Gerald

Seall air na cairtean gnìomhachais ùr againn!

15mh Giblean 2008 16:00, Gerald

Cairtean gnìomhachais ùr Gerald

Fhuair mi cairtean gnìomhachais. 'S e latha eachdraidheil a tha seo dhòmhsa. Tha mi air ainm a dhèanamh dhomh fhìn mu dheireadh thall.

Tha iad seo cudromach. Tha a h-uile sgioba riochdachaidh a chaidh gu Sìona air innse dhuinn gu bheil iad luachmhor dha-rìribh. Tha iad a’ dearbhadh cò thu. Tha iad air am meas mar rudan glè chudromach ann an Sìona.

'S e an rud as fheàrr mun tè agamsa, nuair a thèid a tionndadh - m’ fhiosrachadh pearsanta ann an Sìonais!

Ag ullachadh

15mh Giblean 2008 16:00, Laura

Ma tha an teicneòlas freagarrach ann an Sìona, bhiodh sinn a' sùileachadh bhidio bhon sgioba gach latha fhad 's a tha iad ann ('s dòcha bho Dhiluain gu Dihaoine). Ach dh'fhaodadh nach bi cothrom aca sin a dhèanamh, agus nach fhaigh sinn ach teacsa agus dealbhan bhuapa air cuid de làithean. Cha bhi fios againn air an sin gus an tig an t-àm.

Tha e an urra riumsa na stuthan "pre-production" air fad a chur suas air an làraich. Tha mòran dhen teacsa agus bhidio ri eadar-theangachadh bho Bheurla gu Gàidhlig, seach nach eil comas Gàidhlig aig an sgioba air fad – 's iongantach gum bi e fada gun tog iad facal no dhà!

Gus an stuth air fad a dheasachadh ann an tìde, bha eadar-theangaiche a dhìth oirnn, ach cha robh sin na thrioblaid oir tha eòlas againn air duine no dhithis a bhiodh glè fhreagarrach.

dàng àn

(g. tasglann)

  • DiD
  • DiL
  • DiM
  • DiC
  • DiA
  • DiH
  • DiS
  •  
  •  
  • 1
  • 2
  • 3
  • 4
  • 5
  • 6
  • 7
  • 8
  • 9
  • 10
  • 11
  • 12
  • 13
  • 14
  • 15
  • 16
  • 17
  • 18
  • 19
  • 20
  • 21
  • 22
  • 23
  • 24
  • 25
  • 26
  • 27
  • 28
  • 29
  • 30
  •  
  •  
  •  

Gu bàrr na duilleig

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.