Am Feadan Airgid

'S e Aonghas MacColla à Meadarloch a thàinig am bàrr aig an fharpais phìobaireachd chliùteach - Am Feadan Airgid.

Feumaidh pìobairean cuireadh fhaighinn gus pàirt a ghabhail innte.

B’ e seo an treas turas a choisinn Aonghas MacColla an duais, ga dhearbhadh uair eile mar shàr-phìobaire.

Bha am fear-naidheachd againn, Gilleasbuig MacDhòmhnaill, an làthair.