Tasglann · History Timeline

English / Gàidhlig



1962

Bha prògraman Gàidhlig air an riochdachadh le Fred MacAmhlaigh (Priomh Riochdaire nam Prògraman Gàidhlig) agus dithis riochdairean eile; corra bhliadhna an dèidh 1970 's e telebhisean gu h-àraidh a bhitheadh an urra ri aonan dhiubh agus radio ris an neach eile.

07.03.62

A' chiad uair a nochd prògraman le Gàidhlig gun cheangal ris a' Mhòd Nàiseanta: Ceòl nan Gaidheal. Thug James Shaw Grant fàilte do luchd-coimhead anns a' Bheurla. Riochdaich Uisdean Mac a' Phì am prògram.

23.05.62

Festival of Scotland in London. Prògram de dh'òrain Ghàidhlig bhon chiad chonsairt dhen fhèill seo. Chuir Robin Russell fàilte air luchd-èisteachd.

05.03.63

Anns a' phrògram Forty Years thug Seumas MacThòmais sùil air 40 bliadhna dhe chraobh-sgaoileadh anns a' Ghàidhlig.

1963

Thàinig crannan-daingnichidh nan comharra an gnìomh anns an Eilean Sgitheanach (VHF), ann am Bail' a' Chaolais (telebhisean) agus anns an Oban Latharnach (VHF agus telebhisean).

1964

A' chiad phrògram dhe chaitheamh-tìde togarrach (light entertainment) air telebhisean: 'Se Ur Beatha

1968

A' chiad uair ann an 45 bliadhna a bha ball dhe Bhòrd-stiùiridh a' BhBC an Alba fileanta anns a' Ghàidhlig na, mar a dhearbh e le bhith gabhail òraid a mhair 10 mionaidean anns a' Ghàidhlig nuair a thàinig am Mòd Nàiseanta ann an Dùn Omhainn gu crìch.

06.12.68

Prògram air telebhisean: The Long Island. Ghabh Coinneach MacEalair cuairt tro na h-Eileanan an Iar.

1970

A' chiad shreath dhe phrògraman-telebhisein air gnothaichean an là: Bonn Comhraidh.

05.03.73

Roinn na Gàidhlig, prògram a chomharraich 50 bliadhna dhe chraobh-sgaoileadh anns a' Ghàidhlig.

1974

Ghluais prògraman-rèidio anns a' Ghàidhlig gu VHF uile gu lèir, ach air Didòmhnaich.

1975

Thòisich prògraman-sgoiltean anns a' Ghàidhlig air a' BhBC.

25.03.76

Thòisich BBC Radio Highland air craobh-sgaoileadh air VHF bho Inbhir Nis.

1976

Stèidhicheach Comataidh na Comhairle air Gàidhlig san Dàmhair

05.10.79

Dh'fhosgladh BBC Radio nan Eilean ann an Steòrnabhagh.

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.