Gearanan mu ghearradh slighe rothaireachd an Inbhir Nis

Mar a bha an lèana-rothaireachd roimhe, e peanta uaine air uachdar an rathaid agus bacain-rathaid ga chomharrachadhTùs an deilbh, HIGHLAND CYCLE CAMPAIGN
Fo-thiotal an deilbh,

Mar a bha an lèana-rothaireachd roimhe, e peanta uaine air uachdar an rathaid agus bacain-rathaid ga chomharrachadh.

LeMàiri Riddoch
BBC NaidheachdanAg aithris àInbhir Nis
  • Air fhoillseachadh

Tha luchd-iomairt rothaireachd an Inbhir Nis a' gearan air mar a thug Comhairle na Gàidhealtachd air falbh earrainn de shlighe-rothaireachd air Sràid Allt a' Mhuilinn.

Chaidh an t-slighe a stèidheachadh aig àm Covid.

Chaidh a cur an sàs gus barrachd rùm a thoirt do luchd-baidhseagail airson astarachadh sòisealta a chumail bho chèile agus bho luchd-coise air a' chabhsair.

Chuireadh bacain-rathaid an sàs ga chomharrachadh ann an 2020, agus chaidh peanta uaine a chur air uachdar na h-earrainn ud den rathad ann an 2021 a' cleachdadh maoineachadh bhon Riaghaltas.

Ach bho chionn ghoirid chaidh ceann na slighe-rothaireachd a thoirt air falbh agus a rèir Bhuidheann Iomairt Rothaireachd na Gàidhealtachd, cha deach innse gun robh seo a' dol a thachairt.

Tha neach-gairm na buidhne, Emily Williams, ag ràdh gun tàinig an t-atharrachadh mar chlach às an adhar.

"Nuair a chunnaic mise an toiseach e bha iad dìreach air uachdar ùr a chur sìos, 's bha dùil agam gun cuireadh iad air ais e," thuirt i.

"'S e briseadh-dùil dha-rìribh a th' ann. Tha mi a' tuigsinn gur ann airson lèana bus a chur a-steach a chaidh seo a dhèanamh, agus airson prìomhachas a thoirt do bhusaichean, agus tha sinn a' cur taic ri sin."

"Ach tha an lèana rothaireachd a' tighinn gu ceann gu h-obann, far a bheil càraichean a' gluasad caran luath, agus chan fhaigh thu air idir ma tha thu a' tighinn a-mach à meadhan a' bhaile."

Tha na tha air fhàgail den t-slighe-rothaireachd a' tighinn gu ceann mu 100 meatair air ais bho far an robh ceann na slighe roimhe.

Tha daoine a-nis air draghan a thogail leis a' bhuidhinn mu shàbhailteachd na slighe agus tha cuid nach eil comhfhurtail a' rothaireachd anns a' phìos sin dhan bhaile tuilleadh.

Uachdar ùr dubh air an rathad far an robh slighe-rothaireachd roimheTùs an deilbh, HIGHLAND CYCLE CAMPAIGN
Fo-thiotal an deilbh,

Uachdar ùr dubh air an rathad far an robh slighe-rothaireachd roimhe

Bidh Dòmhnall Morris, bho Nessie Bike Tours, a' tabhann thursan bhaidhsagal do dhaoine sa bhaile.

Tha esan den bheachd gur e fìor cheum air ais a tha seo.

"Tha teachdaireachd gu math soilleir an seo," thuirt e.

"Chan eil spèis againne, Comhairle na Gàidhealtachd, do dhaoine a th' air rothairean agus b' fheàrr leinne aig a' chomhairle gum biodh sibh a' draibheadh."

Comhairle na Gàidhealtachd

Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gun robh an t-slighe-rothaireachd riamh na rud eadar-amail.

"Chaidh an t-earrann de shlighe-rothaireachd ri taobh an Eastgate a thoirt air falbh an dèidh ath-sgrùdaidh air an t-suidheachadh," thuirt labhraiche.

"Tha an t-àite trang, le mòran charbadan a' tionndadh, agus measgachadh de bhusaichean, trafaig àbhaisteach, luchd-coise agus rothairean."

"Chaidh an t-atharrachadh a dhèanamh airson gnothaichean a dhèanamh nas sìmplidhe agus nas soilleire dhan a h-uile duine a chleachdas an rathad."

Thuirt iad cuideachd gu bheil a' Chomhairle taiceil do shiubhal ghnìomhach, agus gun lean iad orra ag èisteachd ri beachdan luchd-baidhseagail.