Geàrr-chunntas

  1. "Tha sinn goirt"air fhoillseachadh aig 19:54 TSB 8 An Cèitean

    Anas SarwarTùs an deilbh, PA Media

    Dh' aidich ceannard nan Làbarach ann an Alba, Anas Sarwar, gun do chaill am partaidh aige an argamaid airson atharrachadh agus gu bheil iad goirt le na thachair san taghadh.

    Chuir ceannard nan Tòraidhean Albannach a' choire air Reform UK airson sgaradh a dhèanamh ann am bhòt an aonaidh agus a bhith a' cur bhall SNP gu Holyrood.

  2. Inbhir Nis is Inbhir Narannair fhoillseachadh aig 19:51 TSB 8 An Cèitean

    A' teannadh dlùth, tha e coltach.

  3. Ear-Thuath na h-Albaair fhoillseachadh aig 19:43 TSB 8 An Cèitean

    Ear-Thuath na h-Alba

  4. Dùn Èideann is Lodainn an Earair fhoillseachadh aig 19:40 TSB 8 An Cèitean

    Dùn Èideann is Lodainn an Ear

  5. Meadhan Alba is Fìobhaair fhoillseachadh aig 19:39 TSB 8 An Cèitean

    Meadhan Alba is Fìobha

  6. "A' buannachadh an aghaidh an t-sruth..."air fhoillseachadh aig 19:38 TSB 8 An Cèitean

    Thuirt ball Westminster nan Eilean Siar Torcuil Crichton gun do bhuannaich tagraiche nan Làbarach Dòmhnall MacFhionghain an aghaidh an t-sruth an-diugh.

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Torcuil Crichton

  7. Dùn Èideann is Lodainn an Earair fhoillseachadh aig 19:37 TSB 8 An Cèitean

    • Uainich 3
    • Làbaraich 2
    • Tòraidhean 1
    • Reform 1
  8. Meadhan Alba is Fìobhaair fhoillseachadh aig 19:36 TSB 8 An Cèitean

    Seo a-nise a' bhòt air an liosta a' tighinn a-steach:

    • Reform 2
    • Tòraidhean 2
    • Làbaraich 2
    • Uainich 1
  9. Àireamhan liosta anns na h-Eileanan an Iarair fhoillseachadh aig 19:34 TSB 8 An Cèitean

    Bidh sinn a' feitheamh ùine 'son toradh na liosta aig tuath leis gu bheil dà roinn ri'n gairm fhathast.

    Tha dearbhadh a-nise, ge-tà, air bhòtaichean nan Eilean Siar air an liosta.

    • SNP: 3618
    • Na Làbaraich: 3242
    • Reform: 1654
    • Uainich: 929
    • Tòraidhean: 909
    • Lib Deamaich: 733

    Bidh e ri fhaicinn fhathast mar a bheir sin buaidh air na toraidhean aig a' cheann thall.

  10. Ceannard an SNP Iain Swinney air a dhòigh glanair fhoillseachadh aig 19:25 TSB 8 An Cèitean

    Tha Iain Swinney air fàilte a chur air toraidhean an taghaidh thuige seo.

    "Tha mi air mo dhòigh glan gu bheil an SNP air an taghadh a bhuannachadh agus gum bi sinn air a' phartaidh gu math nas motha na an fheadhainn eile," thuirt e.

    Thuirt am Prìomh Mhinistear gun robh e làn chinnteach gum biodh mòr-chuid a bha a' taiceachadh neo-eisimileach aig Holyrood.

    Thuirt Mgr Swinney cuideachd gun robh e an dòchas gun èisteadh Sràid Dhowning leis gun deach na Làbaraich a phronnadh uair eile ann an Alba.

    "Chaidh riaghaltas SNP, an dèidh 19 bliadhna ann an cumhachd, a thilleadh gu oifis gu làidir," thuirt e.

    Iain SwinneyTùs an deilbh, Getty Images
  11. Crìochan ùra as coireach airson call an Robasdanaich?air fhoillseachadh aig 19:21 TSB 8 An Cèitean

    Aonghas RobasdanTùs an deilbh, PA

    'S e droch là bh' ann do dh'Aonghas Robasdan ann am Meadhan Dhùn Èideann is e a' crìochnachadh san treas àite.

    Tha e den bheachd gur dòcha gun tug mar a tha crìochan Mheadhan Dhùn Èideann air atharrachadh bho 2021 buaidh air.

    "Tha iad air atharrachadh gu mòr," thuirt e.

    Chuir e meal a naidheachd cuideachd air Lorna Slater is i air an seat a bhuannachadh airson nan Uaineach.

  12. Càite bheil sinn?air fhoillseachadh aig 19:15 TSB 8 An Cèitean

    Tha sinn a' feaitheamh air trì roinnean:

    • Inbhir Nis is Inbhir Narann
    • An t-Eilean Sgitheanach, Loch Abar is Bàideanach
    • Baile Udain is Cnoc a' Chluig

    Agus chan eil gin againn a thaobh nan liostaichean.

    Sin 59 ball uile gu lèir is mar sin bidh an dealbh ag atharrachadh gu mòr fhathast.

