Dàil eile air prìosan ùr Inbhir Nis ga fhosgladh

Ìomhaigh dealbhaichte de phrìosan ùr Inbhir NisTùs an deilbh, SPS
Fo-thiotal an deilbh,

Ìomhaigh dealbhaichte de phrìosan ùr Inbhir Nis

  • Air fhoillseachadh

Thuirt Riaghaltas na h-Alba gun deach dàil eile a chur air fosgladh prìosan ùr Inbhir Nis.

A' bruidhinn aig Holyrood Diardaoin, thuirt Runàire a' Cheartais Niall Gray, nach eil dùil a-nis gum fosgail HMP na Gàidhealtachd chun an earrach 2027.

Thuirt e gur e duilgheadasan leis an obair-togail as coireach.

Bha còir aig an togalach a bhith air fosgladh ann an 2020.

Thèid am prìosan ùr faisg air Pàirc Bhùithtean Inbhir Nis an àite Phrìosain Phorterfield sa bhaile a tha còrr is 100 bliadhna a dh'aois.

Cosgaidh e còrr is £200m, sin ceithir uidhir 's a bha dùil sa chiad dol a-mach .

Tuilleadh air an sgeulachd seo