
"Tha iad cho sàbhailt' 's ged a bhiodh iad sa bhanca "
Thòisich an cogadh aig Uilleam MacIlleathain à Baile an Truiseil, Leòdhas, air HMS California, ann an Scapa Flow an Arcaibh, agus bha cuimhne mhath aige air oidhche h-Aoine, 13 Dàmhair 1939, an oidhche a chaidh HMS Royal Oak a chur fodha is a chaill 833 duine am beatha.


