Bha seileach no caol aig aon àm ri fhaicinn ann an leasan sònraichte air feadh nam bailtean. Is iomadh feum gu robh a' fiodh air a chuir, mar a fhuair Iain MacIlleathain a-mach bho Iain Murchadh MacAoidh.
Iain: Chan eil rian air, bhos cionn a h-uile craobh eile, nuair a sheallas sinn ris an taobh an iar 's na h-eileanan gu sònraichte, tha seileach is caol, chan eil rian air nach robh sin cho cumanta ri càil a bh' ann.
Iain M: Bha, bha, agus tha mi a' creids' gu robh, bha tòrr adhbharan air a' sin cuideachd. Agus far a bheil àite bog tha e air a chur agus thig e uabhasach math ri taobh bùrn no far a bheil, mar a chanadh sinn uaireigin, lèig-chruthaich.
Iain: Seadh.
Iain M: Nam faigheadh duine a-mach innte gan cur. Agus a' fiodh a bha seo, bha e bog ach bha e righinn, agus dh'fhàsadh e uabhasach aithghearr. Agus well an duilleag a-rithist, bha i caol fada. Chan eil mòran, tha duilleagan oirre a-mach tron t-samhradh ach tha iad an uair sin a' seargadh.
Ach ma tha sinn a' dol a bhruidhinn air an tè a tha crochte agus chì sinn feadhainn aca a tha uabhasach bòidheach ri taobh lochan no uisge, 's tha 'd àrd 's tha 'd crochte sìos agus tha mi a' smaoineachadh gur e sealladh cho brèagha 's a chì duine a th' ann, agus tha 'd furasta an cur.
Dh'fhaodadh duine sgealb a thoirt asta agus am briseadh an àrda as t-fhoghar, 's an ceann dà bhliadhna no trì tha craobhan againn a chuireas sinn ann an àite sam bith eile.
Iain: Tha sin ceart. 'S a' feum a bhiodh iad a' dèanamh dhen a' sin a-nis?
Iain M: O an t-uabhas feum. Well, as na seann làithean tha mi a' creids' gur e basgaidean 's clèibh a' rud bu mhotha a bha iad a' cleachdadh. Agus bha 'd uabhasach sònraichte airson sin. Ach an-diugh chì sinn iad ma tha sinn a' coimhead Sasainn a' cluich cricket, 's ann às a tha na bataichean a' tighinn.
Iain: Seadh.
Iain M: Ach rudan eile a bha uabhasach annasach agus cha do smaoinich mi air a-riamh gus am faca mi e, ma bha duine le cas fuadain no gàirdean fuadain, 's e sin a' fiodh a bha 'd a' cleachdadh.
Iain: An e gu dearbha?
Iain M: 'S e.
Iain: Well, bha sibh ag ràdh gu robh e righinn gun teagamh.
Iain M: Tha e righinn agus feumas e bhith gu robh e furasta obrachadh. Co-dhiù bha e furasta a lùbadh.
Iain: Bha.
Iain M: Agus rud a dhèanamh leis.
Iain: Bha. A' faod mi tilleadh mionaid gu, bha sibh a' bruidhinn air clèibh is basgaidean. Tha, tha cuimhne agam a bhith a' bruidhinn ri duine gu mionaideach mu dheidhinn mar a bhiodh iad a' fighe chlèibh. Agus 's ann ga fhighe a-mach 's a-steach, bha cur is dlùth ann mar gum biodh.
Iain M: Bha, bha.
Iain: Nise, na staingean a bh' as a' chliabh 's e sin, bha a' stuth a bh' ann a' sin na bu chursa, na bu ghairbhe.
Iain M: Bha.
Iain: An e seileach no caol a bhiodh a' sin cuideachd?
Iain M: 'S e, 's e.
Iain: Agus seileach na b' òige is na bu thaine as a' chur, mar gum biodh.
Iain M: As a' chur. Bha mise bho chionn dà bhliadhna no trì, bha sinn shìos ann a' Suffolk agus Norfolk agus tha an t-uabhas ann dheth ann a' sin, as na raointean a th' ann gu fada, agus bhiodh iad ga ghearradh gu math òg.
Ach bhiodh iad a' gearradh a' fear òg can am bliadhna, 's bhiodh iad a' dol a-mach agus dìreach ga stobadh ann an àite bog.
'S o, mas tigeadh ceann na bliadhna bha e a' fàs agus bhiodh iad a' cleachdadh sin airson an ath bhliadhna. Bhiodh iad an uair sin ga chuir ann am baths mòra agus ga chuir tro bladaichean.
Ach cha robh, bha 'd faidhear ga chuir ann an glaic, mar a chì sinn uaireigin bhiodh rud againn as a' chidsin airson geurachadh a' sgian àrain leis.
Iain: O tha, tha fhios agam air a' rud air a bheil sibh a' bruidhinn.
Iain M: Bha 'd ga tharraing tron a' sin 's bha a' rùsg a' tighinn dheth. 'S bha 'd an uair sin ga chuir a thaobh 's ga dhèanamh deiseil airson basgaidean is rudan dhen t-seòrsa sin a dhèanamh dheth.
Ach tha tòrr fèill air an-diugh. 'S e, tha an t-uabhas ga chleachdadh airson well... an-diugh tha e ann am basgaidean is sèithrichean is rudan dhen t-seòrsa sin.
Iain: Tha, a h-uile seòrsa rud tha sin.
Iain M: H-uile seòrsa rud.
Iain: B' àbhaist dha leasan sònraichte air an togail de chloich a bhith as na bailtean, ann an cuid a bhailtean co-dhiù. Agus bhiodh iad a' fàs a' chaoil ann a' shin.
Nise, tha mi a' smaoineachadh gur e an t-adhbhar a bha air cùl sin, gu robh iad airson na beathaichean, na caoraich is sin, an cumail air falbh bho na craobhan a bha sin fhad 's a bhiodh iad a' fàs. Agus an uair sin bhiodh caol aca airson a bhith a' dèanamh chlèibh 's mar sin air adhart.
Iain M: 'S e. Well, bha trì leasan air an t-sràid againn ann a' Siadar. Chan fhaca mi iad a-riamh a bhith gan cleachdadh, ach bhiodh pìosan caol a' fàs as a h-uile aon aca. Bha i furasta a faighinn, 's bha i furasta rud a dhèanamh leatha.
Agus bhiodh iad ga cleachdadh an uair sin airson rudan eile. Bha fear ri mo thaobh-sa, bhiodh allotment aige ann an Glaschu, 's bha e an còmhnaidh ga gearradh, pìosan dhith, nuair a bhiodh e a' cur tha peas no beans.
'S bhiodh e a' cur sin an taca leotha.
Iain: Bhiodh, bhiodh.
Iain M: 'S bhithinn ag ràdh ris, "carson nach tèid thu a-mach a cheannach feadhainn as na bùithtean?"
"Well," ars esan, "aig deireadh na bliadhna tha mise air m' fhàgail, chan a-mhàin le peas is beans, tha mi air m' fhàgail le craobh!"
BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.