
©Franklin D. Roosevelt Presidential Library
San t-Sultain 1940, fad 24 oidhche, bha sràidean Lunnainn nan smàl ‘s an t-adhar os cionn a’ bhaile air a lìonadh le sgread bhomaichean agus fuaim itealain feachd-adhair na Gearmailt, a’ Luftwaffe. Ged a bha an suidheachadh doirbh anns a h-uile dòigh, chùm daoine a’ dol, a’ toirt taic is misneachd dha chèile mar a b’fheàrr a b’urrainn dhaibh. B’ ann air an oidhche a thigeadh na bomairean, oir, a dh’aindeoin blackout, bha e furasta dhaibh bruaichean abhainn Thames a leantainn. Agus oidhche an dèidh oidhche dheigheadh daoine ri fasgadh fo thalamh ann an àitichean a thogadh a dh’aon ghnothaich, ach cuideachd ann an stèiseanan nan trèanaichean a bha ruith fo thalamh.

©Franklin D. Roosevelt Presidential Library

