Alba an aghaidh Brasil: an ruith Baile Mheagsago a-mach à tacos?

Àrd-choidse na h-Alba, Steve ClarkeTùs an deilbh, PA Media
Fo-thiotal an deilbh,

Dh'fhaodadh Steve Clarke cliù a chosnadh mar a' chiad choidse gus sgioba na h-Alba a stiùireadh seachad air ìre nam buidhnean

LeAlasdair MacIllinnein
BBC SpòrsAg aithris àMiami, Florida
  • Air fhoillseachadh

Thathas an-comhnaidh ag ràdh ann am ball-coise gur e an ath gheama a tha romhad, an geama as cudromaiche. Chan eil càil nas cinntiche do sgioba nàiseanta fhireannach na h-Alba.

Tha fios aig sgioba Steve Clarke, ma thèid aca air puing a thogail an aghaidh Bhrasil ann am Miami, tha iad cha mhòr cinnteach air àite anns an ath-chuairt de Chupa na Cruinne airson a' chiad turais riamh.

Fiù 's ged a chailleadh iad, cho fad' 's nach e droinneadh a bhiodh ann, tha cothrom glè mhath aig Alba faighinn troimhe air trì puingean a-mhàin, mar fhear de na sgiobaidhean as fheàrr a chrìochnaicheas anns an treas àite.

Nan togadh iad na trì puingean an aghaidh an Seleção… uill, dh'fhaodadh gum fàs an leann a cheart cho gann ann am Miami 's a dh'fhàs e ann am Boston!

Vinicius Jr ann an trèanadh le sgioba BhrasilTùs an deilbh, Reuters
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Vinicius Jr aig Real Madrid am measg nan cluicheadairean as cunnartaiche an lùib sgioba Bhrasil

Eòlas agus Eachdraidh Bhrasil

Cha bheag an dùbhlan a th' air beulaibh Steve Clarke agus an sgioba. Tha iad a' coinneachadh dùthaich a tha anns a' chòigeamh àite ann an rangannan an t-saoghail, agus sgioba anns a bheil luach còrr air billean dolar.

Tha iad cuideachd a' dol an aghaidh dùthaich a tha air an fharpais seo a bhuannachadh còig tursan thairis air na bliadhnaichean – an dùthaich as soirbheachaile riamh aig Cupa na Cruinne, agus an aon fhear a tha air a bhith an lùib a h-uile farpais bho thòisich Cupa na Cruinne.

Tha bliadhnaichean ann bho bha iad a' cluiche aig àirde ge-tà. Chan eilear air Cupa na Cruinne a bhuannachadh bho 2002. Chan eilear air na h-iar-chuairtean deireannach a ruighinn ach aon turas bhon uair sin, nuair a chaill iad ris a' Ghearmailt 7-1 san dùthaich aca fhèin ann an 2014.

Spòrscast - Beò bho Miami

Dòmhnall Angaidh Moireasdan a' còmhradh ri Alasdair MacIllinnein agus Calum Dòmhnallach beò bho Miami, air thoiseach air gèam na h-Alba an aghaidh Bhrasil aig Cupa na Cruinne.

Cha robh an iomairt dearbhaidh aca cho buileach soirbheachail sin a bharrachd. Chrìochnaich iad sa chòigeamh àite anns an lìog dearbhaidh, deich puingean air dheireadh air Argentina.

A dh'aindeoin a h-uile càil a tha sin ge-tà, 's e sgioba làidir a tha aca am-bliadhna, fo stiùir fear de na coidsichean as fheàrr anns an spòrs – Carlo Ancelotti.

Tha dùil nach bi Raphinha aig Barcelona an lùib an sgioba a nochdas an aghaidh Alba agus e air a leòn. Tha a h-uile coltas ann gum faic sinn Vinicius Jr aig Real Madrid, a thuilleadh air cluicheadairean a leithid Matheus Cunha agus Bruno Guimarães, le Brasil ag amas air trì puingean gus an cothrom as fheàrr a thoirt dhaibh fhèin crìochnachadh aig mullach na buidhne.

Cothroman sgioba Steve Clarke

Bidh cothroman na h-Alba air rudeigin a thogail às a' gheama a' crochadh air cho comasach 's a bhios iad air astar Bhrasil a chumail fo smachd, gu h-àraid a-muigh air iomall na pàirce.

Faodaidh Andaidh Robasdan agus an còrr de loidhne dìon na h-Alba a bhith an dùil ri oidhche fhada, agus aig amannan duilich an aghaidh loidhne aghaidh chunnartach.

Aon rud a dh'fheumas Alba a dhèanamh nas fheàrr an comas ri na geamannan a dh'fhalbh, 's e greim a chumail air a' bhàla nas fheàrr nuair a gheibh iad an cothrom sin a dhèanamh.

Feumar cuideachd brath a ghabhail air cothroman a thig bho bhreaban oisein, agus breaban saor. Ma thèid aca air sin a dhèeanamh, agus air cumail teann aig a' chùl, dh'fhaodadh gum fàs an cuideam air Brasil mar a thèid an geama air adhart.

John McGinn le tadhal an aghaidh Haiti anns a' chiad gheama den fharpais do dh'AlbaTùs an deilbh, Reuters
Fo-thiotal an deilbh,

Dh'fhaodadh gum bi gu leòr anns na trì puingean a choisinn tadhal John McGinn gus Alba a thoirt troimhe

Oidhche eachdraidheil do dh'Alba?

Chan eil sgioba Albannach riamh air adhartas a dhèanamh a-mach à ìre nam buidhnean aig farpais mhòir sam bith. Sin cho mòr 's a tha an cothrom a tha air beulaibh an sgioba seo a-nochd.

Dh'fhaodadh gum bi fios ro dheireadh na h-oidhche air a bheil àite aig Alba an lùib nan 32 sgiobaidhean mu dheireadh. Dh'fhaodadh gum feumar feitheamh gu deireadh na seachdain gus a bhith cinnteach às.

'S ann anns a' Ghearmailt ann an 1974 a thàinig sgioba nam fear as fhaisge air faighinn a-mach à ìre nam buidhnean de Chupa na Cruinne. Chrìochnaich iad san treas àite anns a' bhuidhinn, air ceithir puingean, ach bha an sgaradh thadhal aca aonan na bu mhiosa na bha aig Brasil aig an àm, agus 's iad an Seleção a chaidh troimhe.

Bidh na milltean mòra ann am Miami, agus na milleannan mòra air feadh an t-saoghail an dòchas nach e sgeulachd coltach a bhios ann a-nochd fhathast, agus gun tèid aig sgioba Steve Clarke - agus an Arm Tartain - air an turas aca a dh'Aimeireagaidh a Tuath a dhèanamh beagan nas fhaide.

Agus mar a chuala sinn bho Chalum Dòmhnallach air Spòrscast Beò bho Miami, gur dòcha gun ruith Baile Mheagsago an uairsin a-mach à tacos mar a ruith Boston a-mach à leann.

Cluinnear an geama beò air BBC Radio nan Gàidheal is am prògram a' tòiseachadh aig 10:30 oidhche Chiadain.

Duilleagan eadar-lìn co-cheangailte