Gerald

Eadar-theangachadh

30mh Giblean 2008 3:00f, Gerald

An-diugh, tha sinn air a bhith beachdachadh air cuin a ghearras sinn ar prògraman. Tha fios ‘am dè tha sibh dol a ràdh – “cha do rinn sibh fhathast iad”.

‘S e an rud gu bheil e glè chudromach a bhith coimhead air adhart sa chlàr-ama agad. Cuimhnich gu feum thu aontachadh le luchd-deasachaidh cuin a bhios iad saor, feumar na dealbhan agus na tiotalan a dhealbh agus a dhèanamh. Cuideachd, chan e dìreach an sgioba againne a tha cleachdadh goireasan-deasachaidh BBC Alba an-dràsta – lìonaidh na h-oifisean deasachaidh an-àirde cho luath mun àm seo den bhliadhna agus bidh iad cho gann 's a ghabhas.

Tha duilgheadasan sònraichte againne leis an obair seo nach biodh agad air prògraman eile. Chan aithne do dhuine againn Mandarin a bhruidhinn, ach ‘s e sin a bhruidhneas an luchd-agallaimh againn. Bidh eadar-theangaire againn fhad ’s a tha sinn a’ fhilmeadh, ach dè mu dheidhinn nuair a thilleas sinn air ais an seo? Thuirt Seòras (a tha gar cuideachadh ann an Sìona) gun taip a’ chompanaidh aigesan ann am Beijing na h-eadar-theangaidhean againn fhad ’s a tha sinn ann an sin. Ach feumaidh iad a bhith gu math mionaideach airson nach toir sinn cho fada gan gearradh.

Tha sinn air bruidhnn ri boireananch eile a bhruidhneas Mandarin, gun fhios nach bi sinn feumach air a taic. Chuidich i luchd-obrach eile bhon BhBC nuair a rinn iad na prògraman iongantach Chinese School. Tha sinn an dòchas gun urrainn dhi ar cuideachadh leis an obair gearraidh.

Tha sinn air obrachadh a-mach nach eil againn ach dà latha airson film deich mionaidean a dhèanamh (tha seo a rèir na th’ againn de dh’ airgead agus obair eile a rinn sin mar-thà). Tha sinn den bheachd gun seall sinn dreachd den fhilm dhi a h-uile latha gus an cùm i sùil air mar a thèid na h-agallamhan a ghearradh. Bheir sinn latha dhuinn gus crìoch a chur air agus mearachdan sam bith a chur ceart. An uairsin, thèid sinn air adhart gun ath fhilm.

dàng àn

(g. tasglann)

  • DiD
  • DiL
  • DiM
  • DiC
  • DiA
  • DiH
  • DiS
  •  
  •  
  • 1
  • 2
  • 3
  • 4
  • 5
  • 6
  • 7
  • 8
  • 9
  • 10
  • 11
  • 12
  • 13
  • 14
  • 15
  • 16
  • 17
  • 18
  • 19
  • 20
  • 21
  • 22
  • 23
  • 24
  • 25
  • 26
  • 27
  • 28
  • 29
  • 30
  •  
  •  
  •  

háng huà

(g. facail feumail)

BBC iPlayer

Le BBC iPlayer, faodaidh tu programan sam bith a chaill thu san t-seachdain a chaidh a choimhead air-loidhne.

Gu bàrr na duilleig

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.