Geàrr-chunntas

  1. Sùil air ais air Taghadh Holyrood 2026air fhoillseachadh aig 01:35 TSB 9 An Cèitean

    Fàgaidh sinn sibh le sùil air ais tro Thaghadh na h-Alba 2026.

  2. Sin e ma-thàair fhoillseachadh aig 01:32 TSB 9 An Cèitean

    Tha an SNP air an taghadh seo a bhuannachadh is iad fada air thoiseach air na partaidhean eile, ach gann de mhòr-chuid.

    Chì sinn anns na làithean ri thighinn dè dìreach a bhios seo uile a' ciallachadh dhan phàrlamaid ùir.

    Bidh sinn air ais an seo madainn Disathairne aig 11:00 le beachdan is cnuasachadh a bharrachd agus bidh cuideachd prògram againn air BBC Radio nan Gàidheal eadar 12f is 1f.

    Chun uairsin, taing mhòr 'son a bhith còmhla rinn agus oidhche (no madainn) mhath!

  3. An dealbh slànair fhoillseachadh aig 01:28 TSB 9 An Cèitean

    Agus seo mar a tha e a' fàgail chùisean is na toraidhean uile againn.

    Staid nam partaidhean
  4. A' Ghàidhealtachd is na h-Eileananair fhoillseachadh aig 01:23 TSB 9 An Cèitean

    A' Ghàidhealtachd is nan Eilean

  5. Seo e a-niseair fhoillseachadh aig 01:20 TSB 9 An Cèitean

    Seo na buill a tha air soirbheachadh ann an sgìre taghaidh na Gàidhealtachd is nan Eilean:

    • Vic Currie - Reform
    • Max Bannerman - Reform
    • Ariane Burgess - Uainich
    • Kristopher Leask - Uainich
    • Tim Eagle - Tòraidhean
    • Morven May MacCallum - Lib Deamaich
    • Maree Todd - SNP

  6. Cowboy Inbhir Nisair fhoillseachadh aig 00:45 TSB 9 An Cèitean

    Alasdair MacLeòid
    Ag aithris à cunntadh nam bhòtaichean air a' Ghàidhealtachd

    Chan eil fhios ‘am a bheil cowboy air nochdadh, no an e gu bheil an sgìths a’ laighe orm…?

    Cowboy
  7. Dòchas?air fhoillseachadh aig 00:41 TSB 9 An Cèitean

    Alasdair MacLeòid
    Ag aithris à cunntadh nam bhòtaichean air a' Ghàidhealtachd

    Cuid dhe na bùird-bhòtaidh a-nise falamh, cuid eile air an toirt air falbh… an urrainn dha idir a bhith gu bheil deireadh a’ chunnt air fàire?

    Cunnt na Gàidhealtachd
  8. Sgìosair fhoillseachadh aig 00:30 TSB 9 An Cèitean

    Dealbh bhon fhear-naidheachd againn Iain MacAonghais, a tha cuideachd an làthair aig cunntadh nam bhòtaichean ann an Ionad Spòrs Inbhir Nis.

    Chan eil fiosam a bheil cus spòrs a' dol an sin an-dràsta is daoine a-nise a' fàs gu math sgìth.

    Tha sinn a' feitheamh fhathast airson buil na Gàidhealtachd is nan Eilean.

    Daoine sgìth aig cunnt na Gàidhealtachd
  9. Cudromachair fhoillseachadh aig 00:22 TSB 9 An Cèitean

    Kirsten Chaimbeul

    Tha tè-naidheachd phoileataigeach BBC Scotland Kirsten Chaimbeul air togail air mar a bha cuid de luchd-naidheachd ag ràdh gum bi iad ag ionndrainn cunntadh tron oidhche - tha e againn fhathast an seo air a' Ghàidhealtachd!

    Ach tha Kirsten a' togail cuideachd air cho cudromach 's a tha an toradh mu dheireadh seo: innsidh e dhuinn cò an dàrna partaidh as motha a bhios ann is cò gheibh an cothrom a' chiad cheist fhaighneachd aig Ceistean a' Phrìomh Mhinisteir.

  10. Seataichean liostaair fhoillseachadh aig 23:56 TSB 8 An Cèitean

    Tha iad a' cunntadh fhathast ann an Inbhir Nis, ach seo suidheachadh nan seataichean liosta aig an ìre seo is na seachd sgìrean eile air an gairm (bho chionn fhada an t-saoghail).

    Seataichean liosta
  11. Buil na Gàidhealtachdair fhoillseachadh aig 23:26 TSB 8 An Cèitean

    Tha sinn a' feitheamh fhathast ach chan eil e soilleir idir cuine thig na toraidhean mu dheireadh à cunntadh nam bhòtaichean ann an Inbhir Nis.

