Prìsean làidir aig Fèill na Luirge

- Air fhoillseachadh
Bha prìsean làidir aig Fèill Uan na Luirge an-diugh, le 1,189 uan nas lugha gan reic na bha an-uiridh.
Chaidh muilt a reic airson £101.37 an urra sa chumantas.
B' e £138 a' phrìs a b' fheàrr air mult Cheviot, le £158 air mult Texel.
Chaidh 2,102 uan boireann a reic - £147.38 sa chumantas
Bha sin a dh'aindeoin 's nach eil iarrtas ann à Sasainn am-bliadhna le cion feòir ri linn an tairt.
"'S dòcha nach eil mòran de na h-uain air fàs cho math 's a bha ann am bliadhnaichean eile, ach tha tòrr a' ceannach, tha deagh iarrtas ann," thuirt am fear-rùip, Dòmhnall Young.
"Chan eil uiread ann às Sasainn, oir chan eil feur shìos an sin, 's e Siorrachd Obar Dheathain gu h-àraid agus an còrr de dh'Alba a tha a' ceannach."

'S e là mòr a th' ann do chroitearan is tuathanaich a' chinn a tuath, a rèir Cara Lowe à Gallaibh
'S e Fèill na Luirge tè de na fèilltean uan aon là as motha san Roinn Eòrpa, agus tha mòran thuathanach agus chroitearan gu mòr an crochadh air airson teachd a-steach na bliadhna aca.
"S e seo an là - an là air an dèan thu airgead," thuirt Cara Lowe à Gallaibh.
'"S e an t-àm againne a bhith a' taisbeanadh na tha sinn air dèanamh thairis air àm breith nan uan. Là mòr a th' ann dhuinn," thuirt i.

Thuirt Murchadh Dòmhnallach às an Achadh Mhealbhaich gun robh daoine ris an do bhruidhinn esan toilichte leis na prìsean a fhuair iad
Chan e briseadh-dùil a fhuair daoine, a rèir Mhurchaidh Dhòmhnallaich às an Achadh Mhealbhaich, a thug leis 300 uan dhan fhèill.
"Tha sinn gu math toilichte," thuirt e.
"Tha uain bhoireann againn agus tha mi a' smaointinn gu bheil iad glè mhath. So chì sinn.
"A h-uile duine a tha mi air bruidhinn ris, tha iad ag ràdh gu bheil iad gu math toilichte."
Prìsean an-àirde aig Fèill na Luirge
- Air fhoillseachadh13 An Lùnastal 2024
Rabhadh bho Fhèill na Luirge nach bi na h-uimhir de dh'uain ann ri linn na droch shìde
- Air fhoillseachadh13 An Lùnastal 2024
A bharrachd air prìsean, bha slàinte bheathaichean air inntinn dhaoine aig an fhèill, agus còig cùisean a-niste den ghalar Bluetongue air an dearbhadh ann an Gall-Ghàidhealaibh.
"Cha chreid mi gu bheil uimhir de dhragh air a bhith ann mu dheidhinn cho fada seo tuath, ach 's e adhbhar dhragh a th' ann dhan ghnìomhachas," thuirt Mgr Young.
"Feumaidh sinn a bhith gu math faiceallach - coltach ri rud sam bith eile, nuair is e galar a th' ann feumaidh tu a bhith faiceallach.
"Tha sinn a' cumail ri ìrean àrda de ghlainnead, a' dì-ghannrachadh a h-uile càil 's a' dèanamh cinnteach gu bheil e ga dhèanamh ceart."