02.12.23
A' chiad uair a chaidh Gàidhlig a chraobh-sgaoileadh, nuair a ghabh an t-Urr. Iain MacIlleBhàin on Ard Eaglais dhen Eaglais Shaoir Aonaichte ann an Obar Dheadhain searman dhe 15 mionaidean.
21.12.23
A' chiad òran Gàidhlig ann an craobh-sgaoileadh. (Bha an ro-ràdh anns a' Bheurla.)
1920an
Chuir Niall MacIll-Eathain prògram beag Gàidhlig, Sgeulachdan agus Oran, air bhonn.
1928
Chraobh-sgaoil am BBC consairtean agus na choisinn duaisean aig a' Mhòd Nàiseanta.
25.05.33
A' chiad drama Gàidhlig air an radio: Dùnach. Bha Iain M Bannerman na chleasaiche. 'S e Gòrdan Gildard an riochdaire, ged nach do thuig e facal dhen Ghàidhlig.
29.09.33
A' chiad chraobh-sgaoileadh air taobh a-muigh stiùideo on Mhòd Nàiseanta ann an Talla an Naoimh Anndra ann an Glaschu.
10.01.34
Thòisich sreath dhe shia leasanan de Ghàidhlig o I MacNeacail. Bhitheadh na leasanan sin anns a' Ghàidhlig agus a' nochdadh gach ceann-là deug.
01.10.35
Thòisich Eòghann Mac a' Phì air obair aig a' BhBC mar "Chuidiche Gàidhlig." 1935 Stèidhich am BBC Roinn Ghàidhlig.
07.06.36
A' chiad uair a rinn BBC Alba craobh-sgaoileadh a-muigh, nuair a chraobh-sgaoil iad seirbheis Ghàidhlig o Aba Eilean Idhe.
15.05.37
Chaidh cèilidh a chraobh-sgaoileadh à stiùideo. B' e Iain Mac Ille na Brataich fear an taighe.
1938
Stèidhicheadh Roinn na Gàidhlig ann an Glaschu.
30.11.39
Thòisich prògraman Gàidhlig dhe leth uair a thìde gach seachdain. Nam measg bha consairtean agus iomraidhean air naidheachdan na seachdain. Cha do nochd na prògraman seo ach air faide 261.1m.
02.12.39
Chaidh Music of Gaelic Scotland a chraobh-sgaoileadh. Sheinn Ailean MacRisnidh (tenor) agus chluich còmhlan de cheathrar air ionnsramaidean sreangach.
10.12.39
A' chiad sheirbheis-chràbhaidh anns a' Ghàidhlig ri linn cogaidh.
BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.