Naidheachdan 11:00m

Teas

Tha sgìrean den Chuimrigh agus de mheadhan agus cheann a deas Shasainn a-nise fo ìre rabhaidh deirge - an ìre as àirde - ri linn na h-aimsire teth a tha gu bhith aca an-diugh. Tha dùil gum bi i a' tighinn faisg air 40C ann an àiteachan, ach gum bi i a' faireachdainn nas teotha na sin, gu sònraichte ann am meadhan bhailtean mòra. Tha an ìre rabhaidh as àirde a' ciallachadh gur dòcha gum bi beatha cuid ann an cunnart, agus gum bi buaidh air mòran sheirbheisean. Tha companaidhean dealain agus rèile air innse gu bheil dragh orrasan mu bhuaidh an teas air an uidheamachd aca. Chan eil an aon teas gu bhith ann an Alba, ach bha an-dè mar-tha mar an là a bu teotha den bhliadhna, aig 27C ann Dyce an Obar Dheathain. Tha dùil gun eirich an teas barrachd fiù 's a-màireach.

Na Làbaraich

Dh'innis fear den fheadhainn a bha ga mholadh airson seasamh an aghaidh Andy Burnham airson ceannas nan Làbarach gu bheil e a' cur taic a-nise ri Mgr Burnham airson na dreuchd. Thuirt Darren Jones, àrd-rùnaire dhan Phrìomhaire, gun robh e fhèin agus Mgr Burnham air bruidhinn agus gun robh a thaic aige a-nis. Tha fear eile, Al Carns, a dh' fhàg dreuchd mar mhinistear dìon bho chionn ghoirid, ag ràdh gu bheil esan fhathast a' beachdachadh air seasamh airson ceannas a' phàrtaidh.

Spiorad na Mara

Tha comhairlichean nan Eilean Siar an-diugh gu bhith a' beachdachadh air an iarrtas dealbhachaidh airson tuath-gaoithe connspaideach far chosta siar Leòdhais. Tha beachd na comhairle ga iarraidh le Riaghaltas na h-Alba, agus acasan ri cead a thoirt, no a dhiùltadh, airson tuath-gaoithe Spiorad na Mara. Tha oifigearan na comhairle air moladh dha buill comataidh dealbhachaidh Comhairle nan Eilean Siar cur an aghaidh an leasachaidh, agus iad ag ràdh nach eil e iomchaidh dhan làraich a chaidh a thaghadh.

Ebola

Tha ùghdarrasan na Frainge air cùis den ghalar ebola a dhearbhadh anns an dùthaich. Seo a' chiad uair a tha an galar air nochdadh aca bho thòisich sgaoileadh dheth ann am Poblachd Dheamocratach a' Chongo na bu thràithe air a' bhliadhna seo. Tha an euslainteach mar dhotair, a bha an sàs ann an obair cobhair ann am Poblachd Dheamocratach a' Chongo fhein. Tha iad gan cumail air leth bho dhaoine eile agus na h-ùghdarrasan ag ràdh nach eil mòran chunnart ann dhan mhòr-shluagh.

Sgeama taice

Tha sgeama ùr a' fosgladh an-diugh a tha ag amas air taic a thoirt do dhaoine ann an Alba a bhiodh airson a' chiad dhachaigh aca a cheannach. Tha an sgeama aig Riaghaltas na h-Alba fosgailte dha feadhainn a tha a' gabhal morgaids air dachaigh a bhiodh luach uiread ri £300,000. Bhiodh uiread ri £10,000 de thaic ri fhaotainn bhon sgeama, a bhiodh ri phàigheadh air ais an ceann sreath.