Geàrr-chunntas

  1. Dùrachdanair fhoillseachadh aig 18:34 TSB 8 An Cèitean

    Tha an sgioba radio againn deiseil ach tha BBC Radio nan Gàidheal a' leantainn - eil sibh 'son Dùrachd a chur gu cuideigin a rinn adhartas an-diugh?

  2. Briseadh-dùil le mar a chaidh bhòt nan Làbarach gu nàiseantaair fhoillseachadh aig 18:30 TSB 8 An Cèitean

    Thuirt Jackie Baillie, Leas-cheannard nan Làbarach ann an Alba, gu bheil buil na bhot air feadh na dùthcha air a bhith na bhriseadh-dùil.

    Tha i a' cumail a-mach gum bu chòir don cheannard Anas Sarwar fuireach na dhreuchd.

  3. Roinnean na Gàidhealtachdair fhoillseachadh aig 18:23 TSB 8 An Cèitean

    Alasdair MacLeòid
    Ag aithris à cunntadh nam bhòtaichean air a' Ghàidhealtachd

    Tha dùil ann gum faigh sinn toraidhean nam bhòt bho na sgìrean Gàidhealach anns an òrdugh a leanas:

    1. Gallaibh, Cataibh is Ros
    2. Inbhir Nis is Inbhir Narann
    3. An t-Eilean Sgitheanach, Loch Abar is Bàideanach.

    Thathar an dùil is an dòchas nach bi gairm na ciad tè fad às tuilleadh, ach chan eil càil a dh'fhios cuin a thig cùisean gu ceann a-nochd leis nach deach bhòtaichean airson liosta na Gàidhealtachd is nan Eilean a chunntadh fhathast.

    Le bruidhinn ann air cho faisg is a dh'fhaodadh bhòt sgìre an Eilein Sgitheanaich, Loch Abar is Bhàideanaich a bhith eadar na Lib Deamaich agus an SNP, tha bruidhinn ann bho mhuinntir an dà phàrtaidh sin gum faodadh gun deadh iarraidh an cunntadh a-rithist.

    Ma thèid sin iarraidh, tha e an urra ri oifigear an taghaidh co-dhùnadh a dhèanamh an e iarrtas reusanta a th' ann.

  4. Seòidair fhoillseachadh aig 18:17 TSB 8 An Cèitean

    Tha Jackie Baillie a' tilleadh gu Holyrood ma-thà, mar a tha John Swinney.

    Tha sin dìreach a' fàgail Fearghas Ewing - an aon tagraiche eile aig an taghadh seo a tha air a bhith na bhall bho 1999.

    Tha Mgr Ewing a' seasamh ann an Inbhir Nis is Inbhir Narann, agus a rèir na chuala Alasdair MacLeòid nas tràithe air an fheasgar, bha coltas car dubhach air.

    Tha sinn fhathast a' feitheamh toradh na bhòt sin - agus toraidhean eile na Gàidhealtachd.

  5. Dùn Bhreatann aig na Làbaraichair fhoillseachadh aig 18:07 TSB 8 An Cèitean

    Tha Leas-cheannard nan Làbarach ann an Alba Jackie Baillie air an seat aice a chumail.

    Bhuannaich i le mòr-chuid 1786 air thoiseach air tagraiche an SNP Sophie Traynor.

    Tha i air a bhith na ball an seo fad 27 bliadhna agus tha i a-nise gu bhith ann airson còig eile.

    Dùn Bhreatann
  6. Tìoraidh bhon sgioba radioair fhoillseachadh aig 18:00 TSB 8 An Cèitean

    Nise tha An Taghadh air BBC Radio nan Gàidheal a' tighinn gu ceann aig 6f.

    Sàr sgioba is sàr obair aig an stiùir bho Derek MacAoidh!

    Ach na gabh dragh - bidh sinne a' leantainn an seo agus aig 7f bidh An Taghadh air BBC ALBA a' tòiseachadh.

    Gheibh sibh sin aig mullach na duilleige aig an àm

    Sàr sgioba radio
  7. Facal mu dheireadh air Guga Dhùn Èideannair fhoillseachadh aig 17:56 TSB 8 An Cèitean

    Guga Dhùn Èideann

    Bha Robert Pownell ag innse do dh'Ailean Peutan nas tràithe gun do shoirbhich leis an iomairt aige ann am Meadhan Dhùn Èideann an aghaidh sealg a' ghuga ann an Nis.

    Tha fios gur e aire seach bhòtaichean a bha san amharc aig Mgr Pownell - fhuair e 41 de na 35,241 bhòtaichean san roinn.

    Bidh e an urra ris an ath phàrlamaid co-dhùnadh an tèid athchuinge an aghaidh na seilge dad nas fhaide.

  8. Eachdraidh ann an Sealtainnair fhoillseachadh aig 17:49 TSB 8 An Cèitean

    Nas tràithe air an là bhuannaich Hannah Mary Goodlad Sealtainn dhan SNP - a' chiad uair nach b' e Lib Deamach a chuir an sgìre gu Holyrood.

