Geàrr-chunntas

  1. Bho Shùlaisgeir gu Meadhan Dhùn Èideannair fhoillseachadh aig 11:47 TSB 8 An Cèitean

    Cha deach guga a-riamh a thaghadh mar bhall do Phàrlamaid na h-Alba ach bha fear a' seasamh san taghadh seo - uill seòrsa dheth - agus air tè na duilleagan bhòtaidh fada sin air an robh Ailean Peutan a-mach.

    Bha Robert Pownall na thagraiche neo-eisimileach is e ag amas air aire a tharraing air sealg a' ghuga. Tha iomairt air a bhith a' leantainn an aghaidh na seilge anns na mìosan mu dheireadh agus ge bith cò bhios san ath phàrlamaid, bidh an cuspair seo a-rithist fa chomhair Comataidh nan Athchuingean.

    Saoil dè cho mòr 's a bha an gnothach air aire luchd-bhòtaidh Mheadhan Dhùn Èideann far an do sheas Mgr Pownall ge-tà? Gheibh sinn a-mach feasgar.

    Robert Pownall, air a sgeadachadh mar shùlaire, is e ag iomairt ann an Dùn ÈideannTùs an deilbh, PA Media
  2. Cho coltach ri dà sgadan?air fhoillseachadh aig 11:43 TSB 8 An Cèitean

    Chan e cunntadh nam bhòtaichean an aon tachartas a th' air sluagh a thàladh dhan P&J Live an-diugh. Aig an aon àm, ann an talla eile, tha tachartas Taisbeanadh Sgiobairean na h-Alba 2026 (Scottish Skippers Expo 2026) dìreach air tòiseachadh. Dìreach air eagal 's gun robh an luchd-poileataigs air dìochuimhneachadh cho cudromach 's a tha gnìomhachas an iasgaich ann an Ear-Thuath na h-Alba.

    Taisbeanadh Sgiobairean na h-Alba 2026
  3. Ceannard Albannach Reform UK an Inbhir Chluaidhair fhoillseachadh aig 11:37 TSB 8 An Cèitean

    Tha Reform UK a' dèanamh gàirdeachais aig deas. Aig an ìre seo tha còrr is 400 comhairliche aca ann an taghaidhean ionadail Shasainn.

    Am faic sinn adhartas mòr dhaibh ann an Alba cuideachd an-diugh fhathast?

    Tha an ceannard aca Sir Malcolm Offord air Talla a' Bhaile ann an Grianaig a ruighinn airson cunntais Inbhir Chluaidh.

  4. Meadhan Alba is Fìobhaair fhoillseachadh aig 11:32 TSB 8 An Cèitean

    Iain MacDiarmaid
    Ag aithris à Fìobha

    Tha cunntadh a' dol an seo ann an Gleann Rathais airson còig sgìrean taghaidh: Cùl Dùn Beithe, Dùn Phàrlain, Cathair Challdainn, Meadhan Fhìobha is Gleann Rathais, agus Fìobha an Ear-Thuath.

    'S ann aig an SNP a tha ceithir de na roinnean pàrlamaid sin, le aon aig na Lib Deamaich. Thèid cunntadh a dhèanamh an seo cuideachd airson tagraichean na liosta, a' gabhail a-steach ceithir sgìrean eile.

    Cunntadh ann an Gleann Rathais
  5. Tha Derek agus an sgioba a' cur fàilte oirbh...air fhoillseachadh aig 11:28 TSB 8 An Cèitean

    Abair gu bheil iad cosaidh shìos an staidhre ann an stiùideo Inbhir Nis!

    Cuimhnichibh gum faigh sibh an sruth beò aig mullach na duilleige seo agus bidh buil na bhòt an-sin cuideachd nuair a thòisicheas na gairmean feasgar.

    Stiùideo radio Inbhir Nis
  6. Targaid mhòrair fhoillseachadh aig 11:23 TSB 8 An Cèitean

    Ailean Peutan
    Ag aithris à Dùn Èideann

    ‘S e Aonghas Robasdan a bhuannaich roinn Meadhan Dhùn Èideann ann an 2021 dhan SNP. Chaidh esan gu dìreach dhan riaghaltas Albannach, às dèidh bhliadhnaichean mar BhP Westminister. Tha e ga fhaicinn mar fhear chumhachdach, chliùiteach san SNP - rud tha ga dhèanamh na thargaid mhòir dha na partaidhean eile.

    Bhiodh an tagraiche Làbarach James Dalgleish an dòchas togail fhaighinn bho atharrachadh san roinn, a tha a-niste a' gabhail a-steach phàirtean de sheann roinn Dhùn Èideann a Deas, a bha làn taic dha na Làbaraich cheana.

