Help / Taic

Facal Oirbh, BBC Radio nan Gàidheal, 18 Lùnastal 2009

Critheann

Critheann

Fàsaidh critheann suas gu mu leth-cheud troigh ann an àitichean bog. Tha cumadh dìreach oirre, ach sgaoilte a-mach nuair a dh'fhàsas i. Tha i furasta a h-aithneachadh chionns gu bheil na duilleagan aice caran air an oir, a' critheadaich agus a' dèanamh fuaim an ìre mhath fad na h-ùine.

Cha toigh le eòin a bhith a' neadachadh innte seach gu bheil i a' crathadh 's a gluasad daonnan. Anns a' Chuimrigh bha i air a h-ainmeachadh mar coed tafod marched, a' ciallachadh craobh a tha mar teanga boireannaich, oir chan eil i uair sam bith na tàmh!

Fàsaidh i luath agus bha i air a cur uaireannan airson fasgadh.

Tha am fiodh aotrom agus bha e air a chleachdadh ann an cairtean is ann am baraichean, agus anns na seann làithean airson lasadairean.

Chionns nach robh i a' dèanamh sradagan, glè thric 's ann de fhiodh crithinn a bha an cnap fiodh a bha a' dol ri roth cairt airson a stad air a dhèanamh.

Chan eil i air a cur mòran as a' bhaile mhòr chionns ma thèid critheann a chur ri taobh taighean tha na freumhan a' dol dha na drèanaichean agus a' briseadh phìoban.

Calltainn

Calltainn

Chan eil stoc ro mhòr air a' chraobh seo agus tha i a' briseadh a-mach bho uachdar na talmhainn ann an tòrr àiteachan. Chan eil i a' fàs am measg chraobhan eile ach ann an doireachan, no am preasarlach de challtainn.

Tha na duilleagan a' seargadh as t-fhoghar ach tha na cnothan calltainn math ri ithe. Bha i air a cleachdadh airson fasgadh do bheathaichean, agus airson connadh.

Bithear cuideachd a' cleachdadh bioranan calltainn airson taic a chur ri peasrach ann an gàrraidhean, agus airson cachaileithean a dhèanamh far am bithear a' rèiseadh each.

Bha Ruairidh MacNèill, Muile, ag ràdh gum biodh iad a' cleachdadh calltainn airson bataichean a dhèanamh, agus far am biodh cù feumach air a cheannsachadh chante gu robh feum aige air buille challtainn.

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.