Briseadh-dùil do phàrantan nach tèid Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu a leudachadh

Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu
LeAilean Peutan
Ag aithris àGlaschu
  • Air fhoillseachadh

Tha cuid de phàrantan ann an Glaschu air fìor bhriseadh-dùil fhaighinn agus comhairle a' bhaile air innse nach tèid Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu a leudachadh, mar a bhathar a' sùileachadh.

Tha a' bhun-sgoil agus an àrd-sgoil an-dràsta san aon togalach, tha e làn agus tha cuideam air goireasan.

Fad bhliadhnaichean a-nis, tha obair air a bhith a' leantainn gus làrach ùr a lorg dhan bhun-sgoil airson seòmraichean is goireasan a shaoradh dhan àrd-sgoil.

Thuirt a' chomhairle roimhe gum feumadh iad làrach ùr fhaighinn ro 2028.

Ach thathar a-nis ag ràdh nach eil feum air an sin agus iad a' meas gun tuit àireamh nan sgoilearan san àm ri teachd.

Ach tha pàrantan a' dol às àicheadh seo. Tha Catrìona NicÌosaig na ball de Chomhairle Phàrant Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu.

Tha an nighean aice a' dol dhan àrd-sgoil san Lùnastal agus tha Catrìona air a bhith an sàs ann an còmhraidhean mu làrach ùr dhan bhun-sgoil bho bha i san sgoil-àraich.

Thàinig co-dhùnadh na comhairle mar chlach às an adhar dhi.

"'S e briseadh-dùil cho mòr a th' ann," thuirt i.

"Bha e a-riamh fa-near dhuinn gun tachradh seo. 'S e an ath cheum gu math ciallach a bh' ann - gun robh an sgoil a' fàs agus gun robh feum air àite dha na sgoilearan.

"Sgoilearan na h-àrd-sgoile cuideachd 's chan ann dìreach air taobh na bun-sgoile."

Ged a dh' aidich Catrìona gu bheil nas lugha air a thighinn a-steach air clas a h-aon sa bhliadhna no dhà mu dheireadh, chan eil i idir a' gabhail ri beachd na comhairle gun tig lùghdachadh air àireamhan thairis air na bliadhnaichean a tha romhainn.

"Tha na h-àireamhan gu bhith ag èirigh a-rithist air a' bhliadhna seo tighinn," thuirt i.

"Agus cuir sin an dara taobh. Gu làitheil, tha buaidh air a h-uile sgoilear le mar a tha cùisean an-dràsta."

"Tha làn fhios aig a' chomhairle air an seo agus sin an rud a tha goirt agus doirbh gabhail ris. Tha a h-uile rud cho teann san sgoil."

Fireannach maol na sheasamh ann an trannsa. Tha lèine ghorm air.
Fo-thiotal an deilbh,

Alasdair MacGilleEathain, Comann nam Pàrant Ghlaschu

Tha Comann nam Pàrant Ghlaschu den bheachd gur e ceum air ais a tha seo, a rèir ball den bhuidheann, Alasdair MacGilleEathain.

Tha iad a' faireachdainn gu bheil na sgoilearan a' faighinn foghlam air leth bho na tidsearan agus tha iad ag aithneachadh nach eil e furasta a bhith a' dèiligeadh ri clann aois 4 gu 17 san aon àite.

Thuirt e: "Bha sinn an dùil gum biodh plana a' nochdadh airson dèiligeadh ris an sin. 'S e fìor dhroch naidheachd a th' ann nach bi seo a' tachairt."

"An àite plana, chan eil sinn a' faighinn ach beàrn gun gealladh sam bith gun tachair sìon an ceann dà bhliadhna."

Measadh na comhairle

Thuirt Comhairle Bhaile Ghlaschu gu bheil am measadh 's na modailean a rinn iadsan a' sealltainn gum bi gu leor rùm ann an Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu sna bliadhnaichean a tha romhainn.

Ach cha do mhìnich iad mar a ràinig iad an co-dhùnadh seo agus tha e fìor a ràdh gu bheil na h-àireamhan a tha a' leantainn orra le foghlam Gàidhlig, bho ìre na bun-sgoile gu ìre na h-àrd sgoile, an-còmhnaidh mì-chinnteach.

Bhiodh maoineachadh ri fhaotainn bho Riaghaltas na h-Alba gus làrach ùr a leasachadh. Ach às aonais tagradh bhon chomhairle, 's gun làrach dhearbhte, thuirt an riaghaltas nach eil dad ann ri dhèanamh.

Chan e sin deireadh na sgeòil ge-tà. Tha Catrìona is cuid a phàrantan eile airson fianas a thogail aig na h-ìrean as àirde.

"Tha e follaiseach nach eil ùidh aig Comhairle Bhaile Ghlaschu sìon a dhèanamh mun seo.

"Tha eagal orm gum feum sinn a dhol chun an riaghaltais agus bruidhinn riuthsan mu dheidhinn."