Geàrr-chunntas

  1. "Tha Anas Sarwar air gabhail ris gun do chaill na Làbaraich an taghadh ann an Alba"air fhoillseachadh aig 14:29 TSB 8 An Cèitean

    Niall O'Gallagher
    Fear-naidheachd poileataigeach

    Tha Anas Sarwar air gabhail ris gun do chaill na Làbaraich an taghadh ann an Alba.

    A’ bruidhinn aig a’ chunntas ann an Glaschu, thuirt ceannard Albannach a’ phartaidh “gun d’ rinn sinn argamaid airson atharrachaidh agus chaill sinn an t-argamaid a tha sin.”

    Chaidh faighneachd dha am b’ e Sir Keir Starmer a bu choireach – na fhaclan fhèin “bha suaile nàiseanta ann agus dh’fhàilig oirnne faighinn thairis air”.

    Thuirt Mgr Sarwar cuideachd nach robh e a' creidsinn gum faigheadh an SNP mòr-chuid agus nach ann mu neo-eisimeileachd a bha an taghadh seo – agus thuirt e nach robh àite sam bith aig Reform UK ann an Riaghaltas na h-Alba.

    Tha na cunntasan-bheachd air a bhith a’ claonadh an taobh seo fad mhìosan ach 's e briseadh-dùil a th' ann don fhear a bha an dòchas Taigh Bhòid a ruighinn mar Phrìomh Mhinistear às dèidh taghadh Westminster 2026 agus a bha a' cumail a-mach tron iomairt seo gum faodadh sin tachart fhathast.

    Cha tachair a-nis.

    Am fuirich e mar cheannard?

    Chan eil sin soilleir – nuair a chuireadh a’ cheist air cha tuirt e ach gum b’ e an dreuchd aigesan a-nis am partaidh aige a chumail ri chèile.

    Chì sin fhathast a bheil e an dòchas sin a dhèanamh mar cheannard no air dòigh eile.

  2. Obar Dheathain Taobh Dè is Ceann Chàrdain a Tuathair fhoillseachadh aig 14:25 TSB 8 An Cèitean

    Obar Dheathain Taobh Dè is Ceann Chàrdain a Tuath
  3. Fearghas air a shlighe a-mach?air fhoillseachadh aig 14:23 TSB 8 An Cèitean

    'S e deireadh linn a bhios ann ma chailleas Fearghas Ewing - fear a th' air a bhith na bhall de Phàrlamaid na h-Alba bho 1999.

    Tha Mgr Ewing air iomairt mhòr a dhèanamh feuch tilleadh gu Holyrood mar bhall neo-eisimeileach às dèidh dha an SNP fhàgail.

    Às an fheadhainn a bh' ann bho 1999, 's e fhèin, John Swinney is Jackie Baillie a-mhàin a tha a' seasamh am-bliadhna.

  4. Siorrachd Pheairt a Tuathair fhoillseachadh aig 14:17 TSB 8 An Cèitean

    Thuirt Iain Swinney gur iad an SNP as motha a bhios san ath phàrlamaid agus e a' bruidhinn an dèidh dha roinn Shiorrachd Pheairt a Tuath a bhuannachadh.

    Siorrachd Pheairt a Tuath
  5. Iain Swinney a' glèidheadh na roinne-pàrlamaid aigeair fhoillseachadh aig 14:14 TSB 8 An Cèitean

    Chùm ceannard an SNP grèim air an roinn aige - Siorrachd Pheairt a Tuath.

  6. Droch naidheachd dha Fearghas Ewing?air fhoillseachadh aig 14:11 TSB 8 An Cèitean

    Alasdair MacLeòid
    Ag aithris à cunntadh nam bhòtaichean air a' Ghàidhealtachd

    Coltas gu math dubhach air luchd-taice Fhearghais Ewing, le Emma Roddick (SNP) air innse gu bheil ise a' faireachdainn gu math misneachail gum faigh i a-steach ann an sgìre Inbhir Nis is Inbhir Narainn.

  7. Bhòt nan Eilean Siar a' tighinnair fhoillseachadh aig 14:06 TSB 8 An Cèitean

    Dòmhnall MacLaomainn
    Ag aithris à Steòrnabhagh

    "Am bocsa mu dheireadh ga chunntadh a-nise - Barraigh"

    Na bhòt anns na h-Eileanan
  8. Sgìre Gallaibh, Cataibh, agus Rosair fhoillseachadh aig 14:00 TSB 8 An Cèitean

    Alasdair MacLeòid
    Ag aithris à cunntadh nam bhòtaichean air a' Ghàidhealtachd

    'S i Maree Todd a fhuair a-steach san taghadh ann an 2021 às leth an SNP, le 43.1% dhen bhòt; na Lib Deamaich san dàrna àite le 36.1%.