    Bheir sinn am fiosrachadh thugaibh cho luath 's a thig e. Agus mura dèan iad cabhag, bidh cothrom againn na tadhail san iomain a-màireach a thoirt thugaibh cuideachd.

  12. Faclan gu math glic!air fhoillseachadh aig 23:03 TSB 8 An Cèitean

    Alasdair MacLeòid
    Ag aithris à cunntadh nam bhòtaichean air a' Ghàidhealtachd

    Thig crìoch air an t-saoghal, ach mairidh gaol, ceòl, is cunnt Ionad Spòrs Inbhir Nis.

  13. Cunntadh a' leantainn ann an Inbhir Nisair fhoillseachadh aig 22:48 TSB 8 An Cèitean

    Robh iad glic gu leòr pocanan cadail a thoirt leotha ge-tà?

    'S dòcha gum bi feum orra fhathast.....

  14. Comhfhurtachd aig cuidair fhoillseachadh aig 22:47 TSB 8 An Cèitean

    Alasdair MacLeòid
    Ag aithris à cunntadh nam bhòtaichean air a' Ghàidhealtachd

    ‘S iad a bha glic ach Mary is Janice a thàinig dhan chunnt le seathraichean math, cofhurtail.

    Mary is Janice
  15. Fiosair fhoillseachadh aig 22:36 TSB 8 An Cèitean

    Alasdair MacLeòid
    Ag aithris à cunntadh nam bhòtaichean air a' Ghàidhealtachd

    Co-dhiù, tha oidhche mhath ann…

    Oidhche àlainn air a' Ghàidhealtachd
  16. Toradh liosta na Gàidhealtachdair fhoillseachadh aig 22:31 TSB 8 An Cèitean

    Alasdair MacLeòid
    Ag aithris à cunntadh nam bhòtaichean air a' Ghàidhealtachd

    Tha oifigear bho Chomhairle na Gàidhealtachd ag ràdh gum bi ùine ann fhathast mus bi toradh nam bhòt ann airson liosta na Gàidhealtachd is nan Eilean.

    Tha dùil gun cùm an cunntadh a’ dol gum bi cùisean air an toirt gu ceann a-nochd fhathast, ach chan eil fios dè cho fad 's a bheir e.

  17. Fìor dheagh là dha na h-Uainichair fhoillseachadh aig 22:21 TSB 8 An Cèitean

    Gillian NicAoidh is Ross GreerTùs an deilbh, PA

    Tha Gillian NicAoidh bho na h-Uainich cuideachd a' dèanamh gàirdeachais.

    Tha 13 ball aca aig an ìre seo is tha a dhà dhiubh sin anns na roinnean 'son a' chiad uair.

    Ge bith dè thachras air a' Ghàidhealtachd, 's e seo a' bhuidheann as motha a bhios na h-Uainich air cur gu Holyrood.

    "Tha daoine air dòchas a thaghadh," tha i ag ràdh.

  18. Cùisean a' tighinn gu ceannair fhoillseachadh aig 22:15 TSB 8 An Cèitean

    Alasdair MacLeòid
    Ag aithris à cunntadh nam bhòtaichean air a' Ghàidhealtachd

    Bocsaichean a thàinig a-raoir làn de bhileagan-bhòtaidh, a’ falbh falamh ann an cùl bhan…

    Bocsaichean
    Bocsaichean
  19. "Bunait làidir" aig Reformair fhoillseachadh aig 22:08 TSB 8 An Cèitean

    Malcolm OffordTùs an deilbh, PA Media

    'S e sin a tha Malcolm Offord ag ràdh is Reform air 15 seat fhaighinn air an liosta - is toraidhean na Gàidhealtachd fhathast ri thighinn.

    "Bidh fòcas againn air na rudan a tha cudromach do dhaoine," tha e ag ràdh.

    "Sgoiltean, rathaidean - sin far am bu chòir prìomhachas a chur."

  20. Liosta na Gàidhealtachdair fhoillseachadh aig 22:01 TSB 8 An Cèitean

    Tha 13 uairean de thìde a-nise bho thòisich cunntadh nam bhòtaichean is tha e coltach gu bheil ceistean ann a thaobh cho fada 's a tha e a' toirt Liosta na Gàidhealtachd a chrìochnachadh.

    Chan e seo a' chiad turas a bha gnothaichean air dheireadh san dòigh seo ann an Inbhir Nis anns na bliadhnaichean mu dheireadh.

    Tha sinn a' tuigsinn (agus an dòchas!) nach bi e ro fhada a-nise.