    Tha na h-Uainich an dòchas a' chùis a dhèanamh orra uile - is Lorna Slater a' seasamh mar thagraiche roinne-taghaidh 'son a' chiad uair. A rèir chunntasan bheachd - agus miann nan Uaineach fhèin - tha e comasach dhaibh roinn taghaidh a chosnadh 'son a' chiad uair, an seo, ann am Meadhan Dhùn Èideann. Fiù 's mura tachair sin, tha h-uile dùil gum faicear fàs mòr san earrann a gheibh iad den bhòt.

    Air taobh tuath a' bhaile tha roinnean a bhios na Lib Deamaich airson glèidheadh. Sgìre cho làidir ‘s a th’ aig a' phartaidh. B' ann an aonan dhiubh - Iar-Thuath Dhùn Èideann - a thàinig Ceannard nan Lib Deamach Ailig Cole-Hamilton gu bhith na BhPA ann an 2016.

    Bha iad riamh làidir an sin - agus thathas ag amas air an roinn an ath-dhoras, Ceann a Tuath Dhùn Èideann, a bhuannachadh bhon SNP.

    Baile le eachdraidh chaochlaideach a thaobh phartaidhean phoileataigeach, chì sinn na th’ aig Dùn Èideann dhuinn an-diugh…

  7. Cuideachd sa Chuimrigh...air fhoillseachadh aig 11:18 TSB 8 An Cèitean

    A thuilleadh air Alba agus taghaidhean iondail Shasainn tha dùil ri buil taghaidh Senedd na Cuimrigh an-diugh. Tha na Làbaraich air a bhith a' riaghladh ann an Cardiff airson 27 bliadhna, ach tha dùil gun caill iad an taghadh seo. 'S iad Reform agus Plaid Cymru a thathar an dùil a dh'èireas os an cionn.

    Chan eil gin de roinnean na Cuimrigh air gairm fhathast, ach tha Prìomh Mhinistear na Cuimrigh, Eluned Morgan, air aideachadh gu poblach gu bheil an seat aice fhèin "uabhasach faisg".

    Tha 96 buill gan taghadh dhan t-Senedd ann an Cardiff, fo shiostam PR.

    Tha dùil gun nochd na ciad ghairmean sa Chuimrigh mu thràth dhiathaid.

    Senedd CymruTùs an deilbh, Getty Images
  8. Am baileat as fhaide ann an Albaair fhoillseachadh aig 11:13 TSB 8 An Cèitean

    Ailean Peutan
    Ag aithris à Dùn Èideann

    Eadar roinn taghaidh Meadhan Dhùn Èideann - agus an liosta sgìreil Dhùn Èideann is Lodainn an Ear - tha na duileagan bhòtaidh as fhaide an Alba air fad ann an Dùn Èideann san taghadh seo.

    Air an liosta shoilleir-orains a-mhàin bha 18 partaidhean agus ceathrar thagraichean neo-eisimeileach.

    Thèid 13 BPA a thaghadh bho na roinnean san sgìre seo.

    Bileagan bhòtaidh air fàs - agus sluagh na sgìre air fàs cuideachd. Gu mòr. Chaidh na roinnean taghaidh atharrachadh ri linn sin.

    Bidh aire shònraichte an-diugh air roinn Meadhan Dhùn Èideann. Tha dùil ri farpais gu math teann eadar co-dhiù trì partaidhean: an SNP, nan Làbaraich, agus na h-Uainich.

    Ailean Peutan
    Fo-thiotal an deilbh,

    Ailean Peutan a' gabhail iongnadh cho fada 's tha bileag bhòtaidh na liosta ann an Dùn Èideann

  9. Heileacoptair le bocsaichean Earra-Ghàidhealair fhoillseachadh aig 11:08 TSB 8 An Cèitean

    Chan e bàta-iasgaich a bh' aca ann an Earra-Ghàidheal airson na bhòtaichean a ghluasad ach heileacoptair.

    Seo an suidheachadh a bh' ann a-raoir is bocsaichean à eileanan Earra-Ghàidheal a' tighinn a-steach a Cheann Loch Gilp.

  10. Obar Dheathainair fhoillseachadh aig 10:59 TSB 8 An Cèitean

    Calum MacLeòid
    Ag aithris à Obar Dheathain

    Madainn mhath bhon P&J Live ann an Obar Dheathain. Sia roinnean pàrlamaid gan cunntadh an seo an-diugh, gach roinn ann an sgìrean comhairle Obar Dheathain agus Siorrachd Obar Dheathain. Cuideachd 's ann an seo a thèid innse cò an seachdnar a th' air soirbheachadh air an liosta airson sgìre Ear-Thuath na h-Alba.

