Maoineachadh dearbhte 'son ospadal ùr a' Ghearasdain

Togalach mòr fada le tòrr uinneagan. Tha coltas ùr air agus tha beanntann air a chùlaibh le sneachd orra.Tùs an deilbh, NHS NA GÀIDHEALTACHD
  • Air fhoillseachadh

Dhearbh Rùnaire na Slàinte, Angela Constance, Diardaoin gun cur Riaghaltas na h-Alba am maoineachadh a bh' air a ghealltainn mu choinneamh ospadal ùr anns a' Ghearasdan.

Gabhaidh an togalach ùr àite Ospadal a' Bhelford a tha mu 60 bliadhna de dh'aois agus nach eil freagarrach tuilleadh a thaobh fheumalachdan slàinte a' phobaill.

Cosgaidh e £137m agus thèid a thogail air làraich air a' Bhlàr Mhòr, faisg air Caol a' Ghearasdain.

Tha cead-dealbhachaidh aig NHS na Gàidhealtachd air a shon agus tha iad an-dràsta a' cur cùis-ghnothaich ri chèile.

Tha roinn tubaist is èiginn ùr-nòsach, seòmraichean-lannsa agus ionad màthaireachd am measg nam planaichean.

Tha luchd-iomairt slàinte air a bhith ag iarraidh ospadal ùr sa Ghearasdan fad bhliadhnaichean.

Chaidh bacadh a chur air planaichean leasachaidh a thaobh cùram slàinte air a' Ghàidhealtachd 's anns na h-Eileanan ann an 2024, nuair a chuir Riaghaltas na h-Alba dàil de dhà bhliadhna air sgeamaichean ùra ri linn duilgheadasan ionmhais.

Dh'adhbharaich seo fearg ann an Loch Abar. Ach chaidh maoineachadh a chur mu seach airson bliadhna-ionmhais 2025/26 airson an ospadail ùir.

Thuirt Bòrd Slàinte na Gàidhealtachd roimhe gur dòcha gun tòisich an obair cho tràth ris an Dàmhair an ath-bhliadhna ach chan eil clàr-ama sam bith dearbhte fhathast.

Tha cuideachd dòchas ann gun tig fios Diulain mu mhaoineachadh airson Ospadal an Dr Gray ann an Eilginn agus Ospadal Ghallaibh ann an Inbhir Ùige.