Naidheachdan 11:00m

Gàrradh MhicFhearghais

Tha Gàrradh MhicFhearghais ann am Port Ghlaschu a' gearradh mun cheathramh cuid den luchd-obrach. Chaidh fàgail saor-thoileach a thabhainn air luchd-obrach a tha a' cur crìche an-dràsta air a' Ghlen Rosa, an dàrna soitheach do ChalMac air an deach maill mhòr agus cosgais nas motha na bha dùil. Tha còrr is 280 duine ag obair dhan chompanaidh a bhuineas dhan stàit, ach tha stiùirichean an dòchas gum falbh 70 duine le an toil fhèin. Gheall Riaghaltas na h-Alba gum faigh an gàrradh cùmhnantan ùra a dh'aithghearr airson ceithir bàtaichean nas lugha.

An Ruis

Tha Ambasaid na Ruis ann an Lunnainn ag ràdh gu bheil an Rìoghachd a' cur ris ' chogadh eadar an Ruis is an Ucràin an dèidh dearbhadh gun do chleachd an Ucràin drònaichean Breatannach ann an ionnsaighean taobh a-staigh na Ruis. Thuirt an ambasaid gum feum an Rìoghachd Aonaichte freagairt airson sin. Tha aithrisean a' tighinn à Kyiv cuideachd gun deach, air a' char as lugha, 17 Ucràinianach a mharbhadh ann an ionnsaighean Ruiseannach an-raoir.

Meta

Tha cùis-lagha mhòr a' tòiseachadh sna Stàitean Aonaichte an-diugh sa bheil 30 stàit a' fàgail air a' chompanaidh tech Meta gu bheil iad a' dealbh cuid de na làraichean air dhòigh gus an greimich iad air òigridh. Agus tha Meta, dham buin Facebook agus Instgram fo chasaid cuideachd gu bheil iad a' mealladh an t-sluaigh. Tha Meta a' dol às àicheadh sin, ach ma chailleas iad tha coltas gun tig orra na ceudan mhilleanan Dollar a phàigheadh.

Bluetongue

Chaidh iarraidh uair eile air tuathanaich banachdach airson bluetongue a thoirt dhan stoc an dèidh dearbhadh air a' chòigeamh cùis den ghalar an ceann an iar-dheas na h-Alba. Tha an galar an turas seo air tuathanas ann am Baile na Crìche ann an Siorrachd Bhaile na h-Ùige, agus a' chiad turas a tha e air nochdadh ann am beathach mairt an Alba.

Obar Dheathain

Tha triùir òganach fo chasaid gur iad a chuir teine a dh'aona-ghnothaich ri togalach falamh ann an Obar Dheathain. Chuir luchd-smàlaidh ùine seachad a-raoir a' strì ris an teine san togalach air Sràid na Pàirce a chaidh a dhroch mhilleadh ann an teine ron seo.