    Ann an Obar Dheathain Taobh Dè is Ceann Chàrdain a Tuath, 's e Stephen Flynn BP tagraiche an SNP. Ma thèid esan a thaghadh bhiodh sin ag adhbhrachadh fo-thaghadh Westminster, leis mar a chaidh casg a chur air buill bho bhith a' riochdachadh roinnean san dà phàrlamaid san Dùbhlachd 2024. Cuideachd bhiodh buidheann an SNP ann an Westminster a' sireadh ceannaird ùir.

    Cunntadh ann an Obar Dheathain
  11. Bocsaichean baileat Bharraigh & Bhatarsaighair fhoillseachadh aig 10:54 TSB 8 An Cèitean

    Dòmhnall MacLeòid le na bocsaichean baileat às an dà eilean a' dèanamh an slighe gu tuath a-raoir.

  12. Ceithir bhòtaichean fo amharas foill ann an Glaschuair fhoillseachadh aig 10:49 TSB 8 An Cèitean

    Calum MacAmhlaigh
    Ag aithris à Glaschu

    Thuirt oifigearan ann an Glaschu gu bheil ceithir bhòtaichean fo amharas foill. Tha na poilis a’ sgrùdadh na cùise feuch an deach lagh sam bith a bhristeadh. Thèid na bileagan a thoirt às na bogsaichean baileat agus a thoirt do na poilis mar fhianais. Chaidh a dhà de na ceithir bhòtaichean a tha fo amharas a chur ann an Glaschu Taobh a Deas, aon ann an Glaschu Coille Chart agus chaidh am bhòt eile a chur ann an Glaschu Easterhouse is Springburn.

  13. Cnuasachadh bho Niallair fhoillseachadh aig 10:45 TSB 8 An Cèitean

    Niall O'Gallagher
    Fear-naidheachd poileataigeach ag aithris à Holyrood

    Dh’fhaoidte gu bheil na cunntasan-bheachd uile ceàrr.

    Mura h-eil, ’s e an SNP am partaidh as motha a bhios anns a’ phàrlamaid ùir aig Holyrood. Thig dearbhadh air sin – agus iomadh ceist eile – tron là.

    Nam measg, am faigh John Swinney a’ mhòr-chuid a dh’iarr e bhon phoball gus a làmh a neartachadh na oidhirp dàrna reifreann a chumail air neo-eisimeileachd.

    Tha an fhreagairt don cheist sin a' crochadh air na thachras anns an 73 roinn air feadh na h-Alba.

    Sin a chionn ’s gun tuit an àireamh de shuidheachain a gheibh partaidh air na liostaichean roinneil mar as àirde a dh’èiricheas an àireamh de shuidheachain sgìreil a gheibh iad.

    Mar sin, ma thig an SNP faisg air an 65 a tha a dhìth airson mòr-chuid, chan eil dùil gum faigh iad mòran shuidheachan liosta – ma gheibh iad fear sam bith.

    An turas mu dheireadh, fhuair an SNP 62 sgìre – ach ma nì sinn cunntas air bhòtaidhean 2021 a rèir chrìochan 2025, 's e an tuaiream againn gun èirich sin gu 63.

    Mar sin, gus 65 a ruighinn chan fheum partaidh Mhgr Swinney ach dà shuidheachan a bharrachd fhaighinn (gun dùil gum faigh iad càil air an liosta). Ge-tà, tha sin fada nas duilghe na shaoilte aig a’ chiad shealladh.

    Anns a’ chiad dol-a-mach, bha na pàrtaidhean eile gu math làidir ann an cuid de na deich sgìrean a th' air fhàgail – àiteachan mar Arcaibh mu thuath (aig na Lib Deamaich) no Eadaraig, Rosbrog agus Siorrachd Bhearaig mu Dheas (aig na Tòraidhean).

    Mar sin, tha aire an SNP air àiteachan far an robh mòr-chuid nas lugha na 10% aig partaidh eile ann an 2021 (a rèir nan crìochan ùra) – àiteachan mar Dhùn Bhreatann, a ghlèidh Jackie Baillie do na Làbaraich o 1999, agus Siorrachd Obar Dheathain an Iar, a tha ga dhìon do na Tòraidhean le Alexander Burnett.

    Is e an dàrna cnap-starra eadar Mgr Swinney agus mòr-chuid gu bheil deagh sheansa gun caill an SNP cuid de na suidheachain liosta a tha iad a’ dìon.

    Cum aire, mar eisimpleir, air Gallaibh, Cataibh agus Ros, far a bheil na Lib Deamaich airson an sgìre a thoirt bhuapa, no Meadhan Dhùn Èideann far a bheil seann cho-cheannard nan Uaineach Lorna Slater airson a’ bhròg a thoirt do sheann cheannard Westminster an SNP, Aonghas Robasdan.

    Agus chan eil fhios againn fhathast dè a’ bhuaidh a bheir Reform UK air a' mhapa.

    Bidh barrachd – tòrr a bharrachd – tron là.

