Naidheachdan 10:00m

Gearastan nan Camshronach

Chuir Ball-Pàrlamaid Inbhir Nis, Aonghas Dòmhnallach, fàilte air dearbhadh a fhuair e bho Oifis na Dùthcha gu bheileas air planaichean airson luchd-siridh comraich a chur a dh'fhuireach aig Gearastan nan Camshronach ann an Inbhir Nis a chur an dàrna taobh. Bha suas ri 300 neach-siridh comraich air an cur ann fo na planaichean, a dh'adhbharaich connspaid mhòr san sgìre. Chaidh beachd iarraidh air Oifis na Dùthcha.

Crithean-talmhainn

Chaidh co-dhiù 32 duine a mharbhadh agus 700 a leòn, aig an ìre seo, ann an dà chrith-thalmhainn mhòr a bhuail air prìomh bhaile Bhenesuela, Caracas. Chaidh mòran thogalaichean a leagail, agus tha dùil gun èirich àireamh nam marbh gu mòr. Tha luchd-teasairginn air a bhith a' siubhal an spruilich tron oidhche feuch daoine a lorg, 's na crithean air bualadh air saor-là poblach. Chaidh iarraidh air daoine fuireach a-muigh, agus dragh ann gum bi an còrr chrithean ann no gum bi gas ag aoidean.

SGG

Tha pàrantan ann an Glaschu le briseadh-dùil orra 's comhairle a' bhaile air innse nach tèid Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu a leudachadh mar a bha dùil. Bha obair a' leantainn fad bhliadhnaichean gus làrach ùr a lorg dhan bhun-sgoil airson seòmraichean is goireasan a shaoradh dhan àrd-sgoil air Sràid Bherkley. Ach dh'innis oifigich bhon chomhairle an-dè nach eileas den bheachd gum bi feum air an leithid tuilleadh.

Cupa na Cruinne

Tha luchd-leantainn sgioba na h-Alba a' feitheamh feuch co-dhiù am faigh iad a-mach à ìre nam buidhnean aig Cupa na Cruinne an dèidh dhaibh call 3-0 ri Brasil an-raoir. Ma gheibh b' e sin a' chiad uair riamh a rinn an sgioba nàiseanta sin ann am farpais mhòr. Dh'fhaodadh iad fhathast a bhith san 32 mu dheireadh ge-tà, 's iad san treas àite ann am Buidheann C. Thèid na h-ochd sgiobannan as fheàrr a tha san treas àite air adhart, ach cha tig fios le cinnt air sin gus an tig na geamannan mu dheireadh gu ceann mu 05:00m air an uair againne Didòmhnaich.

Ospadal

Tha luchd-iomairt ann an Loch Abar an dòchas gun tig tuilleadh fiosrachaidh am bàrr an-diugh mu mhaoineachadh airson ospadal ùr dhan Ghearasdan. Bidh Rùnaire na Slàinte, Angela Constance, a' bruidhinn aig Holyrood, agus mì-thoileachas air a bhith ann o chionn ùine mu chion mhaoineachaidh do phròiseactan bun-structair slàinte air Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan sna bliadhnaichean mu dheireadh. Tha cead-dealbhachaidh ann mar-thà airson an ospadail ùir, a th' air a bhith ga iarraidh còrr is 20 bliadhna, 's a thèid a thogail air a' Bhlàr Mhòr. Tha dùil ri fiosrachadh cuideachd mu mhaoineachadh do dh'Ospadal an Dr Gray ann an Eilginn agus Ospadal Inbhir Ùige.