Conaltradh air plana 'son ionad hàidhdreaidein uaine an Inbhir Nis

Hàidhreaidean uaineTùs an deilbh, Getty Images
  • Air fhoillseachadh

Tha Comhairle na Gàidhealtachd a' sireadh bheachdan luchd-còmhnaidh Inbhir Nis air molaidhean ionad hàidhreaidein glan a stèidheachadh air talamh a' mhaith choitchinn.

Tha a' chompanaidh Storegga Hydrogen (Cromarty) Earranta airson pìos talmhainn fhaighinn air mhàl airson an leasachaidh.

Chleachdadh iad dealan ath-nuadhachail airson 6,400 tunnaichean de hàidhreaidean a dhèanamh sa bhliadhna

Bhiodh seo cudromach a thaobh a bhith a' dì-charbonachadh larach mhòr taobh a-staigh Raon Gnìomhachais an Longman.

Dh'fhaodadh an goireas 45,000 tunnaichean de dh'eimiseanan CO2 a ghearradh gach bliadhna - sin co-ionann ri bhith a' toirt 32,000 de charbadan connadh fosail far rathaidean na h-Alba.

B' àbhaist sgudal a bhith air a thìodhlacadh air an làraich a tha san amharc aca aig Longman an Ear an Inbhir Nis.

'S ann leis a' Chomhairle a tha an talamh fo Chairt Rìoghail an Rìgh Seumas VI bho 1591 agus, mar sin, thathar a' meas mar thalamh a' mhaith choitchinn.

Tha gu an 15mh den Iuchar aig muinntir Inbhir Nis am beachdan a chur gu Comhairle na Gàidhealtachd.

Gheibhear am pàipear conaltraidh agus fiosrachadh mun phròiseas an seo, taobh a-muigh.