Deireadh linn dhan chiad Eaglais Shaor a chaidh a thogail sna Hearadh

Bha am bàrd ainmeil, Iain Gobha na Hearadh, gu mòr air cùl na h-obrach Eaglais Mhànais a thogail
- Air fhoillseachadh
Dùinidh eaglais eachdraidheil sna Hearadh airson an turas mu dheireadh le cuirm coimhearsnachd aig deireadh na mìos.
Tha Eaglais Mhànais sna Bàigh air clàr Àrainneachd Eachdraidheil na h-Alba le dlùth cheangail ris a' bhàrd ainmeil, Iain Gobha na Hearadh.
Bha esan gu mòr an sàs san iomairt a' chiad àite-adhraidh aig an Eaglais Shaor sna Hearadh a thogail ann an 1853
"Gu mì-fhortanach chan fhaca e fhèin buileach crìochnaichte i o chionn dh'eug e fhèin air an 6mh den Dùbhlachd 1852," mhìnich Hamish Mac an Tàilleir, a rinn mòran rannsachaidh mun togalach.

Tha Eaglais Mhànais air a bhith na àite adhraidh airson còrr is 170 bliadhna
Tha an laoidh aig a' bhàrd, Cuairt Cuain, stèidhichte air an turas a rinn e air bòrd soitheach na h-Eaglais Saoire ann an 1851 a thogail ionmhais airson an eaglais a stèidheachadh.
"Bha e airson agus gun deigheadh an eaglais a chrìochnachadh gun fiachan a bhith oirre agus tha sinn a' tuigsinn gun do choilean e sin," thuirt Hamish Mac an Tàilleir.
"'S i a' chiad Eaglais Shaor a bh' anns na Hearadh an dèidh an sgaraidh ann an 1843.
"Chaidh i tron a h-uile atharrachadh san eaglais a thachair on uair sin."
Bha i na h-eaglais shaor eadar 1853 agus 1900 nuair a chaidh i dhan Eaglais Shaor Aonaichte.
Ann an 1929 thill an eaglais sin air ais do dh'Eaglais na h-Alba.
Bha Eaglais Mhànais am measg nan ceudan de thogalaichean a tha Eaglais na h-Alba a' reic, agus thathar a' tuigsinn gun deach a cheannach.
Bidh cothrom aig a' phoball cruinneachadh san togalach, 's dòcha airson an turas mu dheireadh, aig cuirm coimhearsnachd air an 28mh den Lùnastal.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh13 An Lùnastal 2025

- Air fhoillseachadh1 An Dùbhlachd 2022

- Air fhoillseachadh10 An t-Sultain 2024
