Maria

Leabhar feumail

28mh Giblean 2008 09:00, Maria

Thug mi Mini Atlas of the World leam gu m' obair an-diugh agus bha e gu math feumail nuair a bha mi a’ bruidhinn ris an treòraiche againn air a’ fòn. Bha e a’ moladh daoine agus àiteachan a bhiodh iomchaidh airson na sgeulachdan eadar-dhealaichte.

Nuair a tha thu ag ullachadh airson filmeadh, tha e cudromach gum bi deagh bheachd agad dìreach dè cho fada 's a bheir thu a’ siubhal bho àite gu àite agus dè an ùine a dh’ fheumas tu chur seachad anns gach àite gus a h-uile càil a tha dhìth ort fhilmeadh. Cho luath 's a tha am fiosrachadh seo agad, faodaidh tu clàr-ama a dhèanamh dhut fhèin a dh’ innseas càite am bi thu gach latha agus cò/dè bhios tu a’ filmeadh.

Sealladh à Sìona
Rathad ann an Sìona
Baile ann an Sìona

Bidh e duilich faighinn timcheall Sìona, an ceathramh dùthaich as motha san t-saoghal, as dèidh an Ruis, Canada agus na Stàitean Aonaichte leis na th’ againn de thìde. Tha e dualtach gum bi againn ri itealan a ghabhail a-mach 's a-steach às a h-uile àite. Ged a shàbhaileas seo tòrr tìde, bidh e cosgail agus feumaidh sinn a bhith cinnteach gu bheil airgead gu leòr sa bhuidseat.

An robh fios agad...

'S ann aig Sìona a tha an àireamh-sluaigh as motha san t-saoghal (1.3 billean), am monadh as àirde (Everest), tha crìochan aice le 14 dùthchannan eile agus bu chòir còig raointean-tìm a bhith innte, ach chan eil ann ach aon.

dàng àn

(g. tasglann)

  • DiD
  • DiL
  • DiM
  • DiC
  • DiA
  • DiH
  • DiS
  •  
  •  
  • 1
  • 2
  • 3
  • 4
  • 5
  • 6
  • 7
  • 8
  • 9
  • 10
  • 11
  • 12
  • 13
  • 14
  • 15
  • 16
  • 17
  • 18
  • 19
  • 20
  • 21
  • 22
  • 23
  • 24
  • 25
  • 26
  • 27
  • 28
  • 29
  • 30
  •  
  •  
  •  

háng huà

(g. facail feumail)

Treòraiche

Neach a bhios a' cur chùisean an òrdugh san dùthaich filmidh. Bho bhith a' lorg daoine a ghabhas pàirt ann an agallamhan agus a' lorg àitichean-filmidh gu bhith a' cur àitichean-fuirich air dòigh.

Gu bàrr na duilleig

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.