Geàrr-chunntas

  1. Lorna Slater misneachailair fhoillseachadh aig 13:07 TSB 8 An Cèitean

    Ailean Peutan
    Ag aithris à Dùn Èideann

    Tha coltas gu math frogail air Lorna Slater, an tagraiche Uaine 'son roinn Meadhan Dhùn Èideann. "Cha chan mi dad gus an tèid gach billeag a chunntais," thuirt i le gàire air a h-aodann. Tha an sgioba aice ag innse gu bheil iad a' fàs nas misneachaile gun dèan iad a' chùis air a faighinn gu Holyrood mar a' chiad BhPA roinneil aca.

    Chan eil sgeul air tagraiche an SNP Aonghas Robasdan fhathast. Tha fear-naidheachd a' BhBC Seumas Cook ag aithris gu bheil an SNP a' tomhas gun caill iad a-mach san roinn seo. A rèir nan Uaineach, tha an SNP is na Làbaraich a' strì 'son an dàrna àite.

  2. Dithis a bha thall is a chunnaicair fhoillseachadh aig 13:03 TSB 8 An Cèitean

    Ceit Fhoirbeis is Rhoda Ghrannd

    Ceit Fhoirbeis is Rhoda Ghrannd aig cunntadh nam bhòtaichean ann an Inbhir Nis.

    Cha bhi iad san ath phàrlamaid agus a rèir choltais 's iad a tha toilichte mun sin!

  3. Na chleachd a' bhòt aca anns na h-Eileanan an Iar sìosair fhoillseachadh aig 12:58 TSB 8 An Cèitean

    'S e 57.01% a th' air bhòtadh anns na h-Eileanan an Iar.

    Seo an ìre as ìsle san sgìre riamh airson taghadh Pàrlamaid na h-Alba agus an ìre as ìsle ann an taghadh sam bith sna h-eileanan bho 1950.

    Tha Dòmhnall MacLaomainn ann an Steòrnabhagh cuideachd air cluinntinn gu bheil an SNP air dèanamh math anns na h-eileanan mu dheas.

    Tha e ag ràdh ma tha sin fìor gur e droch chomharra a th' ann airson oidhirp nan Làbarach an taghadh anns na h-Eileanan an Iar a chleachdadh mar "reifreann air na h-aiseagan."

  4. Làn-bhòt Baile Dhùn Dè an Iarair fhoillseachadh aig 12:49 TSB 8 An Cèitean

    Dunde an iar
  5. Baile Dhùn Dè an Iarair fhoillseachadh aig 12:47 TSB 8 An Cèitean

    An dàrna toradh againn a-nise - tha an SNP air Baile Dhùn Dè an Iar a chumail, ged a bha a' bhòt aca sìos.

  6. Fiosair fhoillseachadh aig 12:44 TSB 8 An Cèitean

    Iain MacDiarmaid
    Ag aithris à Fìobha

    Fios air tighinn mu na nochd ann an Cathair Challdainn - 45.49%.

    Tha sin sìos gu mòr - 28, 390 bhòtaichean.

    Tha an fheadhainn eile mar a leanas:

    Cùl Dùn Beithe 27,146 - 47.44%

    Dùn Phàrlain 34,307 - 53.4%

    Meadhan Fhìobha is Gleann Rathais 25,821 - 46.59%

    Fìobha an Ear-Thuath 33,625 - 58.63%

  7. Na nochd ann an Glaschuair fhoillseachadh aig 12:43 TSB 8 An Cèitean

    Calum MacAmhlaigh
    Ag aithris à Glaschu

    Seo na nochd airson bhòtadh ann an Glaschu:

    Glaschu Fearann Anna: Roinn-taghaidh – 51.53%, Roinn-sgìreil – 51.62%

    Glaschu Easterhouse is Springburn: Roinn-taghaidh – 43.02%, Roinn-sgìreil – 43.07%

    Glaschu Coille Chart is Pollock: Roinn-taghaidh – 48.87%, Roinn-sgìreil – 48.88%

    Glaschu Ceilbhin is Cnoc Màiri: Roinn-taghaidh – 54.90%, Roinn-sgìreil – 54.89 %

    Glaschu Baile a' Bhàilidh is Shettleston: Roinn-taghaidh - 46.52%, Roinn-sgìreil - 46.50%

  8. Coltas gu bheil an SNP a' dèanamh math an Earra-Ghàidhealair fhoillseachadh aig 12:39 TSB 8 An Cèitean

    Andreas Wolff
    Ag aithris à Earra-Ghàidheal

    Aig a‘ chiad shealladh is coltach gu bheil Jenni Minto bhon SNP a‘ dèanamh gu math ann an Earra-Ghàidheal is Bòd. Ged a bha na Tòraidhean san dàrna àite an turas mu dheireadh, dh‘fhaodadh gun dèan an Comh. Ailean Reid bho na Libearalaich Dheamocratach a bha roimhe na bhall-pàrlamaid aig Westminster math cuideachd. Tha Reform UK a’ dèanamh math air bhòt na liosta a rèir choltais. Gu h-iongantach, is coltach gun d' fhuair an tagraiche neo-eisimeileach Tòmas Mac a‘ Phearsain àireamh shusbainteach de bhòtaichean.

