Riaghaltas na h-Alba an dùil gum bi co-chomhairle MPA "gu math connspaideach"

- Air fhoillseachadh
Thuirt Ministear na Mara is nan Eilean gun tèid co-chomhairleachadh air sgìrean dìon mara faisg air a' chladach a dhèanamh cho luath 's a ghabhas - is gu bheil Riaghaltas na h-Alba mothachail gum bi e "gu math connspaideach".
Bha an riaghaltas an dùil bho thùs co-chomhairleachadh a dhèanamh an-uiridh mu riaghailtean is ceumanan ùra ann an sgìrean dìon mara nas fhaisge air a' chladach.
Bheireadh seo buaidh air còrr 160 làrach a tha air an comharrachadh mar-thà.
Bha iasgairean anns na h-Eileanan an Iar agus Comhairle nan Eilean Siar am measg na thog dragh mun bhuaidh a dh'fhaodadh a bhith ann.
Thog cuid dragh gun robh riaghailtean ùra nas cruaidhe gus tighinn a-steach às dèidh dha poileasaidh connspaideach nan sgìrean HPMA a dhol an dàrna taobh.
Air a' cheann thall thuirt Riaghaltas na h-Alba gun robh an gnothach "dùbhlanach agus toinnte" agus nach biodh e comasach co-chomhairle a dhèanamh mus biodh taghadh Pàrlamaid na h-Alba ann.
Thog am BPA Uaineach Gillian NicAoidh an gnothach às ùr ann am Pàrlamaid na h-Alba Diciadain.
Thuirt i nach eil inbhe MPA an-dràsta a' cur dìon air àrainneachd na mara bho thràladh is dreidseireachd.
Dh'iarr i mìneachadh bho Mhinistear na Mara is nan Eilean air a' chlàr-ama airson co-chomhairle 'son sgìrean dìon faisg air a' chladach.
Dàil air co-chomhairle mu sgìrean MPA
- Air fhoillseachadh17 An Dùbhlachd 2025
Thuirt Jim Fairlie gu bheil e ag obair air a' cho-chomhairleachadh is gu bheil Rùnaire nan Cùisean Dùthchail air gealltainn gun tèid a dhèanamh cho luath 's a ghabhas.
Thuirt Mgr Fairlie ge-tà, gu bheil obair mhòr ri dhèanamh fhathast gus ullachadh.
Dh'fhaighnich BPA nan Eilean Siar, Dòmhnall MacFhionghain, dè bha Riaghaltas na h-Alba air ionnsachadh bhon "bhùrach de cho-chomhairle a bh' ann" a thaobh sgìrean HPMA ann an 2022/23.
Dh'aidich am ministear gu bheil dùil aig an riaghaltas ri beachdan gu math làidir.
"Tha mi ag ràdh le cinnt gum bi co-chomhairle ann thairis air an roinn gu lèir is gach roinn.
"Tha sinn gu math mothachail gum bi seo gu math connspaideach agus gum bi cuid gu math mì-thoilichte ge bith dè thachras.
"Tha sinn mar sin a' gabhail air ar sochair gus dèanamh cinnteach gu bheil sinn a' faighneachd nan ceistean ceart agus a' conaltradh ris na daoine uile a bhios an sàs".