Geàrr-chunntas

  1. Eadaraig, Rosbrog is Siorrachd Bhearaigair fhoillseachadh aig 16:47 TSB 8 An Cèitean

    Eadaraig, Rosbrog is Siorrachd Bhearaig
  2. Gàirdeachas dha na h-Uainich am Meadhan Dhùn Èideannair fhoillseachadh aig 16:43 TSB 8 An Cèitean

    Lorna Slater

    Tha Lorna Slater is luchd-taic air an dòigh.

  3. Cunntadh ann an Earra-Ghàidhealair fhoillseachadh aig 16:40 TSB 8 An Cèitean

    Andreas Wolff
    Ag aithris à Earra-Ghàidheal

    Tha faireachdainn ann gu bheil cunntadh nam bhòtaichean ann an Earra-Ghàidheal is Bòd a‘ toirt nas fhaide nan àbhaist.

    Nuair a bhathar a' cunntadh tron oidhche bhiodh iad deiseil aig mu 6:00m às dèidh seachd uairean de thìde.

    Tha iad air a bhith ris nas fhaide na sin is gun fhios cuin a chuireas iad crìoch air.

    ‘S e Earra-Ghàidheal is Bòd an sgìre aig a bheil an àireamh luchd-bhòtaidh as lugha air tìr mòr.

  4. Mo chreach - chan eil an cunntadh foirmeil ach air tòiseachadh an Inbhir Nis!air fhoillseachadh aig 16:35 TSB 8 An Cèitean

    Alasdair MacLeòid
    Ag aithris à cunntadh nam bhòtaichean air a' Ghàidhealtachd

    Tha cunntadh foirmeil air tòiseachadh ann an Ionad Spòrs Inbhir Nis airson roinn Inbhir Nis is Inbhir Narainn, agus airson roinn Ghallaibh, Chataibh is Rois.

    Aon uair is gu bheil cunntadh air tòiseachadh airson roinn an Eilein Sgitheanaich, Loch Abar is Bhàideanaich, bidh fìor adhbhar gàirdeachais ann!

    Ach 's e a bhith a' faighinn toradh nam bhòtaichean 's na trì sgìrean rud eile...

  5. Tuairmse a' BhBCair fhoillseachadh aig 16:32 TSB 8 An Cèitean

    Tha am BBC a' tomhas gum faigh an SNP eadar 60 is 63 roinn.

    'S e an tuairmse gum faigh na Lib Deamaich eadar ceithir is còig is na Làbaraich eadar trì is ceithir.

    Thathar a' smaointinn gum faigh na Tòraidhean eadar a dhà is trì, agus gur i Lorna Slater ann am Meadhan Dhùn Èideann an aon roinn a gheibh na h-Uainich.

    Chan eil dùil gum faigh Reform roinnean idir.

    Cuimhnichibh ge-tà, gun tèid 56 ball a thaghadh cuideachd air an liosta.

  6. A' chiad seat roinn-pàrlamaid dha na h-Uainich Albannachair fhoillseachadh aig 16:24 TSB 8 An Cèitean

    Thuirt Lorna Slater gu bheil am partaidh aice air àm eachdraidheil a ruighinn agus iad air roinn pàrlamaid Meadhan Dhùn Èideann a bhuannachadh airson a' chiad uair ged a tha iad air a bhith nam pàirt den phàrlamaid air an liosta fad bhliadhnaichean.

  7. Dùn Èideann Iar-Thuathair fhoillseachadh aig 16:22 TSB 8 An Cèitean

    Ghlèidh ceannard nan Lib Deamach ann an Alba, Alex Cole-Hamilton, roinn Dhùn Eideann an Iar-thuath le mòr-chuid gu math cofhurtail.

    Tha e ag ràdh gu bheil "aiseirigh iongantach" a' tachairt airson nan Lib Deamach ann an Alba.

    Dùn Èideann Iar-thuath
  8. Glaschu Coille Chart is Pollokair fhoillseachadh aig 16:18 TSB 8 An Cèitean

    Tha an SNP air a' chùis a dhèanamh air Anas Sarwar ann an Glaschu Coille Chart is Pollok

    Glaschu Coille Chart
  9. Bananathanair fhoillseachadh aig 16:13 TSB 8 An Cèitean

    *Bu chòir dhuinn a ràdh - chan eil sinn idir a' moladh do dhaoine na tha sin de bhananathan ithe san là.

  10. Dùn Èideann Meadhanair fhoillseachadh aig 16:13 TSB 8 An Cèitean

    Meadhan Dhun Eidean
  11. Eachdraidh dha na h-Uainich an Dùn Èideannair fhoillseachadh aig 16:12 TSB 8 An Cèitean

    Ailean Peutan
    Ag aithris à Dùn Èideann

    Tha Lorna Slater bhon Phartaidh Uaine air a' chùis a dhèanamh air an SNP ann an roinn taghaidh Meadhan Dhùn Èideann.

    Bhuannaich i an roinn bho Aonghas Robasdan - a bha na mhinistear riaghaltais aig an SNP - agus a bha na cheannard a' stiùireadh iomairt taghaidh an SNP gu nàiseanta.

    Seo a' chiad BhPA roinneil a fhuair na h-Uainich.

  12. Meadhan Fhìobha is Gleann Rathaisair fhoillseachadh aig 16:10 TSB 8 An Cèitean

    Ghlèidh Jenny Gilruth 48.3% den bhòt. Anns an òraid aice thug i taing dhan bhean aice - seann cheannard nan Làbarach ann an Alba Kezia Dugdale: "Air cùl a h-uile deagh bhoireannach, tha deagh bhoireannach eile."

    Meadhan Fhìobha
  13. Seo sinn ma-thàair fhoillseachadh aig 16:06 TSB 8 An Cèitean

    Tha na toraidhean a' frasadh a-steach a-nise ach tha tòrr mòr ri thighinn fhathast.

    Tha 47 sgìrean taghaidh air an gairm is 26 ri dhol. Sin a thuilleadh air 56 ball a bhios ann air an liosta.

    No ma tha sibh 'son coimhead ris ann an dòigh eile, tha Teàrlach Quinnell - ball cudromach den sgioba againne an seo - air 1 de na 6 bananathan aige 'son an là ithe gu seo.

    Ge brith dè an slat-tomhais a b' fheàrr leat tha gu leòr ri thighinn - fàn còmhla rinn!

  14. A' tarraing anail ann an Steòrnabhaghair fhoillseachadh aig 15:58 TSB 8 An Cèitean

    Dòmhnall MacLaomainn
    Ag aithris à Steòrnabhagh

    Tha an talla spors an seo air socrachadh a-nise agus daoine a' feuchainn ri gabhail a-steach na th' air tachairt. Air aon taobh tha na Labaraich air bhoil, agus 's gann gun urrainn dhaibh a chreidsinn gu bheil iad air a' chùis a dhèanamh. Dh'innis iad dhomh gun robh an dàta ag ràdh riutha gun robh cùisean gu math faisg. Gheall iad atharrachadh, gheall iad dèiligeadh le staing nan aiseigean. An tèid aca air a dhèanamh ge-tà?

    Air an taobh eile tha an SNP. Tha e an-còmhnaidh cudromach cuimhneachadh gu bheil daoine air an obair a chall agus chan e a-mhàin Alasdair Allan fhèin ach na tha ag obair dha san oifis. Tha mi an amharas madainn an-diugh nach robh iad a' sùileachadh seo.

    Airson a' chiad uair ann an eachdraidh taghaidhean na h-Alba, tha muinntir nan Eilean Siar air bhòtadh an aghaidh an t-struth. Tha sinn air a bhith a' cluinntinn tron iomairt mu mhì-thoileachas le seirbheisean poblach, seirbhisean slàinte agus seirbhisean aiseig. Tha tha an teachdaireachd sin a-nise air Dùn Èideann a ruighinn.

    Aon rud san dealachadh: fhuair Coinneach MacCoinnich bhon Chaidreachas airson Alba a Shaoradh agus Uachdranais 159 bhòt. Mòr-chuid nan Làbarach: 154.

  15. Dè tha dol an Dùn Èideann?air fhoillseachadh aig 15:53 TSB 8 An Cèitean

    Ailean Peutan
    Ag aithris à Dùn Èideann

    • Trì roinnean dearbhte nis: roinn an urra dhan SNP, Làbaraich agus na Lib Deamaich
    • Tha na h-Uainich an ìre mhath 'cinnteach' gum buannaich iad Meadhan Dhùn Èideann: coltas caran busach air Aonghas Robasdan
    • Tha na h-Uainich cuideachd a' bruidhinn air rèis nas fhaisge na bha dùil an ear thuath a' bhaile
    • Fear a' Ghuga a' cumail a-mach gun do shoirbhich leis an iomairt aige

  16. Alasdair Allan: "'S e onair a bh' ann"air fhoillseachadh aig 15:53 TSB 8 An Cèitean

    Thuirt Alasdair Allan gur e briseadh-dùil mòr a bh' ann dha na h-Eileanan an Iar a chall.

    Tha e ag ràdh a-rithist gu bheil e mothachail gun tug staing nan aiseagan buaidh air.

  17. "Bha daoine anns na h-Eileanan an Iar airson atharrachadh fhaicinn"air fhoillseachadh aig 15:45 TSB 8 An Cèitean

    Tha BPA ùr nan Eilean Siar air a bhith a' bruidhinn ri Dòmhnall MacLaomainn.

    Thuirt Dòmhnall MacFhionghain gu bheil muinntir nan Eilean Siar a' faireachdainn nach eil guth air a bhith aca ann an Dùn Èideann.

  18. Dùn Èideann a Tuath - buaidh dha na Lib Deamaichair fhoillseachadh aig 15:43 TSB 8 An Cèitean

    Dùn Èideann a Tuath
  19. Inbhir Chluaidhair fhoillseachadh aig 15:41 TSB 8 An Cèitean

    Cha do shoirbhich le ceannard Reform UK Sir Malcolm Offord ann an taghadh roinn Inbhir Chluaidh. B' e an tagraiche an SNP Stuart Mac a' Mhaoilein a bhuannaich le Francesca Brennan bho na Làbaraich anns an dàrna àite. Tha Sir Malcom air bàrr na liosta do Reform.

    Inbhir Chluaidh
  20. Eachdraidhair fhoillseachadh aig 15:38 TSB 8 An Cèitean

    'S iomadh rud a chì thu air là taghaidh - ach tha sinn a' tuigsinn gur e siud a' chiad turas a rinn Ailean Peutan agallamh le sùlaire.