Help / Taic

Facal Oirbh, BBC Radio nan Gàidheal, 30 Ògmhios 2009

Biastagan

Buntàta

An gràn dubh

Seo biastag a bhios a' nochdadh air bàrr a' bhuntàta. Bha Tormod MacLeòid à Tolastadh a' Chaolais, Leòdhas, ag ràdh ma tha ceithir casan air bàrr a' bhuntàta 's ma ghearras tu aon tè aca, chì thu i a' seacadh co-dhiù.

Ach ma ghearras tu i, chì thu na biastagan beaga grànda tha sin na broinn, faisg air a' chiad duilleag. Nì e milleadh uabhasach ach cha mhill e am bàrr gu lèir.

Tha e cumanta fhaicinn ann am buntàta a chaidh a chur ann an talamh glas no ann an talamh bàn agus bha Tormod ag ràdh gur ann bho larvae leòman a tha e a' tighinn.

'S e red rustic moth a bha aige air.

Beathaichean

Nathair

Tha tòrr chunntasan ann gu robh nathraichean as na h-eileanan uaireigin agus tha corra dhuine ann a mhionnaicheas gu faca iad nathraichean mòra as a' mhòine no as an fhraoch. Bha daoine a' creidsinn ann an cumhachd clach-nathrach agus bha abairtean ann mar "gaoth na nathrach" a bhiodh a' tighinn air daoine a bha ag obair as a' mhòine. Ach canaidh eòlaichean nàdair nach robh leithid a' rud ann.

Cliabh

Cliabh

Dronnag

Dh'fheumadh na boireannaich a bhith a' cur rudeigin eadar an cliabh a bha iad a' dol a ghiùlain agus an druim. Seo an dronnag. Uaireannan, b' e an còta-striop a thogadh iad suas 's a chuireadh iad na chnap air an cùlaibh airson taic a chumail ris a' chliabh.

Tric, ann an cunntasan dhaoine a bha a' tighinn chun na Gàidhealtachd, tha iad ag innse mar a bha e a' cur mullach mì-choltais orra gur e na boireannaich a bha falbh leis an eallach as a' chliabh agus na fireannaich rin taobh le pìob-chrèadh is smùid calcas na tombaca a' tighinn aiste!

Chluinte duine bha a' maoidheadh air cù, na fiù 's air clann, ag èigheach "Bheir mise air an dronnaig agad," oir tha dronnag cuideachd a' ciallachadh druim.

Biadh

Bàrr a' bhrisgein

Mus tàinig am buntàta bhite ag ithe bunan a' bhrisgein.

Seipean

Seo tomhais a bha aca air bainne no lionn.

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.