Astar Àrnoil: Daoine a' dol "cho luath 's a tha iad ag iarraidh"

Tha Iain Mac a' Ghobhainn am measg na tha ag iarraidh casg-astair ann an Àrnol
- Air fhoillseachadh
Tha muinntir Àrnoil air taobh siar Leòdhais air athchuinge a chur gu Comhairle nan Eilean Siar agus iad ag iarraidh casg-astair air trafaig tron bhaile 's air a' phrìomh rathad.
Tha seo a' tighinn agus draghan ann mu cho luath 's a tha cuid a' draibheadh seachad air taighean anns a bheil teaghlaichean agus clann òga.
Faodaidh draibhearan a dhol aig 60msu tron bhaile fhèin agus air an earrann seo den A858.
Chaidh casg-astair iarraidh roimhe bho chionn 10 bliadhna ach dh'fhàilig an oidhirp sin.
Iomairt airson casg-astair 40m.s.u. an Àrnol
- Air fhoillseachadh11 Am Màrt 2017
Tha Iain Mac a' Ghobhainn a' fuireach ann an Àrnol.
"Tha sinn air a bhith a' gearan mu dheidhinn bho chaidh an rathad a dhèanamh às ùr," thuirt e.
"Tha an rathad math agus mar sin dheth, tha daoine den bheachd gum faod iad a dhol cho luath 's a tha iad ag iarraidh."
"'S bidh iad a' dèanamh sin."
Thuirt Iain gu bheil comhairle coimhearsnachd na sgìre air a bhith a' bruidhinn ris a' chomhairle fad bhliadhnaichean airson rudeigin a dhèanamh mu dheidhinn.
"Chan eil iad ag èisteachd," thuirt e.
"Agus cha tug iad riamh dhuinn adhbhar carson nach eil casg-astair againn mar a th' aig bailtean eile."

Bidh càraichean a' siubhal aig astar air an earran seo den A858

Tormod Caimbeul, Cathraiche Comhairle Coimhearsnachd Shiaboist
Tha athchuinge a-nis air a dhol chun na comhairle le iarrtas airson casg-astair 40msu air an rathad mhòr agus 30msu tron bhaile.
Tha Àrnol fo bhratach Comhairle Coimhearsnachd Shiaboist.
'S e Tormod Caimbeul à Àrnol cathraiche na buidhne.
"Bha dhroch thubaist againn ann an seo, saoilidh mi gur ann an 2008," thuirt e.
"Bhàsaich bodach. 'S e rathad gu math luath a th' ann."
A rèir Thormoid, tha rathad a' bhaile, an rathad cùl mar a th' aca fhèin air, cha mhòr a cheart cho trang ris a' phrìomh rathad.
Thuirt e: "Tha an taigh dubh againn agus tha busaichean ann.
"Nuair a bhios soithichean luchd-turais a-staigh ann an Steòrnabhagh, 's dòcha gum bi bus a-staigh an seo 10-12 turas san là.
"Sin a bharrachd air na busaichean àbhaisteach".

Bidh Murchadh MacGilleEathain a' dol cuairt anns a' bhaile gach là
Bidh Murchadh MacGilleEathain a' gabhail cuairt anns a' bhaile a h-uile là agus tha e a' faighinn tàir leis an astar a th' aig càraichean.
Ach aig a' cheart àm, tha e teagmhach mu shoidhnichean casg-astair.
"Faodaidh iad an cur an àirde ach an dèan iad mòran diofar?
"Cha chreid mise gun dèan.
"Bidh daoine a' dol aig an aon astar co-dhiù.
"Chan eil iad a' dol a thoirt feart sam bith do shoidhne no do chàil eile."
"Cumaidh sinn oirnn a' strì"
Bha Coinneach Macleòid, fear de chomhairlichean an Taobh Siar agus Nis agus fear-gairm na comhairle, an sàs san iomairt a bh' ann roimhe airson casg-astair.
"Tha fhios againn gu bheil tòrr de na carbadan a bhios a' siubhal tro Àrnol, gu bheil iad a' dol aig astar," thuirt e.
"Cuideachd, tha sinn air faicinn thairis air na 25 bliadhna mu dheireadh gu bheil tubaistean air a bhith air an rathad seo.
"Cumaidh sinn oirnn a' strì gum faigh sinn casg-astair oir thathas a' coimhead air casgan-astair a chur air rathaidean air feadh nan eilean, mar a tha iad a' dèanamh ann an àitichean eile.
"Sin rud a thàinig bho Riaghaltas na h-Alba - gun dèidheadh coimhead a-rithist air far a bheil casgan-astair air na rathaidean mòra agus càite am bu chòir dhaibh a bhith air an cur."