Planaichean Ghearastan nan Camshronach a' dol an dàrna taobh

- Air fhoillseachadh
Tha am BBC a' tuigsinn gu bheil Oifis na Dùthcha air planaichean airson luchd-siridh comraich a chur a dh'fhuireach aig Gearastan nan Camshronach ann an Inbhir Nis a chur an dàrna taobh.
Fo na planaichean a nochd san Dàmhair an-uiridh bhiodh 300 fireannach a' fuireach sa ghearastan aig diofar amannan.
Bha seo mar phàirt de dh'oidhirp Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte taighean-òsta comraich a dhùnadh.
Nochd aig an dearbh àm plana gus luchd-siridh comraich a chur gu Campa Trèanaidh Crowborough ann an Sussex - rud a thachair bhon Fhaoilleach.
Dragh mu luchd-siridh comraich a bhith a' fuireach an làrach airm an Inbhir Nis
- Air fhoillseachadh28 An Dàmhair 2025
Sgeadachadh £1m air taigh-feachd far am fuirich luchd-siridh comraich
- Air fhoillseachadh29 An Dàmhair 2025
Bha na planaichean a thaobh Ghearastan nan Camshronach connspaideach bho thùs is ged a bha dùil an toiseach ri luchd-siridh comraich aig an làraich san t-Samhain, chaidh dàil air gnothaichean.
San Dùbhlachd bha iomairtean ann an Inbhir Nis an dà chuid aig buidhnean a bha airson is an aghaidh nam planaichean.
Bha deasbad ann cuideachd mu chead-dealbhachaidh airson an làrach a chur gu feum san dòigh seo.
Tha am BBC a-nise a' tuigsinn nach tèid na planaichean air adhart.
Ceistean às ùr mu Ghearasdan nan Camshronach
- Air fhoillseachadh6 An Gearran
"Dùbhlain ùra" an cois plana comaraichean a chur a dh'Inbhir Nis
- Air fhoillseachadh5 An t-Samhain 2025
Thuirt am BP Gàidhealach Aonghas Dòmhnallach gur e "an co-dhùnadh ceart" a th' ann.
"Thàinig seo air sgàth nam beachdan làidir a bh' aig muinntir an àite agus teaghlaichean airm le ceangal le Gearastan nan Camshronach, a chuir an cèill na draghan a bh' orra", thuirt e.
"Bha faireachdainn làidir san sgìre cuideachd gun robh an làrach dìreach ro fhaisg air meadhan a' bhaile, air sgoiltean, is far a bheil daoine a' fuireach.
"Bha e doirbh a thuigsinn gun robhar a' dùnadh thaighean-òsta comraich ann am meadhan bhailtean ann an ceann a deas Shasainn fhad 's a bhathar a' coimhead ri gearastan comraich fhosgladh ann am meadhan Inbhir Nis."
Chaidh beachd iarraidh air Oifis na Dùthcha.