlagh MacNèill ach na ghille gu math òg aig an àm, ach 's math tha cuimhne aige air a bhith dol fo dhìon ann an àitichean-fasgaidh fon talamh nuair a thigeadh an rabhadh gu robh na bomairean Gearmailteach air fàire.


About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy