Geàrr-chunntas

  1. Iomairt Fhear a' Ghuga - na ‘shoirbheachadh mhòr’air fhoillseachadh aig 15:36 TSB 8 An Cèitean

    Tha Robert Pownell - AKA Fear a' Ghuga - a' faireachdainn gu bheil an iomairt aigesan gus casg a chur air sealg a' ghuga air soirbheachadh gu mòr.

    ‘S ann gus aire a chur air a' chleachdadh agus gus sgaraidhean is mì-rùn air eileanaich a sheachnadh a sheas e ann an Dùn Èideann, seach anns na h-Eileanan, thuirt Mgr Pownall.

    A dh’aindeoin na gheibh e de bhòtaichean, tha e den bheachd gu bheil e air na h-amasan aige a choileanadh.

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Ailean agus an Guga

  2. Obar Dheathain Taobh Deathainair fhoillseachadh aig 15:33 TSB 8 An Cèitean

    Obar Dheathain Taobh Deathain
  3. Cnuasachadh Niall O' Gallagher aig Holyroodair fhoillseachadh aig 15:32 TSB 8 An Cèitean

  4. Ath-chunntadh air a' Ghàidhealtachd?air fhoillseachadh aig 15:26 TSB 8 An Cèitean

    Alasdair MacLeòid
    Ag aithris à cunntadh nam bhòtaichean air a' Ghàidhealtachd

    Riochdaire 'son Anndra Baxter air a ràdh gum biodh e na iongnadh mura deadh ath-chunntadh iarraidh airson sgìre an Eilein Sgitheanaich, Loch Abair, is Bhàideanach agus coltas cho faisg air gnothaichean.

    Seo ged nach eil an cunntadh foirmeil air tòiseachadh fhathast!

  5. Glaschu Easterhouse is Springburnair fhoillseachadh aig 15:25 TSB 8 An Cèitean

    Glaschu Easterhouse is Springburn
  6. Moireibhair fhoillseachadh aig 15:23 TSB 8 An Cèitean

    Moireibh
  7. SNP "am partaidh as motha"air fhoillseachadh aig 15:20 TSB 8 An Cèitean

    Thuirt Iain Swinney, gu bheil e follaiseach gur e an SNP am partaidh as motha a bhios sa phàrlamaid.

    Bha e a' bruidhinn an dèidh dha seat Siorrachd Pheairt a Tuath a bhuannachadh.

  8. Buaidh staing nan aiseagan air buil nan Eilean Siar?air fhoillseachadh aig 15:13 TSB 8 An Cèitean

    Tha Alasdair Allan a' fàgail Holyrood às dèidh dha a bhith a' riochdachadh nan Eilean Siar bho 2007.

    A' bruidhinn ri Derek MacAoidh air An Taghadh air BBC Radio nan Gàidheal, thuirt e gur e briseadh-dùil mòr a th' ann.

    Thuirt e nach eil e airson leisgeulan a dhèanamh ach gun robh e follaiseach tron iomairt gun robh mòran san sgìre feargach mu shuidheachadh nan aiseagan.

    "Bha daoine a' bruidhinn mu dheidhinn sin aig na dorsan is tha mi cinnteach gun robh e am measg chuspairean a bha daoine a' smaoineachadh mu dheidhinn nuair a bha iad a' bhòtadh."

  9. A' Choille an Earair fhoillseachadh aig 15:13 TSB 8 An Cèitean

    Buille do sheann cheannard nan Tòraidhean an Alba, Jackson Carlaw, agus e a' call a-mach gu an SNP ann an sgìre na Coille an Ear.

    A' Choille an Ear
  10. Dùn Phàrlainair fhoillseachadh aig 15:12 TSB 8 An Cèitean

    Dùn Phàrlain
  11. Gall-Ghàidhealaibh is Dùn Phris an Iarair fhoillseachadh aig 15:08 TSB 8 An Cèitean

    Gall-Ghàidhealaibh is Dùn Phris an Iar
  12. "Bha faireachdainn ann gun robh seo uabhasach faisg"air fhoillseachadh aig 15:06 TSB 8 An Cèitean

    Dòmhnall MacLaomainn
    Ag aithris à Steòrnabhagh

    "Bha mi a' bruidhinn ri Alasdair Allan sa mhadain is cha robh guth gur ann mar seo a dheadh cùisean. Bha am Partaidh Làbarach ag ràdh rinn tron mhadainn gun robh e faisg is feumaidh mi aideachadh nach robh mi buileach gan creidsinn.

    "An uairsin san uair mu dheireadh thòisich an t-àite seo ag atharrachadh, bha daoine a' fàs tòrr nas nearbhasaiche - bha faireachdainn ann gun robh seo uabhasach faisg.

    "Bha beachd ann gur dòcha gun robh bruidhinn air na bhòtaichean a chunntadh a-rithist - cha do thachair sin."

    Dòmhnall MacFhionghain
  13. Mar a chaidh bhòtaichean do Na h-Eileanan an Iarair fhoillseachadh aig 15:03 TSB 8 An Cèitean

    Bha e glè fhaisg eadar Dòmhnall MacFhionghain dha na Làbaraich a bhuannaich agus Alasdair Allan dhan SNP san dàrna àite - dìreach 154 bhòtaichean eadar iad.

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Bhòtaichean na h-Eileanan an Iar air an gairm

  14. Feasgar fada san amharc aig Alasdair MacLeòidair fhoillseachadh aig 14:52 TSB 8 An Cèitean

    Alasdair MacLeòid
    Ag aithris à cunntadh nam bhòtaichean air a' Ghàidhealtachd

    Aig a' chunnt ann an Inbhir Nis, 's ann a tha gu leòr de dhaoine air a bhith a' coimhead le farmad air mar a tha cùisean a' gluasad air adhart ann an sgìrean eile; gun fhios againn an-seo fhathast cuin a gheibh sinn fios air fiù na thionndaidh a-mach airson bhòt a chur, gun luaidh air cò a tha a’ dol a dh’fhaighinn a-steach.

    Tha beachd ann mar-thà, ge-tà, gur ann sìos chun an SNP agus Lib Deamaich a bhios gnothaichean ann an gach tè dha na sgìrean-bhòtaidh air an cunntadh an-seo: siud sgìre Inbhir Nis is Inbhir Narainn; An t-Eilean Sgitheanach, Loch Abar, is Bàideanach; agus Gallaibh, Cataibh, agus Ros.

    Tha a h-uile coltas ann gu bheil aire nam partaidhean eile air tionndadh gu bhòtaichean liosta na Gàidhealtachd is nan Eilean; le Uainich na h-Alba, is Reform an dòchas gum faigh iad dithis bhall an urra a-steach tron liosta.

    Tha am Partaidh Làbarach an dùil gum faigh iad aon bhall a-steach air an liosta, mar a thachair ann an 2021, ach bidh sin an urra ri toradh a’ bhòt sna h-Eileanan an Iar. Tha cuideachd am Partaidh Tòraidheach an dòchas gum faigh iad aonan a-steach tron liosta, an dèidh dhaibh ceathrar bhall fhaighinn a-steach air an dòigh seo san taghadh fa dheireadh.

  15. Bus na smàl ann an Gleann Rathaisair fhoillseachadh aig 14:49 TSB 8 An Cèitean

    Chaidh bus na smàl taobh a-muigh an ionaid chunntaidh ann an Gleann Rathais.

    Chaidh dà charbad smàlaidh a chur chun na làraich.

    Chan eil fhios aig an ìre so dè dh'adhbhraich an teine, a thòisich mu 2:00f.

    A rèir aithrisean lean an dà charbad smàlaidh am bus a-steach gu taobh a-muigh an ionaid chunntaidh agus dhèilig iad ris an teine san spot.

    Bus na smàl
  16. Na h-Eileanan an Iarair fhoillseachadh aig 14:44 TSB 8 An Cèitean

    Na h-Eileanan an Iar

    Bha e faisg! Ach tha Dòmhnall MacFhionghain air na h-Eileanan an Iar a bhuannachadh airson nan Làbarach 'son a' chiad uair bho 2007.

  17. Na Làbaraich air buannachadh anns na h-Eileanan an Iarair fhoillseachadh aig 14:42 TSB 8 An Cèitean

    Tha na Làbaraich air na h-Eileanan an Iar a thoirt bhon SNP.

  18. Siorrachd Bhainbh is Costa Bhuchainair fhoillseachadh aig 14:41 TSB 8 An Cèitean

    Siorrachd Bhanbh is Costa Bhuchain
  19. Siorrachd Pheairt a Deas is Ceann Roisair fhoillseachadh aig 14:35 TSB 8 An Cèitean

    Siorrachd Pheairt a Deas is Ceann Rois
  20. Dùn Èideann an Ear, Baile nam Feusgan is Tranantair fhoillseachadh aig 14:33 TSB 8 An Cèitean

    Dùn Èideann an Ear, Baile nam Feusgan is Tranant