Tasglann · History Timeline

English / Gàidhlig



01.03.00

Chaidh làrach-lìon Craoladh nan Gaidheal a chur air bhog as ùr.

28.05.01

Thug Niall Iain Dòmhnallach fuaimean ùra gu BBC Radio nan Gaidheal anns a' Chèitean leis a' phrògram ciùil Rapal. Tha Rapal, a tha gu sònraichte do dhaoine eadar 18 agus 25, a' tighinn beò à Steòrnabhagh bho Diluain gu Diardaoin gach seachdain.

08.10.01

Nochd a' chiad còig aonadan de Beag air Bheag air làrach-lìn BBC Alba san Dàmhair. Tha na h-aonadan a' toirt blas den Ghàidhlig do luchd-ionnsachaidh a tha aig ìre tòiseachaidh ann a bhith a' togail a' chànain.

21.02.02

Gruth is Uachdar - Chaidh Gruth is Uachdar, dràma ùr de shia phàirtean stèidichte air an leabhar Crowdie and Cream le Fionnlagh I Dòmhnallach nach maireann, a chraoladh sa Ghearran. Bha na prògraman a' leantainn sgeòil Fhionnlaigh is e na bhalach òg ag èirigh suas air Eilean na Hearadh eadar an dà chogadh.

02.05.02

Chomharraich Aileag, prògram radio òigridh BBC Radio nan Gaidheal, 10 bliadhna air an àidhear anns a' Chèitean le dà phrògram beò far an do thadhal cuid de na preseantairean a bh' air a bhith an sàs ann o 1992. Chaidh cuireadh a chur cuideachd don chloinn a bh' air bàrdachd a' sgrìobhadh airson an là mhòr seo an obair a' leughadh.

26.06.02

Thòisich Radio nan Gaidheal a' craoladh tron fheasgar eadar 2 agus 4 airson a' chiad uair air 26 Ògmhios. Thug an leudachadh seo uairean craolaidh an stèisein gu mu 3,400 uair sa bhliadhna. Bha am prògram 2 gu 4 a' toirt còmhradh aighearach, gàire agus ceòl pop chun luchd-èisteachd gach là bho Diluain gu Dihaoine.

2002

Bhon Lùnastal, bha Radio nan Gaidheal ri fhaotainn tro shaideal air EPG 889.

2003

Bhon Chèitean, bha Radio nan Gaidheal ri fhaotainn tro Freeview EPG 90.

2004

Ghabh a' bhuidheann ùr Seirbheis Meadhannan Gàidhlig àite an CCG.

2004

Bha 25 bliadhna ann bho thòisich Aithris na Maidne an toiseach.

2005

Nochd a' phròiseact Colin and Cumberland air an telebhisean agus air-loidhne. Thug a' phròiseact trì nàiseanan seo Gàidhlig, Gaelige agus Cuimris gu aire a' mhòir shluaigh.

2005

Chaidh a' chiad phròiseact trì mheadhanach a chruthachadh le BBC Alba. Bha làrach lìn an cois na sreath phrògraman telebhisein agus rèidio Aig Cridhe ar Ciùil.

2005

Chaidh am prògram foghlaim radio Litir do Luchd-ionnsachaidh a thairgsinn ann an cruth podcast airson a' chiad uair san Òg-mhios.

2005

Bha aithrisean a' tighinn beò bho thachartas an G8 ann an Gleann Eagais. Cuideachd, thàinig prògram Rapail beò à Murrayfield far an robh a' chuirm-chiùil iongantach Live8 a' gabhail àite san Iuchar.

2005

Thòisichear air gach prògram Eòrpa a thairgsinn air-loidhne airson suas ri seachd là às dèidh a chraolaidh san Dàmhair.

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.