  14. Madainn mhath às Inbhir Nisair fhoillseachadh aig 10:39 TSB 8 An Cèitean

    Alasdair MacLeòid
    Ag aithris à cunntadh nam bhòtaichean air a' Ghàidhealtachd

    Tha là mòr air thoiseach oirnn ann an Ionad Spòrs Inbhir Nis, far an tèid cunntadh a dhèanamh airson nan trì sgìrean-taghaidh a leanas: Inbhir Nis is Inbhir Narann; An t-Eilean Sgitheanach, Loch Abar, is Bàideanach; agus Gallaibh, Cataibh agus Ros.

    Gheibhear a-mach cuideachd ann a sheo cò an seachdnar a tha air fhaighinn a-steach mar bhuill air liosta na Gàidhealtachd is nan Eilean.

  15. Bhòtaichean Bharraigh is Bhatarsaighair fhoillseachadh aig 10:33 TSB 8 An Cèitean

    Bhòtaichean Bharraigh

    Tha sinn a' cunntadh tron là ach thòisich bhòtaichean Bharraigh is Bhatarsaigh air an t-slighe gu ruige Steòrnabhaigh anmoch a-raoir.

    Seo na seòid a bh' ann aig toiseach an turais.

    Seòid Bharraigh
  16. Dè thachras anns na h-Eileanan an Iar?air fhoillseachadh aig 10:29 TSB 8 An Cèitean

    Dòmhnall MacLaomainn
    Ag aithris à Steòrnabhagh

    Cò ris a tha dùil an-diugh? Tha sinn tric a' cluinntinn gur e poileataigs ionadail a tha a' cunntadh anns na h-Eileanan an Iar ach tha eileanaich air bhòtadh san aon dòigh ris a' chòrr de dh'Alba anns gach taghadh Albanach bho 1999.

    Le mòr-chuid bhrùideil de 3,441 agus na cunntasan-bheachd ann am fàbhar an SNP, shaoileadh tu gum biodh Alasdair Allan a' faireachdainn misneachail madainn an-diugh.

    Ach tha na Làbaraich agus an tagraiche aca Dòmhnall MacFhioghain an dòchas gur e "reifreann air staing nan aiseagan" a bhios ann.

  17. Clàr-amaair fhoillseachadh aig 10:24 TSB 8 An Cèitean

    Saoil cuine ma-thà a thig fios cò th' air buannachadh ann an Alba?

    Tha an-còmhnaidh na h-uimhir de mhì-chinnt timcheall air clàr-ama a' chunntais ach tha sinn a' cluinntinn gur dòcha gum bi toradh na bhòt ann an cuid de sgìrean againn tràth feasgar - fiù 's timcheall air meadhan-là san Àrd-Rèidh. Chì sinn mun sin.

    Thathar a' tomhas gum bi bhòt nan Eilean Siar againn uaireigin às dèidh 1:30f.

    Às dèidh sin dh'fhaodadh gum faigh sinn fios bho Earra-Ghàidheal mu 3f - is gun tig naidheachd mu Ghallaibh, Cataibh is Ros mu 4f.

    Tha dùil an uairsin ri toradh na bhòt ann an Inbhir Nis is Inbhir Narann is às an Eilean Sgitheanach, Loch Abar is Bàideanach car anmoch air an là - eadar 6f is 7f.

    Ma tha na tomhasan ceart, 's e mar sin bhòt sgìreil na Gàidhealtachd is nan Eilean - sin agad airson buill-phàrlamaid air an liosta - an toradh mu dheireadh a gheibh sinn agus 's dòcha timcheall air 7f.

    Chì sinn fhathast a bheil sin ceart - is ma tha, dh'fhaodadh gun toir e buaidh mhòr air an dealbh mu dheireadh gu nàiseanta is seachdnar air an taghadh air an liosta sin.

  18. Reform UK a' dèanamh gàirdeachaisair fhoillseachadh aig 10:20 TSB 8 An Cèitean

    Tha ceannard Reform UK Nigel Farage a' cumail a-mach gu bheil toraidhean Shasainn nan "gluasad eachdraidheil" agus gu bheil na Làbaraich gan "sguabadh às".

  19. "Cha bhi mi a' coiseachd air falbh"air fhoillseachadh aig 10:11 TSB 8 An Cèitean

    Sir Keir Starmer

    'S e sin a tha Sir Keir Starmer ag ràdh is cuideam a' sìor a dhol air leis an dealbh a tha a' nochdadh ann an Sasainn.

    Tha am Prìomhaire ag ràdh gu bheil "màndat còig bliadhna agam airson an dùthaich atharrachadh" agus gum mìnich e planaichean ùra anns na làithean ri thighinn.

    Ron sin ge-tà, tha a h-uile coltas ann gu bheil là gu math dùbhlanach roimhe an-diugh.