    Agus, tha na Lib Deamaich gu mòr a' cuimseachadh air a thighinn am bàrr an turas seo is fear Dàibhidh Green na thagraiche dhaibh.

  9. Carraig, Cumnag agus Srath Dhùinair fhoillseachadh aig 13:54 TSB 8 An Cèitean

    Carraig, Cumnag is Srath Dhùin
  10. Inbhir Nis agus Inbhir Narannair fhoillseachadh aig 13:49 TSB 8 An Cèitean

    Alasdair MacLeòid
    Ag aithris à cunntadh nam bhòtaichean air a' Ghàidhealtachd

    Fearghas Ewing a fhuair a-steach às leth an SNP ann an 2021 le 47.7% dhen bhòt; am Partaidh Tòraidheach san darna àite le 27.7%.

    Tha Mgr Ewing a' seasamh an turas seo mar thagraiche neo-eisimeileach is Emma Roddick a' seasamh fo bhratach an SNP.

    An dùil dè an ìre anns an tèid bhòtaichean a tharraing air falbh bhon SNP ri linn seo?

  11. Na h-Uainich misneachail mu dhà roinn an Glaschuair fhoillseachadh aig 13:42 TSB 8 An Cèitean

    Calum MacAmhlaigh
    Ag aithris à Glaschu

    Tha luchd-iomairt nan Uaineach misneachail gun tèid aca air dà roinn pàrlamaid a bhuannachadh ann an Glaschu - Glaschu Ceilbhinn is Cnoc Màiri agus Glaschu Taobh a Deas.

    Nochd barrachd luchd-bhòtaidh anns na roinnean seo na roinn sam bith eile. Ma 's e agus gun gabh na h-Uainich iad seo, tha teans ann nach soirbhich le seann cheannard a' phàrtaidh, Patrick Harvie, a th' air an liosta.

  12. Faisg anns na h-Eileanan an Iar?air fhoillseachadh aig 13:40 TSB 8 An Cèitean

    Dòmhnall MacLaomainn
    Ag aithris à Steòrnabhagh

    Tha iad den bheachd gum bi buil na bhòt againn an seo mu 2f.

    Tha faireachdainn gur dòcha gu bheil e gu bhith faisg.

  13. Baile Dhùn Dè an Earair fhoillseachadh aig 13:38 TSB 8 An Cèitean

    Dùn Dè an Ear
  14. "Tha sinn air sàr riochdairean Làbarach a chall"air fhoillseachadh aig 13:32 TSB 8 An Cèitean

    Barrachd bho Sir Keir Starmer. Tha am Prìomhaire ag ràdh gum feum na Làbaraich "meòrachadh às ùr" às dèidh an t-uabhas de chomhairlichean a chall ann an Sasainn.

  15. Atharrachadh eachdraidheil an Sealtainnair fhoillseachadh aig 13:32 TSB 8 An Cèitean

    Seo a' chiad uair riamh nach do chuir Sealtainn ball Lib Deamach gu Holyrood. B' e Tavish Scott a bha a' riochdachadh na sgìre roimhe, agus Beatrice Wishart roimhe.

    B' ann ann an 1950 a bha ball bho phartaidh eile a thuilleadh air na Lib Deamaich a' riochdachadh Sealtainn.

  16. Cùisean "uabhasach" dha na Làbaraich an Glaschuair fhoillseachadh aig 13:28 TSB 8 An Cèitean

    A rèir Paris Gourtsoyannis, fear-naidheachd a' BhBC, tha neach anns a' Phartaidh Làbarach ris an robh e a' bruidhinn air innse dha gun robh cùisean air a bhith "uabhasach" dhaibh ann an Glaschu.

    Tha e ag ràdh gun robh an neach air a ràdh ris gun robh iad a' dèanamh a cheart cho math ri Reform UK ann an cuid de sgìrean air taobh deas a' bhaile agus gun robh na h-Uainich air dèanamh na b' fheàrr na iad.

  17. Cille Meàrnaig is Gleann Irbhinnair fhoillseachadh aig 13:25 TSB 8 An Cèitean

    Cille Meàrnaig
  18. SNP air Sealtainn a bhuannachadh bho na Lib Deamaichair fhoillseachadh aig 13:20 TSB 8 An Cèitean

    Sealtainn
  19. Obar Dheathain Meadhanair fhoillseachadh aig 13:17 TSB 8 An Cèitean

    Aberdeen
  20. Sùil eile air sùlaire Dhùn Èideannair fhoillseachadh aig 13:13 TSB 8 An Cèitean

    Cha robh guth idir aig Ailean an sin mu Robert Pownall ann am Meadhan Dhùn Èideann - mar sin tha e coltach nach eil muinntir Mheadhan Dhùn Èideann air guga a chur a Holyrood.