Valtos a' cluich aig Cuirm Fosglaidh Gheamaichean a' Cho-fhlaitheis

- Air fhoillseachadh
Bidh an còmhlan Sgitheanach Valtos a' cluich aig Cuirm Fosglaidh Gheamaichean a' Cho-fhlaitheis ann an Glaschu nas fhaide den mhìos.
Thèid a' chuirm a chumail anns an OVO Hydro air an 23mh den Iuchar.
Cluichidh Valtos fhad 's a tha Pairèid nan Nàiseanan a' tachairt.
Sin nuair a choisicheas lùth-chleasaichean bho 74 nàisean agus sgìre a-steach dhan talla agus iad a' taisbeanadh bhatanan.
'S àbhaist nach eil ach aon bhatan ann an Turas Bhatan an Rìgh agus bidh sin ga ghiùlain tro nàiseanan a' Cho-fhlatheis air fad.
Ach am-bliadhna, a thuilleadh air an fhear a th' air chuairt, chaidh am batan fhèin a thoirt dhan a h-uile sgioba airson a sgeadachadh.

Bhuannaich Stephen Libby 'The Traitors' aig toiseach 2026
Tadhlaidh batan an Rìgh air còrr is 50 tachartas air feadh na h-Alba mus ruig e a' Hydro airson na cuirm fosglaidh - Fèis Cheilteach Innse Gall ann an Steòrnabhagh nam measg.
Nochdaidh e an sin air 16mh den Iuchar.
Bidh e air a ghiùlain le Stephen Libby a bhuannaich sreath 'The Traitors' agus an neach-snàimh, Kara Hanlon, a bha mar phàirt de sgioba na h-Alba aig Geamaichean a' Chlo-fhlaitheis ann am Birmingham ann an 2022.

Nochd Kara aig Geamaichean a' Cho-fhlaitheis ann am Birmingham ann an 2022
Tha Valtos air obrachadh còmhla ri luchd-ciùil bho air feadh a' Cho-fhlaitheis air thoiseach air a' chuirm.
Thuirt Martyn Dòmhnallach bhon chòmhlan: "Tha ar ceòl stèidhichte air traidiseanan agus fuaimean chultar na Gàidhlig.
"Mar sin, tha e a' faireachdainn nàdarra dhuinn a bhith a' taisbeanadh ceòl bho air feadh an t-saoghail aig Pairèid nan Nàiseanan - càil cho tradiseanta 's a th' anns a' chuirm fhosglaidh."
Cuideachd air an àrd-ùrlar aig a' chuirm bidh KT Tunstall, Nathan Evans agus Saint Phnx.
Thuirt an fheadhainn a tha ga chur air dòigh gum bi "Glaschu aig cridhe na sgeòil".
Chaidh na Geamaichean a chumail roimhe ann an Glaschu ann an 2014 ach bidh an fheadhainn seo nas lugha, le lùth-chleasaichean a' farpais ann an 10 spòrs seach 17.
Thèid an craoladh beò air BBC ALBA.
Gheibhear ticeadan air làrach-lìn nan Geamaichean., taobh a-muigh
Tuilleadh mun sgeulachd seo
- Air fhoillseachadhBho chionn 3 làithean

- Air fhoillseachadh29 An t-Iuchar 2022

- Air fhoillseachadh2 Am Faoilleach
