Na Hearadh & Am Bac an cuairt-dheireannach Cupa Eilean an Fhraoichair fhoillseachadh aig 13:08 TSB
'S e breaban-peanais a bha a dhìth ann an Garrabost airson An Rubha agus Na Hearadh a sgaradh
Thèid na Hearadh an aghaidh A' Bhac ann an cuairt dheireannach Cupa Eilean an Fhraoich às dèidh dhan dà sgioba faighinn tro na geamaichean aca oidhche Luain.
Bha Na Hearaich 3-0 air thoiseach air an Rubha a' dol a-steach dhan dàrna geam eatorra san iar-chuairt dheireannaich.
Ach, thug dà thadhal bho Josh Mac a' Ghobhainn agus aonan bho Chailean MacLeòid na Rubhaich co-ionnan thar an dà gheam.
Chaidh an geam gu ùine a bharrachd ach cha d' fhuair aig sgioba seach sgioba air tadhal fhaighinn a' ciallachadh gun robh feum air breaban-peanais.
'S iad na Hearaich a thàinig am bàrr an sin, 7-6, airson faighinn troimhe chun na cuairt deireannaich.
Bha Am Bac cuideachd 3-0 air thoiseach às dèidh a' chiad gheam acasan an aghaidh an Taobh Siar.
Coltach ris a' gheam aig Pàirce an Rubha thill na Siaraich gu bhith co-ionnan le na trì tadhail uile a' tighinn bho Ali "Barvas" MacLeòid.
Ach le dusan mionaid ri dhol, chuir Jamie MacFhionghain Am Bac air thoiseach a-rithist, 4-3, agus bha sin gu leòr airson an cur troimhe.
Thèid a' chuairt-dheireannach a chumail Disathairne an 8mh là den Lùnastal aig Pàirce nan Còig Peighinnean ann an Nis.












