Ceòlas: Barrachd oileanach Gàidhlig agus goireas ùr Cnoc Soilleir

Daoine a' dannsa aig cèilidh.Tùs an deilbh, CEÒLAS
  • Air fhoillseachadh

Tha àrdachadh air a thighinn air an àireamh dhaoine a tha a' gabhail Gàidhlig mar chuspair aig Sgoil Shamhraidh Cheòlais, a rèir na buidhne.

Sin agus an sgoil shamhraidh ga cumail an t-seachdain seo ann an Uibhist a Deas.

Bidh còrr is 100 duine a-nis a' dol gu Ceòlas a h-uile samhradh airson oideachadh ann an Gàidhlig, dannsa, ceòl agus seinn sa choimhearsnachd.

Ach a rèir tè de stiùirichean na buidhne, Catriona Chaimbeul, tha atharrachadh air a bhith ann.

"Cha b' àbhaist na h-uiread a bhith a' tighinn a dhèanamh Gàidhlig, mar eiseimpleir."

"Tha an ùidh ann an clasaichean Gàidhlig air èirigh gu mòr."

Boireannach le falt liath agus speuclairean.
Fo-thiotal an deilbh,

Catriona Chaimbeul

A thuilleadh air an sin, tha e coltach gu bheil ùidh an òigridh ann an ceòl air a dhol am meud cuideachd.

Thuirt Manaidsear Obraichean Eadar-amail na buidhne, Peigi Ann NicGilleMhaoil:

"Tha seachad air 100 oileanach againn agus tha 17 òganach againn am bliadhna."

"Tha na h-àireamhan de dh'òigridh a tha a' dèanamh an fhidheall agus a' phìob air a dhol suas am-bliadhna."

"Tha sinn cho toilichte sin fhaicinn."

Boireannach na seasamh ann an trannsa.
Fo-thiotal an deilbh,

Peigi Ann NicGilleMhaoil

An-uiridh, chomharraich Ceòlas 30 bliadhna bhon a chaidh a' chiad sgoil shamhraidh a chumail.

Bhon uairsin, chithear na h-aon dhaoine a' tilleadh thuice bho bhliadhna gu bliadhna.

Tha 10-12 bliadhna bho thàinig Mairead Ford ann an toiseach agus tha i air tilleadh am-bliadhna airson seinn a theagasg.

Tha deagh chuimhneachain aice air a bhith an làthair còmhla ri a teaghlach.

"Chòrd e rinn uile gu mòr," thuirt i.

"Dìreach a' choimhearsnachd a bhith an sàs ann, a' bruidhinn Gàidhlig fad na h-ùine, a bhith a' tachairt ri daoine ùra."

"Agus bha ùidh aca uile ann an Gàidhlig no a bhith a' seinn no rudeigin."

Cnoc Soilleir

Nuair a thoisich Ceòlas, 's ann an tallaichean beag is mòr san sgìre mu thimcheall Dalabrog a bha clasaichean agus cuirmean gan cumail tron là agus air an oidhche.

Ach chaidh crìoch a chur air an togalach ùr aig Cnoc Soilleir air a' mhìos a chaidh - ionad airson ceòl, dannsa agus cultar na Gàidhlig ann an Uibhist a Deas.

Tha seo air atharrach mòr a dhèanamh do Cheòlas, tha e coltach, le oidean agus luchd-ciùil air moladh mòr a dhèanamh air a' ghoireas.

Togalach le bhanaichean air a bheulaibh.

Thuirt Peigi Ann: "Tha iadsan a' falbh agus tha iad ag ràdh cho math 's a tha e air a bhith - a' seinn 's a' cluich ann agus tha mi den bheachd gun tig tòrr dhaoine thugainn 's gun lìon sin an t-àite."

"Dh'fhaodadh sinn tòrr rudan diofraichte a thoirt a dh'Uibhist a-nis gu bheil an goireas ùr a tha seo againn."

Ach ged a chaidh an toglach aig Cnoc Soilleir a dhealbh a dh'aona-ghnothach a rèir obair na buidhne, tha Ceòlas fhathast airson taic a chumail ris na tallaichean a bhiodh iad a' cleachdadh roimhe.

"Tha clasaichean againn ann an Talla Naoimh Peadair agus anns an talla-coimhearsnachd an ath dhoras," thuirt i.

"Agus tha cuirm gu bhith againn oidhche Dhiardaoin ann an Southend."

Tuilleadh air an sgeulachd seo