Rabhadh bho Fhèill na Luirge nach bi na h-uimhir de dh'uain ann ri linn na droch shìde

Caoraich
Fo-thiotal an deilbh,

Tha dùil gun reicear suas ri 14,000 uan ged a tha àireamhan sìos

  • Air fhoillseachadh

Tha tè de na fèilltean chaorach aon-là as motha san Roinn Eòrpa ga cumail Dimàirt le dùil gun tèid na mìltean de dh'uain a reic.

Bidh croitearan agus tuathanaich an dòchas gum faigh iad deagh phrìs air an son, 's gun mòran atharrachaidh air a bhith ann san dà bhliadhna mu dheireadh.

Ach tha an fheadhainn air cùl na fèille a' toirt rabhadh gu bheil nas lugha de bheathaichean ann am-bliadhna air sgàth agus cho dona 's tha an t-sìde air a bhith.

Thuirt Peadar Myles, cathraiche Chomann Nàiseanta nan Caorach ann an Alba, gun reic iad eadar 13,000 agus 14,000 beathach.

"Chan e àite a tha sna monaidhean far am faighear mòran fasgaidh agus tha na beathaichean a-muigh an sin san uisge, agus fiù 's sneachda aig amannan, nuair a tha còir sìde mhath a bhith ann."

Rup nan caorach
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Fèill na Luirge air tè dhen fheadhainn aon-là as motha san Roinn Eòrpa