  9. Ooh to be a.......Lib Deamach?air fhoillseachadh aig 12:37 TSB 8 An Cèitean

    Fhad 's a tha sinn a-mach air na Lib Deamaich - 's iomadh rud inntinneach is annasach a chuala sinn tron iomairt - ach saoil an robh fios aig duine agaibh gu bheil Ailig Cole-Hamilton a' cur taic ri Ross County?!

    Bhiodh an naidheachd sin air còrdadh ri gu leòr anns na sgìrean aig tuath far a bheil na Lib Deamaich gu mòr ag amas air adhartas a dhèanamh an-diugh.

    Aig an dearbh àm, bidh Mgr Cole-Hamilton fhèin an dòchas nach bi seusan truagh na Staggies na shamhla airson a' phartaidh aige san taghadh.

    Declan GallagherTùs an deilbh, SNS
  10. "Buaidh eachdraidheil"air fhoillseachadh aig 12:32 TSB 8 An Cèitean

    Bho aon Lib Deamach toilichte ann ceann a tuath na h-Alba gu fear eile ann an Tòin Shasainn.

    Tha ceannard nan Lib Deamach aig Westminster Sir Ed Davey air a bhith a-muigh ann am Portsmouth far an d' fhuair am partaidh smachd air a' chomhairle an sin.

    Tha buil measgaichte air a bhith aca ach tha iad air cha mhòr 30 seat a bharrachd a bhuannachadh thuige seo. Tha iad a' sùileachadh gum faigh iad tuilleadh tron là an-diugh.

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Sir Ed Davey

  11. Na toraidhean slàn à Arcaibhair fhoillseachadh aig 12:25 TSB 8 An Cèitean

    Arcaibh

    'S e buaidh gu math cofhurtail a bh' ann do Liam MacArtair agus na Lib Deamaich ann an Arcaibh.

  12. Buill na bhòt an Arcaibhair fhoillseachadh aig 12:23 TSB 8 An Cèitean

    Tha a' chiad thoradh den là againn ann an Taghadh na h-Alba.

    'S ann an Arcaibh a bha e - agus tha Liam MacArtair air an seat a chumail 'son nan Lib Deamach.

  13. "Tillidh na Tòraidhean"air fhoillseachadh aig 12:21 TSB 8 An Cèitean

    Tha ceannard nan Tòraidhean Kemi Badenoch air a ràdh nach e seo an deireadh dhan phartaidh. Bha i a' bruidhinn agus mòran chomhairlichean air na seataichean aca a chall ann an Sasainn.

    Thuirt seann cheannard nan Tòraidhean Albannach, Dùghlas Ros nach bi am partaidh anns an dàrna àite an seo. Tha dragh air nach bi luchd-bhòtaidh air taic a chur ris na Tòraidhean air pàipear na liosta.

    Bha 31 seat aig a' phartaidh aig Holyrood an dèidh an taghaidh ann an 2021 ach chan eil dùil gun dèan iad cho math an turas seo.

  14. Na Làbaraich air gèilleadh sa Chuimrighair fhoillseachadh aig 12:17 TSB 8 An Cèitean

    Chan e na Làbaraich an ath riaghaltas a bhios anns a' Chuimrigh, a rèir Leas-Phrìomh Mhinisteir na dùthcha.

    Nuair a chaidh fhaighneachd dheth an deadh aig Làbaraich na Cuimrigh air riaghaltas a dhèanamh le Eluned Morgan mar Phriomh Mhinistear, thuirt Huw Irranca-Davies: "Cha chreid mi gum bi sinn san t-suidheachadh sin".

    "Dh'fheuch sinn ri manifesto gu math adhartach a chur air aghaidh," dh'innis e do BhBC na Cuimrigh.

    "Saoilidh mi gur e manifesto math a th' air a bhith an, dha-rìribh, agus dh'fheuch sinn ri argamaid a dhèanamh a thaobh phoileasaidhean agus an ath chaibideil dhan Chuimrigh.

    "Ach mura h-eil sin air gearradh troimhe gu muinntir na Cuimrigh, chan eil sinn gu bhith san t-suidheachadh mar sin an ath riaghaltas a chruthachadh."

    Huw Irranca-DaviesTùs an deilbh, Getty Images
  15. Fear na feusaig an Dùn Phrisair fhoillseachadh aig 12:13 TSB 8 An Cèitean

    Tha Joe MacNìll ann an Dùn Phris dhuinn an-diugh.

