Maoin ùr 'son àitichean adhraidh clàraichte an Alba a chàradh

Seann Àrd-Eaglais agus Eaglis Shaor a Tuath ann an Inbhir Nis
  • Air fhoillseachadh

Chaidh maoin ùr pìleat a chur air dòigh airson càradh a dhèanamh air àitichean adhraidh eachdraidheil ann an Alba.

'S iad Àrainneachd Eachdraidheil Alba (HES) a th' air a' mhaoin a stèidheachadh, agus seann Sgeama Ghranta nan Àitichean Adhraidh Clàraichte, a bha an sàs airson na Rìoghachd Aonaichte gu lèir, air dùnadh.

Gheibhear suas ri £1m fon sgeama, agus gheibhear cosgaisean VAT air ais.

Tòisichidh an sgeama as t-fhoghar am-bliadhna, 's bidh e a' ruith gu deireadh a' Mhàirt 2027.

Thuirt HES gun cuidich an sgeama togalaichean eachdraidheil a tha tric nan àitichean cruinneachaidh cudromach a dhìon.

Cuiridh an sgeama, thuirt iad, fiosrachadh ri sgeamaichean san àm ri teachd, 's e ag amas air tomhas a dhèanamh feuch dè an t-iarrtas a th' ann airson taic den leithid an Alba.

"Tha àitichean adhraidh eachdraidheil na h-Alba nam pàirt cudromach den dualchas againn uile," thuirt Àrd-Stiùiriche HES, Katerina Brown.

"Tha iad a' cur gu mòr ri caractar bhailtean beag is mòr air feadh na dùthcha, agus tha mòran aca fhathast aig cridhe nan coimhearsnachdan ionadail aca.

"Le bhith a' cur taic ri gnìomh thràth agus càradh leantainneach cuidichidh a' Mhaoin dìon a chur air togalaichean eachdraidheil, sgilean traidiseanta a ghlèidheadh, agus cuiridh e ri seasmhachd beartas dualchais air feadh Alba."