  13. Senedd na Cuimrigh gun mhòr-chuidair fhoillseachadh aig 19:11 TSB 8 An Cèitean

    Leis a h-uile sgìre anns a' Chumirigh a-niste air an gairm, chan eil mòr-chuid aig partaidh sam bith san t-Senedd.

    Fhuair Plaid Cymru 43, Reform UK 34, 9 aig na Làbaraich, agus 7 aig na Tòraidhean.

    Tha na h-Uainich air a' chiad dithis bhall riamh aca san t-Senedd fhaighinn, agus tha aon bhall aig na Libearalaich Dheamocratach.

    Chaidh àireamh nam ball a leudachadh gu 96, seach an 60 ball a bh' ann roimhe, agus tha feum air 49 airson mòr-chuid.

    'S e seo a' chiad uair a chaill na Làbaraich cumhachd sa Chuimrigh bho chaidh an Senedd a chur air bhonn. Tha an eachdraidh nas motha na sin, agus am partaidh air a bhith am bàrr sa Chuimrigh fad 100 bliadhna.

    Chaill am Prìomh Mhinistear, Eluned Morgan, a seat, agus leig i dhith ceannas Làbaraich na Cuimrigh.

    Bidh a-niste aig Plaid Cymru, no Reform, ri aonta a chur air dòigh airson riaghaltas a stèidheachadh. Cha bhi sin furasta do phartaidh sam bith.

  14. An Taghadh air BBC ALBAair fhoillseachadh aig 19:03 TSB 8 An Cèitean

    Tha am prògram telebhisein againn a-nise a' dol le Dòmhnall Angaidh Moireasdan aig an stiùir is faodaidh sibh coimhead air aig mullach na duilleige.

  15. Maree Todd a' call a-mach ri Daibhidh Greenair fhoillseachadh aig 18:59 TSB 8 An Cèitean

    Rinn an tagraiche Lib Deamach an gnothaich air Maree Todd, Ministear Dhrugaichean an riaghaltais mu dheireadh, le còrr air 5,000 bhòt.

  16. Atharrachadh mòr air comhairlean ionadail Shasainnair fhoillseachadh aig 18:57 TSB 8 An Cèitean

    'S iad Reform UK buannaichean mòra nan taghaidhean ionadail ann an Sasainn.

    Aig an ìre seo, le 27 comhairle fhathast ri ghairm, tha 1,198 comhairlichean aca air feadh Shasainn. Sin an taca ri dithis a bh' aca anns na sgìrean far a bheil taghaidhean air an cumail an t-seachdain seo, roimhe.

    Thug iad bhòtaichean gach cuid bho na Tòraidhean, aig a bheil 627 - sìos 466 - agus gu h-àraid bho na Làbaraich, a th' air 1,045 comhairliche a chall.

    Rinn na h-Uainich adhartas cuideachd, a' faighinn 269 comhairlichean a bharrachd, ach tha iad an-dràsta le 384 eadar na comhairlean.

    'S iad na Làbaraich an-dràsta an dàrna partaidh as motha sna comhairlean a chaidh a thaghadh.

    Tha mun dàrna leth de na comhairlean a bha san taghadh seo ge-tà, air am fàgail gun smachd iomlan, 's an còrr air an roinn eadar na partaidhean.

  17. Tha na Lib Deamaich air Gallaibh, Cataibh is Ros a thoirt bhon SNPair fhoillseachadh aig 18:53 TSB 8 An Cèitean

    Gallaibh, Cataibh is Ros

  18. Taing do shealbhair fhoillseachadh aig 18:49 TSB 8 An Cèitean

    Dùil mu dheireadh ri naidheachd às a' Ghàidhealtachd ma-thà!

    Ach na gabh dragh, bidh sinn an seo co-dhiù gus an tig na toraidhean uile.

    Is tha ceithir bananathan air fhàgail aig Teàrlach fhathast airson ar cumail a' dol.

    Nach buidhe dhuinn ;)

    Deasg Theàrlaich
  19. Gallaibh, Cataibh is Rosair fhoillseachadh aig 18:43 TSB 8 An Cèitean

    Alasdair MacLeòid
    Ag aithris à cunntadh nam bhòtaichean air a' Ghàidhealtachd

    Toradh nam bhòt gu bhith againn air an àrd-ùrlar a dh'aithghearr.

  20. Cothrom fhathast aig Reform a bhith san 2na àite an Alba - Offordair fhoillseachadh aig 18:38 TSB 8 An Cèitean

    Tha ceannard Reform UK ann an Alba a' cumail a-mach gu bheil cothrom ann fhathast aig a' phartaidh a bhith san dàrna àite an Alba.

    Thuirt e gur e rèis a bh' ann a-nise eadar Reform UK agus Làbaraich na h-Alba.

    "Bha mise gu pearsanta ag ràdh gun robh mi airson roinnean-pàrlamaid a bhuannachadh agus chan eil sin air tighinn troimhe," thuirt e.

    Thuirt e gur e briseadh-dùil a bh' ann dha gun tàinig e san treas àite ann an Inbhir Chluaidh.

    Bhuannaich an SNP leis na Làbaraich anns an dàrna àite air an cùl.

    Stuart MacMillan, SNP is Malcolm Offord, Reform UK