
Doneil a' bruidhinn ri camara agus blas Leòdhasach air a' chòmhradh aige.
Dè mu dheidhinn spring roll làn taigeis? Mmmm!
Leas Riochdaire Lìn
Tha uallach ormsa airson an stuth Gàidhlig a nochdas air an làraich-lìn. Bidh agam ris an teacs, fuaim, bhideo, dealbhan agus eile a chruinneachadh. Feumaidh mi cuideachd dèanamh cinnteach gu bheil na goireasan Gàidhlig gu lèir a tha dhìth orra aig an dealbhaiche agus an coder. Chan eil coltas ro thoinnte air an seo, ach faodaidh e bhith mar sin aig amannan!
[Tha Laura a-nis ag obair air làrach eile agus tha Seònaid a' leantainn oirre le làrach Sealladh air Sìona.]
Mo choimpiutair agus m' fhaclair Sìonais/ Gàidhlig . . . chan eil leithid de rud ri fhaighinn, tuigidh sibh!
Tha mi air a bhith san dreuchd seo aig BBC Alba airson faisg air 3 bliadhna a-nis. Tha mi air a bhith ag obair air grunn phròiseactan thar nam bliadhnaichean agus tha e a' còrdadh rium!
Bidh mi gu sònraichte ag obair an cois Cathie, Doneil agus Flòraidh, ach 's iongantach mura bi mi a' lorg cuideachadh bho Sean agus Del cuideachd.
BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.