Cothroman le trèanadh ann an cumhachd uaine

- Air fhoillseachadh
Tha cothroman trèanaidh ann an cumhachd uaine anns am bheil Urras an Rubha is Shanndabhaig agus an UHI an sàs air a thighinn am follais.
Tha còig àitichean rim faighinn air cùrsa hàidhdreaidein le amas sgilean ùra a thoirt dha luchd-obrach anns an roinn uaine.
Tha làn mhaoineachadh ann airson nan àitichean.
'S e Urras an Rubha agus Shanndabhaig à Leòdhas a tha a' sponsaireadh nan còig àitichean air a' PhDA ann an Hàidhdreaidean: Cùrsa Tòiseachaidh airson Teicneòlaichean.
Iadsan a tha air cùlaibh na tuath-gaoithe coimhearsnachd aig ìre choimearsalta as motha anns an Rìoghachd Aonaichte.
Tha an cùrsa pàirt-ùine air a ruith le UHI a Tuath, an Iar agus Innse Gall agus bidh e a' tòiseachadh aig deireadh na Dàmhair.
Feumaidh tagraichean a bhith a' fuireach anns na h-Eileanan Siar.
Thuirt an Dr Alasdair MacLeòid, eòlaiche hàidhdreaidein agus òraidiche aig UHI a Tuath, an Iar is Innse Gall: " 'S e cumhachd fìor chudromach a bhios ann an hàidhdreaidean anns an àm ri teachd, gu h-àraid anns na h-Eileanan Siar, a dh'fhaodadh a bhith aig ceann gluasad mòr gu hàidhdreaidean."
Bha an cathraiche aig Urras an Rubha agus Shanndabhaig, Tormod MacCoinnich, ag ràdh gu bheil cothroman mòra an lùib hàidhdreaidein agus gun bheil iad toilichte taic a chur ri daoine a tha airson a dhol an sàs ann.
Tha tuilleadh fiosrachaidh, taobh a-muigh air an làraich aig UHI a Tuath, an Iar is Innse Gall.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh20 An Cèitean 2025
