27.04.40
Thòisich aithrisean fad chòig mionaidean dhe naidheachdan gu cunbhallach gach seachdain anns a' Ghàidhlig air Home Service aig 2230.
06.08.40
Escape to Ballachulish. Thog an Scottish War News Unit sgeul air clàr dhe shaighdearan a theich tarsainn na Frainge an dèidh Retreut St Valary. Bhitheadh iad a' bruidhinn Gàidhlig ri cach a-chèile agus a' leigeil orra gun robh iad nan Ruiseanaich.
1940
Anmoch
Bha An Comunn Gaidhealach ag agairt craobh-sgaoileadh anns a' Ghàidhlig a leudachdainn gu dà uair de dh'aithris nan naidheachdan gach seachdain agus uair a thìde de phrògraman Gàidhlig don chloinn. Mar thoradh air sin, thogadh ceist ann an Taigh nan Cumantan. 'S e am freagairt gun robh trì is cairteal uairean a thìde de Ghàidhlig air an craobh-sgaoileadh air Home Service agus 40 mionaid dhe cheòl Gaidhealach a thuilleadh air sin: b' e sin gu leòr. Nochd luaidh air cion Gàidhlig anns an t-seirbhis Forces Programme: b' e seo adhbhar-iongnaidh o chionn gun robh uimhir dhe Ghaidheil a' frithealadh dìon na rìoghachd air muir is air tìr.
11.05.45
Luaidh nan Gillean. Prògram a thug urram do ghaisgich Ghaidhealach na rìoghachd ann an cruth taghadh de dh'òrain. Home Service 2300-2315.
29.07.45
Chraobh-sgaoileadh seirbheis Ghàidhlig. Seo a' chiad uair a thachair sin ri linn sìth anns an Roinn-Eòrpa. (82 là an dèidh Buaidh san Roinn-Eòrpa)
17.10.49
Learning Gaelic. Sreath dhe phrògraman a chaidh a chroabh-sgaoileadh gach seachdain (le ath-chraobh-sgaoileadh Dihaoine): leasanan Gàidhlig le Eideard Purcell, agus Iain M MacGille na Brataich agus Eairdsidh MacEanraig ann.
06.06.51
Dràma Gàidhlig: An Tunnag Fhiadhaich. Eadar-theangachadh le Lachann MacFhionghain dhen dràma le Henrik Ibsen, "The Wild Duck".
24.03.52
Scottish Home Service: Dràma Gàidhlig: Cois Airidh air Crann le Lachann MacDhonnchaidh (a choisinn a' chiad duais ann am farpais-dhràma ann an rannan Gàidhlig a stèidhich Comhairle nan Ealain.)
09.10.52
Oraid air a' Mhòd Nàiseanta le Iain M MacGille na Brataich a' bruidhinn ann am Pàillean Baile Bhòid.
10.10.52
An leth-phàirt eile dhen Chèilidh Mhòr a bha an lùib Mòd Nàiseanta a' Chomuinn Ghaidhealaich ann am Baile Bhòid.
19.03.54
With Melodies in Islay. Prògram a Bogha Mòr ann an Ile - òrain Ghàidhlig is Bheurla.
14.08.56
A Gaelic Capital: oraid le James Shaw Grant air baile rìoghail Steòrnabhaigh ann an Leòdhas. B'e an riochdaire Robin Richardson.
20.11.57
Prospect for Lewis - sùil air na bhitheadh ron eilean as mò dhe na h-Eileanan an Iar. Ro-ràdh le by Iain Crawford. Deasaichte agus riochaichte le Archie P Lee.
1957
Chaidh aithris nan naidheachdan a lùghdachadh o gach seachdain gu gach mìos 'san Lùnastal.
1950an
Anmoch
Rinn am BBC rannsachadh feuch dè bha a dhìth ann an sgìrean far am bruidhneadh Gàidhlig.
BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.