
Cha b’fhada thug an naidheachd gu robh an cogadh air a ghairm a’ sgaoileadh.
Cha robh ceàrnaidh dhen Rìoghachd air nach tug e buaidh. Chaidh
iarraidh air fireannaich a bha ’n aois cheart, agus a bha slàn,
fallain, a thighinn air adhairt airson a dhol dhan arm. Ach ‘s iomadh
fear a fhreagair an gairm a dh’aindeoin a bhith ro òg.
©William Chalmers

