Seo an sgeulachd mar a dh'innis Fionnlagh MacLeòid i.
"Tha dà shìthean ann a' Siabost, sìthein Chapaigil, agus bha am boireannach seo a' coiseachd eatorra latha teth samhraidh, a rèir an t-seanchais, agus chuala i fuaim measradh a' tighinn às an t-sìthean.

Agus bha am pathadh oirre, 's thuirt i, "Is bochd nach robh mo phathadh air bean a' ghlugain," eil fhios agad, mar a tha glug am broinn soitheach dùinte no ann am mionach.
[Bha bodach à Nis a bha ag ràdh is e a' faicinn team an Taobh Siar, "Seall a' mheud a th' annta is glug a' bhainne ghoirt ann am mionach a h-uile duine aca!"]
"Is bochd nach robh mo phathadh air bean a' ghlugain!" agus thàinig a' bhean-shìth a-mach às an t-sìthean na h-èideadh uaine agus thabhaich i cuach bhlàthach air a' bhoireannach. Is dhiùlt am boireannach.
"Tha" ars ise.
Agus thuirt a' bhean-shìth, "Galar na tè a chuir a' chiad chìr chiadaoin na ceann ormsa, ma nì e cron ort."
Agus tha, "Dè an galar a tha sin?" thuirt am boireannach.
"Tha," ars ise, "galar a bhith gun mhac, gun nighean, gun ogha, gun iar-ogha."
Sin an galar a bha a' bhean-shìth ag ràdh a thigeadh oirre fhèin nan dèanadh a' bhlàthach a bha i a' tabhach cron air a' bhoireannach.
Sin a-nis, 's tha na sìtheanan ann a' shiud, 's tha sin fhathast as a' chòmhradh gu ìre."
Bha Ruairidh MacNèill, Muile, ag innse mar a chanadh iad mu chù a bha feumach air a cheannsachadh "Tha e a' feumachadh buille Challtainn!"
Bha e ag ràdh gu robh na seann daoine a' cumail a-mach gu robh buaidh mhòr aig Calltainn airson marbhadh nathraichean.
Thug e iomradh cuideachd air nathair Challtainn, sin nathair nach eil puinnseanta idir, fiù 's ged a bhìdeadh i thu.
Bha an t-easgann air fhaicinn mar dhroch iasg agus bha gu leòr ann nach robh airson a bhith ag ithe iasg air nach robh lannan, ged a bhite ag ithe langa a dh'aindeoin 's nach robh lannan orra.
BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.