    Tha dùil ri toraidhean na bhòt shìos an sin uaireigin às dèidh 3 - saoil dè cho fada 's a bhios feusag Joe an uairsin?!

    Joe MacNìll
  16. Luchd-naidheachd air an casg bho làr a' chunntaidhair fhoillseachadh aig 12:09 TSB 8 An Cèitean

    Tha connspaid ann agus luchd-naidheachd air a bhith air an casg bho làr a' chunntaidh ann an Peairt is Cinn Rois. Thuirt Comann Luchd-naidheachd Pàrlamaideach na h-Alba a tha a' riochdachadh luchd-naidheachd aig Holyrood nach urrainn gabhail ris an t-suidheachadh agus tha iad air a thogail leis na h-oifigearan taghaidh. Tha luchd-naidheachd ag argamaid gu bheil seo gan cuingealachadh gu mòr a thaobh na h-obrach aca.

  17. Na nochd airson bhòtadh an Dùn Èideannair fhoillseachadh aig 12:06 TSB 8 An Cèitean

    Ailean Peutan
    Ag aithris à Dùn Èideann

    Tha dearbhadh againn a-nis mu na nochd airson bhòtadh ann an corra roinn taghaidh an seo.

    Dùn Èideann Iar-Dheas: 53.56% (tha seo an taca ri timcheall air 64% san taghadh mu dheireadh).

    Dùn Èideann a Tuath: 56.99%

    Dùn Èideann a Deas: 61.31%

    Dùn Èideann Iar-Thuath: 62.7%

    Dùn Èideann Ear-Thuath is Lìte: 57.2% (an taca ri 62.9% an turas mu dheireadh).

    Dùn Èideann Meadhan: 54.7% (an taca 59.6% an turas mu dheireadh).

  18. Dè dh'ionnsaicheas sinn bho na toraidhean tràth air an fheasgar?air fhoillseachadh aig 11:58 TSB 8 An Cèitean

    Niall O'Gallagher
    Fear-naidheachd poileataigeach

    Tha dùil ris na ciad toraidhean Albannach beagan às dèidh mheadhan-là.

    'S ann an uair sin a bhios fianais againn ann an da-rìribh air an dòigh anns an do bhòt muinntir na dùthcha.

    'S e a’ chiad cheist agam dè cho faisg 's a bhios na chì sinn a thaobh roinn na bhòt ris na chunnaic sinn anns na cunntasan-bheachd.

    'S e sin, gu (ro) shìmplidh, an SNP air thoiseach air càch ach sìos bho 2021, na Làbaraich a’ sabaid le Reform airson an dàrna àite, na Tòraidhean sìos bho 2021 agus na Lib Deamaich suas.

    (Chan eil na h-Uainich a’ seasamh ach ann an sia sgìrean, ach tha iad an dùil agus an dòchas adhartas a dhèanamh ann an corra sgìre agus gu seachd àraid air an liosta).

    Ma 's e agus gun tuit bhòt an SNP cho mòr agus a bha dùil, bidh an toradh an uair sin a' crochadh air cho math 's a bhios na partaidhean eile a bh' anns an fharpais ann ann 2021 air an taic aca a ghlèidheadh no, gus a chur dòigh eile, dè an ìre de thaic a chailleas iad ri Reform UK.

    'S e an SNP a tha a’ dìon gach sgìre às a bheil dùil ri toradh anns a’ chiad uair a thìde no mar sin.

    Dhiubh sin, tha m’ aire gu sònraichte air an Ruadh-Ghleann agus Camas Long, far a bheil Monica Lennon na tagraiche dha na Làbaraich – dh’fhaodadh aire tighinn oirrese fhathast ma 's e droch là a bhios aig a’ phartaidh aice ann an Alba.

    Agus, Hamilton, Larkhall agus Stonehouse, a bhuannaich Davy Russell do na Làbaraich ann am fo-thaghadh an-uiridh às dèidh bàs Christina McKelvie.

    Ma thèid aca air a ghlèidheadh an turas-sa dh’fhaodte gum faic na Làbaraich boillsgidhean dòchais mu thuath às dèidh oidhche duirche aig deas.

  19. An t-ionnsachadh ògair fhoillseachadh aig 11:55 TSB 8 An Cèitean

    Tha na sgoilearan seo am measg na tha an làthair ann an Steòrnabhagh. Tha iad air a bhith ag innse dhuinn dè na cuspairean a tha cudromach dhaibh.

  20. Tha iad trang a' cunntadh ann an Steòrnabhaghair fhoillseachadh aig 11:51 TSB 8 An Cèitean

    Feadhainn air a bheil sinn gu math eòlach a' feitheamh gu foighidneach agus an cunntadh a' leantainn ann an Ionad Spòrs Leòdhais ann an Steòrnabhagh.

    Tha dùil ri buil na bhòt dha na h-Eileanan an Iar mu 1:30f.