Am Feadan Airgid a' tilleadh gu Sabhal Mòr Ostaig

Duais an Fheadain AirgidTùs an deilbh, Sabhal Mòr Ostaig
  • Air fhoillseachadh

Bidh farpais chliùiteach pìobaireachd an Fheadain Airgid a' tilleadh gu Sabhal Mòr Ostaig am-bliadhna.

Am measg nan tachartasan pìobaireachd as cudromaiche a th' ann, chaidh an fharpais a stèidheachadh san Eilean Sgitheanach ann an 1967, 's i ga cumail aig Caisteal Dhùn Bheagain, mar dhòigh air ceòl Chloinn MhicCruimein- a bha nam pìobairean do MhacLeòid Dhùn Bheagain - a chomharrachadh.

'S e seo an treas bliadhna a thèid a cumail aig Sabhal Mòr Ostaig an dèidh dhan fharpais tilleadh dhan Eilean Sgitheanach ann an 2022.

Chaidh a gluasad gu Ionad Nàiseanta na Pìobaireachd ann an Glaschu ann an 2018 ri linn duilgeadasan airgid.

Tha an fharpais ga meas mar thè de phrìomh fharpaisean airson ceòl mòr, 's e air a ruith ann an compàirteachas eadar Uisge-beatha Braiche Singilte Thorabhaig, Sabhal Mòr Ostaig agus Comunn na Pìobaireachd.

Ceann-suidhe Comann na Pìobaireachd Rab Wallace, agus an Dr Decker ForrestTùs an deilbh, Sabhal Mòr Ostaig

'S iad an sianar fharpaiseach a thèid an aghaidh a chèile ann an Talla Dhonnaidh Chaimbeil:

Alastair Brown

Sandy Cameron

Steven Leask

Stuart Liddell

Derek Midgley

Brodie Watson Massie

'S e An Dr Jack Taylor am britheamh am-bliadhna.

Fhuair gach duine den t-sianar àite san fharpais le bhith a' soirbheachadh ann am prìomh fharpaisean pìobaireachd na h-Alba.

Bidh iad a' seinn fear de na fuinn ainmeil aig Clann MhicCruimein mu choinneimh luchd-èisteachd.

Sabhal Mòr Ostaig
Fo-thiotal an deilbh,

Tha an fharpais air a bhith aig Sabhal Mòr Ostaig trì tursan bho thill i dhan eilean ann an 2022

Thèid an fharpais a chumail oidhche Chiadain an 5mh là den Lùnastal - an dèidh Gheamaichean an Eilein Sgitheanaich a bhith air an cumail tron là.

"Tha e na thoileachas mòr dha Sabhal Mòr Ostaig Farpais an Fheadain Airgid a chumail a-rithist, farpais a tha a-nis na thachartas bliadhnail cudromach do mhuinntir an eilein agus do dhaoine ann an saoghal eadar-nàiseanta na pìobaireachd," thuirt an Dr Decker Forrest, an Stiùiriche Cùrsa airson BA (Urr) Gàidhlig is Ceòl ig Sabhal Mòr Ostaig

"Seo a' phrìomh fharpais pìobaireachd airson ceòl Chloinn MhicCruimein, far an cluinnear cuid de na pìobairean as fheàrr san t-saoghal a' dèanamh taisbeanadh air fuinn, sgeulachdan agus dualchas nam pìobairean Sgitheanach iomraiteach sin."

Fosglaidh na dorsan aig 7:00f le dùil gun tòisich an fharpais aig 7:30f.

Ceannaichear ticeadan aig an doras.

Tuilleadh air an sgeulachd seo