Help / Taic

Facal Oirbh, BBC Radio nan Gàidheal, 18 Lùnastal 2009

Giuthas

Giuthas

Tha an giuthas uaine fad na bliadhna, agus eadar-dhealaichte bho chraobhan eile chionns gur e snàthadan an duilleach a th' oirre. Fàsaidh i ann an cumadh gu math dìreach is thig i gu àirde mhòr.

Fàsaidh i cha mhòr ann an talamh sam bith, ged a tha e doirbh a gluasad aon uair is gu bheil i air tighinn gu ìre chionns gu bheil a leithid a dh'fhàs os cionn na talmhainn.

Ma thèid a carachadh tha i buailteach tiormachadh.

Tha, agus bha, daoine a' cur fiodh giuthais gu feum ann an iomadach dòigh. Bhite a' dèanamh geataichean leis, agus pòlaichean an dealain, pàipear agus àirneis taighe.

Tha tòrr shaigheadan anns an fhiodh. Mar as motha a thig a-mach de mheanganan às an stoc, 's ann as motha a bhios saigheadan as an fhiodh.

Gabhaidh am fiodh lùbadh agus anns na seann làithean bhiodh iad ga cheangal sìos le sreang, 's an uair sin ga fhliuchadh 's a' leigeil dha tiormachadh, airson cumadh a thoirt air.

Caorann

Caorann

Tha caorann a' fàs gu nàdarrach air a' Ghàidhealtachd. Bha daoine a' creidsinn gun cumadh a' chraobh seo buidsichean agus gnothaichean os-nàdarra eile air falbh agus, air sgàth sin, bhiodh craobhan caorainn tric air an cur faisg air taighean.

Chan fhaodadh tu a gearradh sìos ma bha i timcheall an taighe agus bhite a' cur pìosan beaga dhith os cionn an dorais, is doras na bàthaich, is timcheall air soithichean a' bhainne, airson an dìon.

Bhathas a' creidsinn nam biodh tòrr dhearcan oirre gu leanadh droch gheamhradh.

Tha cumadh sgaoilte gu h-àrd oirre agus fàsaidh i gu mu leth-cheud troigh. Bidh i a' seargadh as a' gheamhradh.

Tha am fiodh aotrom ach làidir. Bha e air a chleachdadh airson aisealan cairt agus casan speal a dhèanamh. Tha e furasta a lùbadh agus a thoirt gu cumadh eile. Bha rùsg na craoibhe air a chleachdadh airson leathar a chartachadh, agus bha an rùsg agus na dearcan air an cleachdadh airson aodach a dhath.

B' e caisil-chrò a chante ris na seann eileatroman agus 's ann de chaorann a bha iad tric air an dèanamh.

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.