2006
Chaidh ath bheothachadh a dhèanamh air clàr Radio nan Gàidheal. Leudaich an t-seirbheis gu bhith craoladh eadar 07:30 - 12:00 agus 14:00 - 23:00 gach là seachdaineach san Ògmhios.
2006
Chaidh an gèam ball-coise eadar Alba agus an Fhràing aithris beò ann an Gàidhlig air Radio nan Gàidheal.
23.06.07
Hiort: Opara Eòrpach - taisbeanadh ciùil-cleasachd stèidhichte air sgeulachd Hiort. Chaidh còig taisbeanaidhean co-amail a chur air an àrd ùrlar san Ostair, sa Bheilg, san Fhraing, sa Ghearmailt agus ann an Alba le ceanglaichean saideil beò à Hiort. Chaidh a' phròiseact a riochdachadh le Pròiseact nan Ealan agus a chraoladh beò le BBC Alba.
2007
Thairis air mìosan an Earraich agus an t-Samhraidh, ghluais luchd-obrach a' BhBC gu togalach ùr spaideil Pacific Quay air bruthaichean Abhainn Chluaidh Ghlaschu. Chaidh soraidh slàn fhàgail aig Slighe na Bànrigh Mairead le cèilidh sònraichte a chaidh a chraoladh beò air Radio nan Gàidheal. Air 18 Ògmhios, chaidh prògraman Gàidhlig a chraoladh beò airson a' chiad uair bhon togalach ùr.
13.12.07
Thug Radio nan Gàidheal agus Radio Alba a' bhliadhna Ceòl Alba 07 gu crìch leis a' chuirm Òrain Ghlaschu is Abhainn Chluaidh. Chaidh an tachartas seo a chraoladh beò air an rèidio agus tro bhidio air an eadar-lìon.
25.12.07
Chaidh am BBC iPlayer a chur air bhog gu h-oifigeil. Chithear prògraman a' BhBC slàn tron eadar-lìon airson suas ri seachd là as dèidh dhaibh a bhith air an craoladh.
07.01.08
Saorsa - chaidh a' chiad phrògram san t-sreath seo airson sgoiltean a chraoladh. B'e a' chiad phrògram Tbh Gàidhlig a chaidh a chlàradh ann an High Definition airson BBC ALBA.
28.01.08
Dh'aontaich Urras a' BhBC an t-Seirbheis Ùr Dhidseatach Ghàidhlig a chur air adhart mar cho-bhanntachd eadar am BBC agus Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig.
04.02.08
Chaidh seirbheis naidheachdan Gàidhlig ùr a chur air bhog air làrach-lìn BBC Alba.
19.09.08
Thòisich an sianal Didseatach Ghàidhlig - BBC ALBA
31.12.09
Chaidh am prògram Bliadhna Mhath Ùr a chraoladh beò bhon Òban air BBC ALBA, BBC Radio nan Gàidheal agus air feadh an t-saoghail air an eadar-lìon.
01.01.10
B' e Bliadhna nan Òran a bh' ann an 2010, is chaidh a chomharrachadh air BBC ALBA is Radio nan Gàidheal le bhith craoladh taghadh farsaing de phrògraman. Chaidh Òran an Là a chraoladh air Radio nan Gàidheal gach là thairis air a' bhliadhna agus chaidh an làrach-lìn bbc.co.uk/oran a chur air bhog san Ògmhios.
01.02.10
Chaidh clàr Radio nan Gàidheal a leudachadh gu bhith craoladh eadar 07:30 - 23:00 gach là seachdaineach.
21.12.10
An dèidh sgrùdadh air an t-sianal Ghàidhlig, thug Urras a’ BhBC cead airson BBC ALBA a chur air Freeview.
31.12.10
Chaidh cèilidh na Bliadhn’ Ùire a’ chraoladh beò à Uibhist a Deas air BBC ALBA, Radio nan Gàidheal agus air-loidhne.
BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.