  9. An dealbh aig an ìre seoair fhoillseachadh aig 17:44 TSB 8 An Cèitean

    Tha 68 de na 73 roinnean a-nise air an gairm. Tha trì às na còig nach eil againn air a' Ghàidhealtachd.

    Chan eil dad againn air an liosta fhathast ach leis an SNP air a bhith cho làidir anns na roinnean, bidh dùil ri adhartas dha na pàrtaidhean eile nuair a thig na toraidhean sin.

  10. Prìomh Mhinistear na Cuimrigh a' call a seatair fhoillseachadh aig 17:36 TSB 8 An Cèitean

    Tha ceannard nan Làbarach anns a' Chuimrigh, Eluned Morgan, ag ràdh gu bheil i a' fàgail a dreuchd mar cheannard, 's i air a seat a chall san taghadh.

    Bha Ms Morgan na Prìomh Mhinistear air a' Chuimrigh, ach tha dùil aig a' phartaidh nach bi aca san t-Senedd ùr ach mu dheichnear bhall.

    Thuirt i gu bheil ise a' gabhail uallaich airson na thachair, agus gu bheil muinntir na Cuimrigh "air Làbaraich na Cuimrigh a dhiùltadh".

    Thuirt i gur e "urram mo bheatha" a bh' ann dhi a bhith na Prìomh Mhinistear, agus i air a' chiad bhoireannach a bha os cionn Riaghaltas na Cuimrigh.

    'S i a' chiad cheannard air riaghaltas san Rìoghachd Aonaichte a th' air a seat a chall 's iad ann an oifis.

  11. Dail Chluaidh leis an SNPair fhoillseachadh aig 17:35 TSB 8 An Cèitean

    Màiri McAllan a' buannachadh seat Dail Chluaidh le 13,006 bhòt.

    Dail Chluaidh
  12. Barrachd à Earra-Ghàidhealair fhoillseachadh aig 17:27 TSB 8 An Cèitean

    Ged a chùm an SNP greim air Earra-Ghàidheal, bha am bhòt aca sìos - mar a bha bhòt nan Tòraidhean - is le gluasad a dh'ionnsaigh Reform is nan Lib Deamach.

    Gluasad Earra-Ghàidheal
  13. Earra-Ghàidheal is Bòdair fhoillseachadh aig 17:23 TSB 8 An Cèitean

    Earra-Ghàidheal is Bòd
  14. An SNP air buannachadh ann an Earra-Ghàidheal is Bòdair fhoillseachadh aig 17:21 TSB 8 An Cèitean

    Tha Jenni Minto air Earra-Ghàidheal is Bòd a chumail airson an SNP.

  15. Cha bhi an t-acras orra co-dhiù...air fhoillseachadh aig 17:18 TSB 8 An Cèitean

    Chan ann le aran a-mhàin a bhios luchd-cunntaidh nam bhòtaichean beò, ach ‘s iongantach mura dèan piotsa a’ chùis glè mhath. Beagan bìdh dha na truaghain a th' air a bhith aig Ionad Spòrs Inbhir Nis fad an là!

    Piotsa ann an Ionad Spòrs Inbhir Nis
  16. Na bhòt ann an Earra-Ghàidheal is Bòdair fhoillseachadh aig 17:10 TSB 8 An Cèitean

    Andreas Wolff
    Ag aithris à Earra-Ghàidheal

    Chaidh 55.6% de na tha clàraichte a’ bhòtadh an turas seo, sìos bho 67.8% ann an 2021.

  17. Glaschu Taobh a Deasair fhoillseachadh aig 17:04 TSB 8 An Cèitean

    Chaidh aig Uainich na h-Alba air an dàrna roinn-pàrlamaid a bhuannachadh - an turas seo ann an Glaschu. B' e seo an seat a bh' aig an t-seann Phrìomh Mhinistear Nicola Sturgeon.

    Glaschu Taobh a Deas
  18. Cùisean a' gluasad an Ionad Spòrs Inbhir Nisair fhoillseachadh aig 17:02 TSB 8 An Cèitean

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Tha aig Alasdair ri fèitheamh...

    An naidheachd as ùire bho Alasdair ann an Inbhir Nis.

  19. Bus Ghleann Rathaisair fhoillseachadh aig 16:51 TSB 8 An Cèitean

    Iain MacDiarmaid
    Ag aithris à Fìobha

    Tha fios air tighinn bho Stagecoach mun bhus a chaidh na smàl taobh a-muigh ionad-chuntaidh Ghleann Rathais.

    Dhearbh iad gu robh "thermal incident" ann an-diugh. Chaidh an dràibhear agus an luchd-siubhal a thoirt far a' bhus gu sàbhailte.

    Tha e ro thràth dearbhadh dè dh'abharraich an teine, thuirt iad, ach thèid rannsachadh slàn a dhèanamh.