"Chaidh na co-dhùnaidhean mòra a rinn Steve Clarke ceàrr"

- Air fhoillseachadh
Tha suidheachadh na h-Alba ann an Cupa na Cruinne a-nise gu math cugallach às dèidh dhaibh call 3-0 ri Brasil ann am Miami.
Ged a thòisich Alba an ìre mhath, chaidh iad air dheireadh às dèidh seachd mionaidean is Scott McKenna air mearachd uabhasach a dhèanamh.
Ghoid Rayan am ball bho McKenna is chuir e gu Vinicius Jr e 'son a chur dhan lìon.
Bha Alba an uair sin fortanach gun tadhal eile gu math coltach ris a chall is Vinicius Jr a' goid a' bhuill bho Jack Hendry mus do stiùir e e seachad air Aonghas Gunnach.
Chaidh VAR an sàs gus co-dhùnadh gun robh Vinicius Jr air cas Hendry a bhualadh mus do ghabh e ball bhuaithe.
Cha robh dad ceàrr ge-tà air tadhal eile bho Vinicius Jr ann an ùine a chaidh a chur ris a' gheama aig deireadh na ciad leth is a' cur a' bhuill dhan lìon le chinn às dèidh do dh'Andy Robasdan am ball a thoirt seachad sa bhocsa.
A dh'aindeoin gach oidhirp bho Alba san dàrna leth 's iad Brasil a fhuair an treas tadhal den gheama is uair a thìde air a' chloc, Bruno Guimaraes a' toirt a' bhuill bho Choinneach MacIlleathain is e an uair sin ga stiùireadh gu Matheus Cunha 'son a chur dhan lìon.

Matheus Cunha leis an treas tadhal aig Brasil
'S e 3-0 a bh' ann aig deireadh na h-oidhche is Alba a' crìochnachadh san treas àite ann am Buidheann C le trì puingean is air -3 air diofar nan tadhal.
Bidh ochd sgiobaidhean san treas àite anns na buidhnean aca a' dol troimhe is bidh aig Alba a-nise ri feitheamh gu madainn Didòmhnaich 'son dearbhadh fhaighinn an tèid iad air adhart.
A rèir Opta co-dhiù tha cothrom 42% aig Alba adhartas a dhèanamh, ach cha robh Steve Clarke misneachail às dèidh làimh.
"Dh'obraich na balaich cho cruaidh san teas a bh' ann ach feumaidh sinn a bhith nas fheàrr ma tha sinn airson farpais aig an ìre seo," thuirt Clarke.
"Bha sinn math air a' bhall aig toiseach a' gheama ach an uair sin rinn sinn mearachd is chan urrainn dhut sin a dhèanamh aig an ìre seo.
"Gu cinnteach tha mise den bheachd gu bheil sinn a' dol dhachaigh."
Bha Calum Dòmhnallach ag aithris air a' gheama ann am Miami 'son BBC Radio nan Gàidheal còmhla ri Alasdair MacIllinnein.
Bha Calum den bheachd gun robh droch oidhche aig Clarke fhèin.
"Chaidh na co-dhùnaidhean mòra a rinn Steve Clarke ceàrr.
"Rinn McKenna mearachd. A' tòiseachadh Gannon-Doak, chan eil mi a' smaointinn gun do dh'obraich e idir.
"Agus chan eil mise airson John McGinn fhaicinn sa cheàrnaidh sin den phàirc do dh'Alba a-rithist - chan eil e ag obair."

Ann am beachd Chaluim, 's e cothrom caillte eile a th' air a bhith san fharpais do dh'Alba.
"Tha sinn air tòrr sgiobaidhean fhaicinn - Qatar, Cape Verde, Curaçao - a' feuchainn ri beagan adhartais a dhèanamh anns na geamaichean aca.
"Chan eil Alba air cluich faisg air an ìre air a bheil iad comasach.
"Sin an rud as motha a tha a' cur fearg air daoine, tha sinn air tighinn gu farpais mhòr eile is chan eil sinn air sealladh math a thoirt oirnn fhèin a-rithist."
Duilleagan eadar-lìn co-cheangailte
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadhBho chionn 1 latha

- Air fhoillseachadhBho chionn 4 làithean

- Air fhoillseachadh14 An t-Ògmhios
